
Aig ceann na bliadhna a thug e chùl dhan bhonaid a choisinn cliù dha, tha Calum a’ dèanamh cluas ri claisneachd ris a’ cheòl a b’ fheàrr o 2015 – Bowie, Adele, Kendrick, cò eile?
Clàran na bliadhna:
Kendrick Lamar – To Pimp a Butterfly
“Now I run the game, got the whole world talking”
Aig toiseach na bliadhna, ’s dòcha nach robh an t-uabhas de dhaoine seach na h-Aimeireaganaich eòlach air Kendrick Lamar, ach dh’atharraich sin gu tùr nuair a chuala sinn uile King Kunta airson a’ chiad turas. A-nis, ’s e Lamar aon de na prìomh luchd-ciùil hip hop as cliùitiche san t-saoghal. Ged gur e clàr caran dorcha a th’ ann an To Pimp a Butterfly, tha tòrr òrain air a thogas gàire mar Alright agus The Blacker The Berry. Tha gliocas sna faclan, agus tha riochdachadh a’ chlàir sònraichte math, agus e a-nis stèidhichte aig mullach an t-saoghail hip hop.
Ann an 2004, chuir Kanye West a’ chiad chlàr aige air bhog, agus tha dìleab leantainneach air a bhith ann bhon uair sin. Chanainns’ gum bi daoine fhathast a’ bruidhinn mu dheidhinn To Pimp a Butterfly san aon dòigh ann an deich bliadhna eile.
Father John Misty – I Love You, Honeybear
“How many people rise and say
‘My brain’s so awfully glad to be here
For yet another mindless day?’”
B’ àbhaist dha Josh Tillman a bhith a’ cluich nan drumaichean airson a’ chòmhlan Fleet Foxes, ach tha e fada na bu chomasaiche air beulaibh microfòn. ’S e sàr-sgrìobhadair a th’ ann an Tillman, agus ’s urrainn dha sgrìobhadh mu thèama sam bith, uaireannan san aon òran. Tha na h-òrain air a’ chlàr seo làn mhulad agus làn eirmse, agus chan eil na fuinn dona nas motha. Dh’aidich e gum bi e a’ sgrìobhadh mar charactar eadar-dhealaichte, agus ’s dòcha gur e sin an t-adhbhar a tha Tillman cho onarach ’s a gheibh sinn ann an saoghal a’ chiùil sna làitheans’. Clàr iongantach.
John Grant – Grey Tickles, Black Pressure
“There’s nothing more comforting than to know, know you exist in this time, in this place”
Chan eil beatha fhurasta air a bhith aig John Grant. Tinneas HIV, strì le feisealachd, trom-inntinn, drugaichean, deoch-làidir, tha e air a dhol tro iomadh suidheachadh duilich. Ach tha e follaiseach gu bheil e nas toilichte a-nist’, agus tha sin ri chluinntinn air a’ chlàr Grey Tickles, Black Pressure. Ceart ma-thà, tha fhathast òrain ann mu dheidhinn mì-thoileachas agus fearg, ach tha iad a’ tighinn à àite rud beag eadar-dhealaichte. Tha e coltach nach eil Grant a-nis a’ faireachdainn duilich dha fhèin, agus ’s e sin a tha ag adhbharachadh clàr uabhasach tlachdmhòr. ’S e Disappointing aon de na h-òrain a b’ fheàrr a chaidh a chlàradh am-bliadhna.
Bidh e a’ cluich còmhla ri Rachel Sermanni aig Celtic Connections air an t-siathamh latha air fhichead dhen Fhaoilleach. Na caillibh e.
Everything Everything – Get To Heaven
“Oh baby, it’s alright
It’s alright to feel like a fat child in a pushchair
Old enough to run
Old enough to fire a gun”
Feumaidh sibh èisteachd ri faclan nan òran turas neo dhà mus tuig sibh dè fon ghrèin a tha Jonathan Higgs (seinneadair a’ chòmhlain) a’ seinn mu dheidhinn. Ach fiù’s aig a sin, chan eil mi buileach cinnteach fhathast a bheil fios aig Higgs dè tha e a’ seinn mu dheidhinn. Ach le Get To Heaven, tha clàr pop sgoinneil a tha adhartach agus eadar-dhealaichte bho chòmhlan sam bith eile a chluinnes sibh ann am Breatainn an-dràsta. ’S e seo còmhlan a tha a’ fàs nas fheàrr is nas fheàrr le gach clàr a chuireas iad air bhog, agus chan eil aon òran dona air Get To Heaven. Cuiribh oirbh ur brògan-dannsaidh is èistibh riutha.
Rachel Sermanni – Tied to the Moon
“You are young, you do not know
I wish you did not have to grow
get so tall, and out of reach
still I will keep the cradle”
Tha Tied to the Moon gu math diofraichte bhon a’ chiad chlàr a rinn Rachel Sermanni. A thaobh ciùil, tha e tòrr nas cruaidhe, nas dealanaiche, agus nas glice ann an dòigh. Tha i air fàs nas sine air a’ chlàr seo, agus tha e doirbh a chreidsinn nach eil Sermanni ach fichead ’s a ceithir bliadhna a dh’aois fhathast.
Ach ’s ann air na h-òrain slaodach, milis a sheasas guth Sermanni a-mach ge-tà. ’S e òran brèagha a th’ ann an Old Ladies Lament, agus tha an t-òran Ferryman air leth math. Bliadhna shoirbheachail eile airson Sermanni.
Orain na bliadhna:
“David Bowie – Blackstar”
“Something happened on the day he died
Spirit rose a metre and stepped aside”
Ceart ma-thà, ciamar a mhìneachas mi an t-òran seo ann an loidhne neo dhà? Leis an fhìrinn innse, chan eil faclan ann. Tha an t-òran deich mionaidean a dh’fhaide, agus tha mi air èisteachd ris cha mhòr deich air fhichead tursan, agus a’ bhideo a choimhead mu dheich. Chan eil sìon a dh’fhios a’m fhathast dè tha tachairt. Ach saoilidh mi nach eil fios aig duine dè tha dol air adhart ann an ceann Bowie.
Ach, mar a tha e a’ dèanamh le gach clàr, tha e a’ feuchainn rudan ùra. Agus tha e fhathast ag obair. Tha an duine craicte, agus ’s math sin.
Adele – When We Were Young
“Everybody loves the things you do
From the way you talk
To the way you move”
Agus bha e coltach nach b’ urrainn dha Adele càil ceàrr a dhèanamh am-bliadhna. Ged a thug e ceithir bliadhna an clàr 25 a chur air bhog, mu dheireadh thall, chuala sinn am-bliadhna e, agus b’ fhiach feitheamh ris.
Air an òran When We Were Young, chan urrainn dhomh cantainn gu bheil càil ceàrr leis. Na h-innealan ciùil, an riochdachadh, na seinneadairean eile, agus an guth cumhachdach a th’ aice. Tha e follasaich gu bheil obair mhòr a’ dol a-steach dha gach òran a chlàras Adele, agus leis cho nàdarra is àbhaisteach ’s a tha i, tha i airidh air gach soirbheachas a thig.
Libertines – Gunga Din
“Ah fuck it, here we go again”
“Seo sinn a’ dol. A-rithist.” Ach, tha aon rud eadar-dhealaichte. Chan eil drugaichean neo còmhstrì a’ milleadh nan talantan aig na balaich. ’S e òran Libertines a tha seo, dìreach mar a b’ àbhaist dhaibh a bhith gan sgrìobhadh. ’S e sgrìobhadairean sgileil a th’ annta, ach chan urrainn dhuibh sèist an òrain a sheachnadh. Feumaidh sibh seinn còmhla ris.
Chunnaic mi iad ann an Glaschu o chionn ceithir mìosan, agus ’s e cuirm shònraichte a bh’ ann, agus bha e math Doherty fhaicinn cho slàn fallain. ’S fhada a mhaireas tha mi an dòchas.
Tame Impala – Let It Happen
“Maybe I was ready all along”
Gu dearbha bha Tame Impala deiseil airson 2015. Chuir iad clàr miorbhaileach air bhog, agus chluich iad air feadh an t-saoghail. ’S e seo a’ chiad òran air a’ chlàr Currents, agus ged a mhaireas an t-òran cha mhòr ochd mionaidean, chan eil e diog ro fhada. Cho math ri òran a chuala sinn ann an 2015 bho na h-Astràilianaich.
CHVRCHES – Leave a Trace
“And you had best believe
That you cannot build what I don’t need”
Bha e an-còmhnaidh gu bhith inntinneach fhaicinn ciamar a bha CHVRCHES a’ dol a leantainn air bhon a’ chiad chlàr aca a bha uabhasach fhèin soirbheachail. Rinn iad clàr làn òrain a lìonas stèideaman spòrs, ach ’s e Leave a Trace am fear as fheàrr. Tha an guth binn aig Lauren Mayberry a’ fiotadh a-steach dhan seòrsa-ciùil cho math, agus cluinnidh sibh an t-òran air stèiseanan reidio airson greiseag mhòr fhathast. Chan e rud dona a tha sin.
Tha obair mhòr aca ri dhèanamh fhathast, gu h-araid air na consairtean beò aca. Ach tha “world domination” ri thighinn.