Mac an Duine Saoghalta | Sgàire Uallas

Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ foillseachadh nan sgrìobhadairean a bhuannaich Duaisean Litreachas Comunn Oiseanach Oilthigh Ghlaschu uair eile. Is e Sgàire Uallas à Toronto a bhuannaich an duais airson bàrdachd agus an fharpais gu lèir le dàn cumhachdail, smaoineachail. Meal do naidheachd a Sgàire!

Mac an Duine Saoghalta
Le Sgàire Uallas

Ma dhealbhadh mac an duin’ a dhuslach,
’s gun do thàirneadh às an ùir sinn,
b’ ann da dheòin a thruailleadh duilleach
los ubhal a chreach ’s a mhealltainn.

An e bonn ar nàdair a bhith nar n-ànraich;
mar mholag a bheanas ri mòran ’s a shlìobas beagan
’s nach fhidir a h-aon?

No an gràineileachd e;
a chuireadh air bhog a dh’olc no a dh’èiginn le
fonn ga fhuadach
teaghlach ga fhuasgladh
clann ga sgaoileadh?
Le dùthchas bhith ga èigneachadh?

‘S iomadh sluagh a chaidh dhì-fhreumhachadh ’s ath-cheannachadh;
an aon spiorad annt’ ach e air dubhadh
an aon mhiann annt’ ach e gun choileanadh,
’s an fheadhainn a sgapadh a’ seòladh thar chuan aineoil
’s an fheadhainn a dh’fhàgadh a’ caochladh ri foill ar saoghail
gun teirig an sloinneadh a dh’innseadh cò thu.

Nuair a shaobhas eòlasan eòlas,
’s a chlaonas cleachdadh cridheachan,
thig seachdnar ragair air thoiseach ceithir each
a mhùchadh na falamhachd.

 

Share

One thought on “Mac an Duine Saoghalta | Sgàire Uallas

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach