M’ Fhidhle | Bàrdachd

Fidhle
Sreath de dhàin le Alistair Paul

M’Fhidhle I

Is tusa as fhaisge orm a laigheas
Do chorp sìnte fo mo cheann
Is tusa a ghèilleas do mo mhiann
Do cheannsa air creathail mo làimhe
Is cùbhraidh ar tìde còmhla
Greisean ro ghann air an goid
Bho triall na beatha làitheil
Cniadaichidh mo mheòir do mhuineal
Is seinnidh thu gu binn nam chluais

M’ Fhidhle II

Tharraingeadh do chorp à cridhe craoibhe
Spruis is malpas uasal; beò, a’ bualadh
Cumhachd gluasachd buan na coille
Cagar mìle uspagan analach nad altan
Cuach nan gaothan luaineach nad chuislean
Iadhadh mall an àilidh thais is planntrais
Beathach sgeunach is biastag riaslach
Air an ceannseachadh fo làimh an neach-ciùird
Air an ath-dhùsgadh fo làimh an neach-ciùil

M’ Fhidhle III

B’ e cinneamhain a thug sinn còmhla
Nuair fhuair mi lorg ort; thu nad laighe
Nad chiste, nad thàmh, fad nan cian
Nad fhròg, uaigneach, fhuaraidh nad aonar
O chaidh do chompanach fa dheireadh air chall
Is dhùisg mi thu bho chadal an èig dhorcha
Gu bhith maille rium fad a’ chòrr de mo bheatha
Ach, mur còrd mi riut mar as còir lem chuid ciùil
Na caill do dhòchas thig cèile eile air mo chùl

– Alistair Paul

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach