Madainn Dihaoine

toirbheartanEil thu fo bhròn? Tog do cheann, tha an strì a’ cumail roimhpe.

O chionn còig bliadhna air fhichead, an turas mu dheireadh a bha an uimhir de ghorm a’ truailleadh mhapaichean poilitgeach na h-Alba madainn Dihaoine, sgrìobh Calum Dòmhnallach an t-òran “Àrd”.

Ged a bha e sgith “le cuid smalan, mi-mhisneachd is bròn,” as dèidh do dh’Iain Major a’ tilleadh gu cumhachd, bha e cuideachd làn chinnt gun robh “spiorad nan daoine nas soilleir na gealach, nas doimhne na ’n cuan, Gheibh sinn ar n-àite ’san t-saoghal ‘s an ginealach ùr.” agus chuir e na briathran sin ann an òran togarrach, brosnachail. ’S fhiach e èisteachd ris a-rithist an-diugh.

Ma tha thu fhèin fo bhròn an-diugh, tog thu fhèin on làr air a bheil thu nad shineadh. Tha ana-cheartas mun timcheall oirnn, tha bochdainn agus dìth-chòraichean na dhìteadh oirnn, agus an cultar a bhios a’ fàgail air daoine a bhith a’ bhòtadh airson na Tòraidhean le cogais ghlan. Nam bheachd fhèin, agus tha thu làn dìth-bheathe a bhith a’ dol nam aghaidh leis na beachdan seo (agus le cinnt bidh daoine nas fhiosraichte na mise mu na cùisean seo), ach tha an t-àm ann don Phàrtaidh Nàiseanta a bhith raidigeach agus a bhith ag obair a dh’ionnsaigh structaran taic nan Tòraidhean , nan oighreachdan mòra a thoirt às a chèile, am fearann a thilleadh dha na daoine, agus an aon rud a bheir Ceann an Ear-Thuath air ais riutha, na cuantan a thilleadh dha na daoine cuideachd le bhith a’ sbaid gun sgur airson còraichean iasgaich. Bu chòir dhaibh a bhith a’ leantainn orra leis an strì an aghaidh nan Oraistich le laghan nas fheàrr airson gràin-creidimh a pheanasachadh, agus feumaidh Nicola agus Kez suidhe sìos, còmhla ri Pàdraig, argumaidean mu reifreann a chur dhan dara taobh agus feuch air an deamhann chunnartach sin Davidson a stad. Ma gheibh na Tòraidhean oirleach sam bith de slat-riaghlaidh na h-Alba, bidh an ceòl air feadh na fidhle airson Gàidhlig.

O chionn trì seachdainean, tha ar Gàidhealtachd air a bhith fo sgàil eile, an aon sgàil nach teich sinn idir ach a thàinig gun rabhadh air dithis ro òg às na coimhearsnachdan againn fhèin. Briseadh-cridhe cho mòr a dh’fhairich sinn o chionn fhada. Chan urrainn dhuinn ach tomhas air a’ bhròn is a’ phian aig teaghlaichean Eilidh NicLeòid à Barraigh agus Donnchadh Roger às a’ Ghearasdan. Fois shiorraidh dhaibh. Ach faodaidh sinn cuideachd neart a tharraing on dòigh san robh co-fhaireachdainn agus co-thruas a nochdadh eadar daoine air feadh coimhearsnachdan eileanach agus coimhearsnachd na camanachd aig àm cho dorch. Dà choimhearsnachd air an reubadh a chèile ach gan toirt còmhla, a’ cur nar cuimhne ar daonnachd shiorraidh. Is e sin an duais tiamhaidh a tha againn. Tha rudeigin buan annainn nach do smal iad fhathast, feumaidh sinn an t-sradag ùr sin a lorg anns an dorchadas.

Feumaidh sinn a bhith daingeann, ge b’ e cò a tha ann an cumhachd ann an Àireamh a Deich no Taigh Bhòid – tha cànan againn ri bhrosnachadh tro chleachdadh is ionnsachadh, tha clann againn a thogail le deagh ghean is deagh Ghàidhlig, tha coimhearsnachdan againn ri dhion is ri neartachadh agus tha nàimhdean Gàidhealach is Gallta againn ri sgiùrsadh le smaoineachadh soilleir agus briathran làidir, agus mar a thuirt an Dòmhnallach ann an òran eile “an tìr cho ùr dhomh ’s a bha i nuair a bha mi nam phàiste,” tha Alba fhathast àlainn agus feumaidh sinn a còr a sheasamh. Na gèill ’s tu beò. Gus am bris an là agus an teich na sgàilean.

 

  • Eòghan
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach