Malcolm X | Leth-cheud Bliadhna

Leth-cheud bliadhna on a chaidh a mhurt ann an Nuadh Eabhrac, tha cliù agus buaidh Mhalcolm X air sìor-fhàs – tha Eòghan a’ toirt sùil air a bheatha is a bhàs agus a’ beachdachadh air na dh’ionnsaicheadh na Gàidheil bhuaithe.

657px-Malcolm_X_NYWTS_4

“Is math a’ cholaiste am prìosan
’s fhad o dh’aithnich mi fhìn sin
ach thig buaidh leis an fhìrinn
a dh’aindeoin innleachd nan daoi”

Tha na faclan sin aig Màiri Mhòr air a bhith a’ tighinn thugam o chionn latha no dhà. Disathairne sa chaidh, bha mi an làthair aig tìodhlaiceadh Choinnich “Duchan” Mhic a’ Phearsain ann am Port Rìgh. Fear iriosal, dìleas a bh’ ann agus bha sin air a chomharrachadh leis na h-uimhir a bha ann airson urram a thoirt dha.

Latha àlainn a bh’ ann, soilleir, gun sgleò – an t-Eilean air an robh e cho measail agus a bha measail airsan a’ coimhead cho foirfe ’s a chunnaic mi riamh e.

East facing slope of Ben Lee - geograph.org.uk - 1403786

Agus air feadh an latha dhuilich, ghrianaich ud, bha m’ inntinn a’ tionndadh a-rithist is a-rithist gu Òran Beinn Lì. B’e Coinneach am mac a b’òige do Mhairead Nic a’ Phearsain, air an robh cliù mar “The First Lady of Crofting” air feadh na Gàidhealtachd, agus bha a shinnsearan air taobh athar an-sàs ann an Strì an Fhearainn agus an latha iongantach sin aig Blàr a’ Chumhaing nuair a sheas na croitearan an còraichean, agus còraichean gach Gàidheil ,an aghaidh fòirneart na h-oighreachd is na h-Ìmpireachd.

Cuideachd, thug an rann seo o Òran Beinn Lì orm smaoineachadh air fear, coltach ri Màiri Mhòr, a dh’ionnsaich cho math ’s a bha a’ cholaiste mar phrìosan. Is esan Malcolm X, agus air an aonamh là air fhichead den Ghearran seo, bidh leth-cheud bliadhna ann on a chaidh a mhurt air beulaibh a mhnaoi agus an cuid chloinne ann an Nuadh Eabhrac.

Thàinig mi gu fileantachd anns a’ Ghàidhlig as t-Samhradh 2002, agus mar fhear òg, fichead bliadhna a dh’aois, bha mi a’ tighinn gu rèiteachadh le m’ fhèin-aithne ùr mar Ghàidheal, mar chuideigin a thàinig o theaghlach Gàidhealach ach aig nach robh Gàidhlig a’ fàs an àird, fear òg a dh’atharraich litreachadh ainm o Ewan gu Eòghan. ’S ann an uairsin a cheannaich mi “The Autobiography of Malcolm X” le Alex Haley, mu fhear a rinn an dearbh rud le ainm fhèin.

692px-Malcolm-x

Rugadh e ann an 1925 mar Mhalcolm Little agus tha an sgeul aige a’ tòiseachadh ann an Ceann a Deas nan Stàitean agus mar a chaidh athair Mhalcolm a mhurt leis an Ku Klux Klan, agus mar a chaidh a mhàthair a chur gu taigh-cuthaich. Gille air leth comasach san sgoil, nuair a dh’innis e do thidsear gun robh e airson a bhith na fhear-lagha, ars an tidsear “no realistic goal for a n*gg*r.”.

Chaill e a shlighe gu mòr, a’ dol an-sàs ann an eucoir agus mèirle ann an Harlem, ag obair fon fhar-ainm “Harlem Red”, (bha falt ruadh deàlrach air, dìleab o shinnsear geal Albannach o thaobh a mhàthar, a thàinig o thràillean Dhiameugach) ach bha e air leth comasach air sin cuideachd, mus deach a ghlacadh leis a’ phoileas agus a chur dhan phrìosan airson deich bliadhna.

’S ann anns a’ phrìosan a thachair e ris a’ chreideamh aig an Nation of Islam (NOI), air a ruith leis an fhear, Elijah Muhammed. Cha b’ e Ioslam ‘ceart’ a bha seo, bha e na bu choltaiche ri cult stèidhichte air cleachdaidhean Ioslamach ach thug an creideamh ùr seo buaidh mhòr air Malcolm, a bha uair cho an aghaidh creidimh gur e “Satan” a thug na geàrdan air. Chuir e às dhan dara ainm aige agus chuir e X na àite, ’s e a’ riochdachadh an t-sloinnidh Afraganaich a bha air chall.

Ann an iomadh seadh thug na Muslamaich Dhubha buaidh mhath air Malcolm. Thug iad dha am miann a bhith ag ionnsachadh agus a’ foghlam a-rithist – choisinn e na speuclairean ainmeil a bhiodh e a’ cosg le bhith a’ leughadh o mhoch gu dubh ann an dorchadas a’ phrìosain agus thug iad dha rudan nach robh air a bhith aige fad bhliadhnaichean; modh, structar, agus dòigh-ghiùlain a bha aithnichte airson a bhith gu math foirmeil agus ceart.

Ach cuideachd thug iad dha droch fheallsanachd, a mheas gum b’ e daoine geala “diabhlan nan sùilean gorma” agus gum bu chòir daoine dubha agus daoine geala a bhith fa leth.

Cha do ghabh a h-uile duine ris na bha Malcolm ag ràdh, ach thòisich an NOI a’ sìor-fhàs, agus ’s e Malcolm a bu choireach. Dh’fhàs iomadh duine san NOI farmadach leis mar a bhiodh Malcolm a’ nochdadh air prògraman TBH agus air Radio agus bhiodh na beachdan aige gan sgaoileadh leis na meadhanan – thug iad “an duine as cunnartaiche ann an Ameireaga” air, ach bha iad fhathast tuilleadh is deònach àrd-ùrlair a thoirt dha – coltach ri mar a bhios am BBC a’ toirt cothrom do Farage. Bha connspaid anns gach rud a thuirt Malcolm ach gu tric ged nach robh an fheallsanachd air a chùlaibh ceart, bha firinn anns na faclan aig. Ge-tà, cha robh Malcolm a’ creidsinn idir ann am beachd Mhàrtainn Luther King Jr, gum b’ fheàirrde neo-fhòirneart seach fòirneart – gu dearbh bha Malcolm den bheachd gur e fòirneart an cànan aig na daoine geala, agus gu math aithghearrach, ’s e fòirneart an aon chànan a thuigeadh iad. ’S e barail Mhalcolm nach robh aisling Ameireaganach ann don Duine Dhubh, cha robh ann ach trom-laighe, agus cha robh e diùid seo a chur an cèill.

MLK_and_Malcolm_X_USNWR_cropped

Chaidh e ro fhada nuair a chaidh an Ceann-suidhe Ceanadach a mhurt ann an 1963, thug Malcolm luaidh air mar gun robh “ na cearcan a’ tilleadh chun na spiris” ri linn dol-a-mach Ameireaga aig an taigh agus air feadh an t-Saoghail.

Aig a’ cheann thall, thug am beachd seo air Malcolm dealachadh o Elijah Muhammad, a chuir casg air o bhith bruidhinn ach cuideachd, thug an casg air Malcolm turas a thoirt o ghràin gu gaol, turas nach do mhair ach bliadhna gu leth mus deach a ghearradh sìos le murtairean on NOI ann an talla-dannsaidh ann an Harlem an 1965.

Bha Malcolm air a bhith ag ionnsachadh is a’ leughadh mu Ioslam Sunni o chionn bliadhna, agus le bhith a’ fàgail an NOI, ghabh e an cothrom a dhol air an Hajj gu Mecca. Mhothaich e an uairsin do mar a bha Elijah Muhammad air creideamh Ioslamach a choirbeadh agus nuair a chunnaic e daoine de gach dath ann, dubh, donn, buidhe, fiù ’s geal le sùilean gorma ag adhradh is a’ dèanamh moladh air an Hajj thug seo air atharrachadh gu tur.

A bharrachd air a dhol na Mhuslamach Sunni, chuir e a chùl ris an fheallsanachd gun robh an Duine Geal olc, ghabh e aithreachas mòr airson gràin-cinnidh a chur an cèill. “Rinn mi iomadh rud mar Mhuslamach Dubh às a bheil mi duilich a-nis… saoilidh mi gu bheil cead aig duine amadan a dhèanamh às fhèin cho fad ’s gu bheil e deònach a’ chosgais a phàigheadh. Chosg e dusan bliadhna dhomh.”

Thòisich e a’ faicinn na strì airson còraichean nan daoine dubha mar strì airson còraichean a’ chinne-dhaonna, seach còraichean sìobhalta, shiubhail e ann an Afraga agus anns an Roinn-Eòrpa, bhruidhinn e air feadh an t-Saoghail, thug na Nigerianaich ainm ùr air, Omowale, a’ ciallachadh seo; am mac stròdhail, am mac a tha air tilleadh dhachaigh.

Ach mar a bu mhotha a dh’fhàs a chliù, ’s ann a bu mhotha a dh’fhàs an cunnart on NOI. Bhiodh a bhean Betty Shabazz a’ faighinn bhagairtean bàis gu làitheil aig an taigh. Nuair a thill Malcolm o thuras gu Sasainn an t-seachdain ro bhàs, chaidh a dhachaigh a chur na theine. Chaill an t-athair dicheallach e fhèin, a’ càineadh Elijah Muhammad agus an NOI gu poblach. Cha robh fada aige san t-Saoghal às dèidh sin. Dh’aithnich e fhèin sin. Ach cha do ghèill e.

Cha d’ fhuair ach an triùir a mhurt e am prìosan – ach tha amharas ann gun robh làn thaic aig Elijah Muhammad do an ionnsaigh, agus gun robh an FBI a’ dèanamh farchluais air agus nach tug iad rabhadh dha gun robh cunnart den leithid ann.
Bha an t-adhlacadh aig Malcolm ann an Harlem, far an robh e na bhumailear òg agus far an robh e na mhinistear urramaichte. Bha na mìltean an làthair. Nuair a rinn a charaid, an cleasaiche Ossie Davies, am marbhrann dha, thug e urram dhan fhear a bha ann nuair a fhuair e bàs, fear le cridhe fosgailte ach aig an robh spìorad buan. Fear a rinn ìobairt dheth fhèin airson a shluaigh. Fear a chuir sìol a dh’fhàsadh le ùine agus a thigeadh leis an Earrach.

Ma tha aon teachdaireachd ann a thog mi fhìn o Mhalcolm is e fèin-spèis an rud a bha e a’ teagasg, agus is e sin an t-ionnsachadh bòidheach as urrainn dhuinn mar Ghàidheil a thogail. Feumaidh sinn a bhith pròiseil às ar cànan agus ar cultar, agus an uairsin bidh a h-uile duine eile san aon rud. Ma tha sinn ga toirt beò, chan urrainn dha nàimhdean nan Gàidheal a chantail gu bheil i marbh. Mar a thuirt Malcolm fhèin; “Chan urrainn dhuinn smaoineachadh gun tèid gabhail rinn le càch mus seall sinn an toiseach gun do ghabh sinn rinn fhìn.”

Rinn Malcolm sin agus ’s e sin a rinn muinntir a’ Bhràighe cuideachd. Is treasa tuath na tighearna agus bu chòir dhuinn cuimhneachadh air sin. Gun cuidich sinn ar cànan ann an dòigh sam bith a tha deatamach.

– Eòghan Stiùbhart

Mural Malcolm X - Ella Baker - Martin Luther King - Frederick Douglass.jpg
Mural Malcolm X – Ella Baker – Martin Luther King – Frederick Douglass” by Tony Fischer“We Who Believe in Freedom Cannot Rest”. Licensed under CC BY 2.0 via Wikimedia Commons.

Share

One thought on “Malcolm X | Leth-cheud Bliadhna

  1. Pingback: Sùil air 2015 | Dàna |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach