Fiolm | Mad Max: Rathad Ràis

“Thalla is faic Mad Max : Fury Road an-dràsta! Thalla! Thalla! Dè tha thu a’ dèanamh nad shuidhe an-sin fhathast – siuthad! Tha e chrome!” Tha Eòghan caran excited mun fhiolm ùr a-rèir coltais. “Abair Latha, Abair Latha Alainn!”

Cha robh an crùth ùr aig Air an Rathad a’ còrdadh ris a h-uile duine.

Cha robh an crùth ùr aig Air an Rathad a’ còrdadh ris a h-uile duine.

Tha a h-uile mac màthar air artagail a sgrìobhadh mu Mad Max : Fury Road – tha sinn ag iarraidh a bhith dàna air seo, agus chan fhaca mi fiolm cho dàna is cho dathach o chionn fhad an t-saoghail.

Tha mi air a bhith ga mo mhilleadh le popcorn Marvel o chionn fhada – adventures nan Avengers, gleans nan Guardians, ìoranas Iron Man – formula, formula – coltach ri pinnt de phòrtair MhicAonghais, ’s fhiach e òl agus e aig deagh ìre – ach chan eil fear dhiubh ga losgadh nad inntinn.

’S e sin a bhios ealain cheart a’ dèanamh – a’ fuireach leat, ga do thathaich – agus ’s ann mar sin a tha Fury Road – ìomhaighean, fuaimnean, briathran, dathan – a’ tighinn thugad ann am boillsgidhean nuair nach eil thu an dùil. Tha George Miller air tilleadh dhan Fhranchise a thòisich e ann an 1979 le Mel Gibson a’ cluich poileas-rathaid a’ feuchainn ri cumail beò ann am fàsach Astràilia an dèidh an apocalaips, agus ’s mathaid gu bheil e air am fiolm as fheàrr a rinn e na bheatha a dhèanamh. (Mo leisgeul ma tha thu garbh measail air Happy Feet no Babe!).

Tha làrach auteur ri fhaicinn air an fhiolm. Tha an Saoghal a’ tighinn beò tro loidhne an-siud ’s seo, “guzzo-line”, na balaich òga, na “Warboys” a’ fulang le tumourathan aillse ris an canar “Halflifes”, na bodaich-rocais bheò a nochdas tron cheò air trostanan gun sgeul air cò iad no cò às an tàinig iad. chan eil a h-uile càil air mineachadh air neo tha earbsa ga chur anns an luchd-coimhid gun tog iad an saoghal aca fhèin nan cinn. Agus ’s fheàirrde e ri linn sin.

Ma bha thu a’ sireadh fear airson pàirt cho cudromach a ghabhail (na beachdan neònach aige ann no às, ’s e cleasaiche sònraichte a tha ann am Mel is tha bòtannan làidir aige ri lìonadh), chan fhaigh thu nas fheàrr na Tom Hardy – tha e dèante, tapaidh agus comasach beachd a thoirt seachad le caogadh sùla. Tha e stòlda, solt, seasgair.

’S e Hardy an acair a chumas am fiolm rèidh, a chionn ’s nach e seo an sgeulachd aige a th’ ann – ’s e sgeulachd caractair Charlize Theron, Imperator Furiosa a tha ann agus ise a’ feuchainn ri slànachadh fhaighinn. Mar tè tha ainmeil airson a bhith cho spaideil agus a’ nochdadh ann an sanasan cùbhraidh, mar a chunnaic sinn ann an Devil’s Advocate no Monster, chan eil eagal orra a bhith a’ dol calg-dhìreach an-aghaidh sàr-ìomhaighean Hollywood na pàirtean. Agus abair thusa ann am Fury Road, tha a ceann air a rùsgadh agus tha i leth-ghàirdean, agus a bheil fhios ’ad air seo, chan eil e gu diofar.

Chan eil ciorram Furiosa air a mhìneachadh –agus gu dearbh, chan eil e a’ toirt oirrn a bhith a’ faireachdainn duilich dhith. Gu dearbh, tha sinn a’ toirt meas dhi le a cuid chomasan – leth-ghairdean ann no às. Ann am fàsach far a bheil daoine mar Max a’ gabhail dragh gu bheil iad air an daonnachd a chall, tha am fiolm a’ meas a h-uile duine co-ionnan – boireannaich, fir, ciorramaich, fulangaich aillse – agus tha rud aca uile a chur ri coimhearsnachd – ge b’ e cho neònach is a tha e.
Tha tòrr deasbaid a’ dol mu dheidhinn Mad Max: Fury Road agus mu dè cho cumhachdail is a tha e mar fiolm boireannaiche. Tha e a’ faighinn seachad air an deuchainn Bechdel co-dhiù, ach nach bu chòir a’ mhòr-chuid de dh’fhiolmaichean a bhith san latha a tha ann?

Mad-Max-Fury-Road1-600x889-2

Cha do thog mi sin, chan fhaca mise ach film far an robh daoine a’ co-obrachadh agus a’ tighinn tro dhuilgheadasan còmhla –ach ’s cinnteach gun do chuir e ris an fhiolm gun robh caochladh math de charactaran làidir ann, fireann agus boireann – mar a bhios Max fhèin ag ràdh “Chan eil ach aon nadir ann – maireann” – ’s coma leis a’ bhàs gnè. Thalla is coimhead air fhad ’s a tha e fhathast anns an taigh-dhealbh.

Mar a thuirt George Miller, a’ togail air rud a bha aig Hitchcock fhèin, bha e airson gum biodh am fiolm air a dhèanamh “gus nach biodh aca ri coimhead air na fo-thiotalan anns an Iapan.” Mo mhiann as dèidh seo a choimhead? Gum bi ar luchd-riochdachaidh agus stiùirichean anns na meadhanan Gàidhlig a’ coimhead ri Fury Road agus a’ feuchainn ri beagan brosnachaidh agus spionnaidh a thoirt às. Chan eil mi a’ ciallachadh gum bi a h-uile prògram a’ nochdadh fàsach post-apocalyptic agus càraichean coirbte is stunts cunnartach. (Ged as cinnteach gum biodh “Air an Rathad” air a dhèanamh nas fheàrr ma bha aig Linda chòir ri dhol air War-rig tron Fhàsach le Murray agus na gillean eile agus Dol Eòin a’ cluich giotàr flamethrower air Doof Wagon fad an t-siubhail .) Ach nam faiceadh sin cuibhreann de mhac-meanmna is spiorad anns na prògraman againn, b’ fheàirrde sinn uile.

Eòghan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach