Mairead Bhàn Ailleanach

Chaidh an dàn seo a sgrìobhadh bho chionn ceud bliadhna aig àm a’ Chogaidh Mhòir le saighdear à Arainn. ‘Na chuid bhàrdachd chuir an t-ùghdar an cèill na faireachdainnean aige ma dhachaidh is ma leannan agus mar a bha iad seo ga chumail a’ dol tro oillt a’ chatha.

B’ e measgachadh de Bheurla is Gàidhlig a bh’ anns an dàn bho thùs, a tha air eadar-theangachadh air fad ann an Gàidhlig an seo. Chaidh Gàidhlig an dreachd thùsail a sgrìobhadh gu fuaimneachail is chan ann san dòigh ghnàthach, agus le seo tha e follaiseach nach robh comas aig an ùghdar an cànan aige fhèin a sgrìobhadh, ged a bha e comasach gu leòr Gàidhlig a chleachdadh gu h-ealanta.

 

A' Chiad Chogadh

 

Mairead Bhàn Ailleanach

Cho màlda ri lus nan leac air na mòintich

Nas binne na clagan cròidhearg air fraoich

Cho soilleir ri gath grèine air sùmainn samhraidh –

Mairead bhàn mo ghaolach agus gràdh mo chridh’.

Sèist

Mo mhùirnean, àilleanach, mo chaileag òg aighearach

Àilleanach, mo mhùirnean, slàinte dhut gu bràth

Mo dhìleas, m’ aiteas, is an saoghal dhomhsa i –

Mairead bhàn mo ghaolach agus gràdh mo chridh’.

 

Cho sèimh ri gaoth an iar air gleann a h-àraich

Cho maoth ris na bileagan air an t-sòbhrach

Mar ghreollan air gallaran, is aighearach i

Mairead bhàn mo mhùirnean, agus gràdh mo chridh’.

 

Cho allail ri ban-ìmpire, cho eireachdail ri banrighinn,

Cho fìorghlan ri aingeal, cho fial na mèin;

Is prìseil do dhlùth is dhàimh, nas prìseile dhòmhsa i

Mairead bhàn, àilleanach, agus gràdh mo chridh’.

 

Ged tha mi còmhnaidh a-nis air ceàrnan cèin

Far bheil cath na corraich ’s glaodh nan canon ann

Measg ùpraid fhuilteach, is tusa mo bhrìgh

Mairead bhàn aoibhinn, agus gràdh mo chridh’.

 

Cha gleadhraich a’ bhatail no ìomhaigh an dochainn’

a chaisgeas mo smuaintean bho thilleadh gu Arainn:

Air ais dhutsa gu bòidhchead a glinn ’s an àirigh –

Mairead bhàn mo leannan, agus gràdh mo chridh’.

 

Smuaintean a bhrosnaicheas mi an aghaidh an nàimh,

Nach cluinn mi do ghuth a’ cagair gu sèimh? –

‘Air adhart son Bhreatainn, Arainn, dachaigh is mi’

Mairead bhàn Arainn, agus gràdh mo chridh’.

 

B’ fhearr leam m’ ainm air rola na h-onair,

Na cliù no meas a chosnadh am measg fhear;

Air adhart a-nis Bhreatàinia, bàs no buaidh –

Mairead bhàn mo pheata agus gràdh mo chridh’.

 

Ma lorgas peilear siùbhlach tàmh ’nam chom,

Na caoidh le cràdh – comharraich mi mar bu chòir;

Nas àirde na bàs saighdeir, cha ghabh e a bhith

Mairead bhàn m’ aiteis, agus gràdh mo chridh’.

 

Ach ma ghleidheas nèamh mi bho uisge a’ bhàis,

Agus an sgleò phuinnseanach – anail an donais,

Tillidh mi dhachaigh gu Arainn, thusa is sìth –

Mairead bhàn ghaolach agus gràdh mo chridh’.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach