Mànran – An Dà Là | Lèirmheas

manran

A bheil “An Dà Là” dhà-rìreabh air tighinn air Mànran? Chan eil buileach, ach tha iad a’ gabhail ceum mòr air adhart leis a’ chlàr ùr phoilitigeach aca. Tha Eòghan air a bhith ag èisteachd ris.

Thug sinn sùil air Dotaman Mòr a’ Chiùil Dhuthchasaich an-uiridh le seinneadairean a’ tighinn is a’ falbh às na diofar chòmhlain a bhios a’ cluich ceòl traidiseanta is ceòl Gàidhlig. Tha Skipinnish air tilleadh le clàr singilte ùr “Alive” le Norrie Tago MacIomhair air a’ mhic (agus le bhideo Dhòmhnaill Eòghainn na chois cuideachd, mar bu dual) ach dè mu dheidhinn an t-seann chòmhlain aige, Mànran? Uill, tha iad air tilleadh cuideachd agus mar shamhla air a’ chrathadh mhòr a thàinig orra, ’s e tiotal iomchaidh a th’ anns “An Dà Là” airson a’ chlàr ùr aca.

Tha Gary Innes fhathast ann air a bhogsa-ciùil ge-tà agus tha Eòghainn MacEannraig air èirigh mar phrìomh sheinneadair a bharrachd air a bhith a’ seinn na pìoba agus a’ cur gleus air an fhidheall – thogadh e fonn à cloich ar leam. Mar sin, chan eil iad ag ionndrainn an Tago idir – tha iad air ceum dàna a ghabhail agus tha sin a’ tighinn troimhe.

dealbh le Eoghainn Robasdan

Ged is an dithis Abraich Chlùitich a gheibh a’ mhòr-chuid de dh’aire, nuair a nì thu èsiteachd, tha thu a’ mothachadh gu bheil pìob-uileann Raithean Ó Murchu àrd anns a’ mheasgachadh gu math tric.

Feumaidh mi ràdh gu bheil cuid mhath de na puirt a’ tighinn is a’ falbh gun cus buaidh a thoirt orm seach gun do chòrd iad rium, bha mo chorragan no mo chas a’ tapaigeadh. Tha an ceòl gleansach agus air a dheagh riochdachadh. Is e na puirt mu dheireadh, an seat “Hour”, a chòrd rium a b’ fheàrr. Tha Ross Saunders agus Marc Scobbie a’ toirt urlar àrd dha na balaich eile a bhith ri mire, agus le bhith a’ cluinntinn a’ chòmhlain ann an Talla Mòr Shrath Pheofair aig an Nollaig, tha na fuinn ùra a’ tighinn beò agus a’ brosnachadh dannsa.

Mar sin, ag èisteachd ris na fuinn, chan eil mòran air atharrachadh – ’s ann nuair a thionndaidheas iad ris na h-òrain a bhios sinn a’ mothachadh gu bheil an dà là air tighinn air Mànran. Tha na h-òrain a tha iad air taghadh agus air a sgrìobhadh a’ sealltainn taobh ùr, taobh poilitigeach air a’ chòmhlan, agus ’s fheàirrde iad ri linn sin.

Tha barrachd spionnadh anns na h-òrain bhon tòiseach-toiseachaidh – ’s e a chiad fhear a gheibh sinn Trod – pios eirmseach on dualchas le Ailean Dall, a-mach air a bhean a’ trod ris airson obair na deocha.

Tha guth math sgairteil aig Eòghainn agus chan eil e a’ call a chumhachd a’ seinn sa Bheurla. Tha Pandora’s Box le Daibhidh Francey a-mach air a’ chall is a’ chothrom a tha anns an eadar-lìon, mar a bhios beachdan faoin ceart cho ionann ri beachdan fiosraichte, agus chaidh a sgrìobhadh nuair a bha Bob Lovelace, ceannard treud Algonquin ga chur an greim airsoin iomairt an aghaidh meinnearachd uranium air an talamh dhùthchasach aca.  Nuair a tha an Trumpach Tungach san Taigh Gheal agus tha na Tùsanaich a’ togail fianais aig Creag an t-Seasaimh, ’s e òran iomchaidh a th’ ann airson linn ùr mì-chinnteach.

Chan eil e buileach soilleir dè as coireach gu bheil Eòghainn a’ teannadh ris a’ Bheurla airson loidhne no dhà an-siud ’s an-seo anns “An Dà Là” fhèin. ’S dòcha gun robh e a’ smaoineachadh gum faigheadh an teachdaireachd tarsainn nas fheàrr air neo ’s ann sa dà chànan a thàinig e thuige ach uile gu lèir ’s e òran cumhachdail a th’ ann agus chan urrainn dhuinne an seo aig Taigh Dàna a bhith a’ dol an-aghaidh òran a bhios a’ crìochnachadh leis an teachdaireachd “Bithibh Dàna, Bithibh Treun”.

Tha e a’ cumail ceann a’ mhaide ri Fios Chun a’ Bhàird le Uilleam MacDhùnLeibhe mu dheidhinn eilthireachd à Ile san naoidheamh linn deug. Tha e glè mhath gu bheil an t-òran cudromach seo a’ faighinn èisteachd às ùr. Tha am ball ùr Craig Irving a’ toirt dhuinn tionndadh air an òran iongantach le Ben Harper “I Shall Not Walk Alone” – chan eil mòran rudan fon ghrèin cho breàgha ris an òran mar a chaidh a chlàradh an toiseach còmhla ris na Blind Boys of Alabama, ach tha guth sgàirteil aig Craig agus tha e a’ cur ri fuaim Mànran gu buadhmhor.

Is e còmhlan ceart a th’ ann am Mànran a-nis, agus iad a’ lorg an guth airson a’ chiad uair. Tha e cudromach nach eil eagal air luchd-ciùil traidiseanta a bhith a’ cur an cèill bheachdan agus chanainn gur e sin laigse a tha air a bhith ann o chionn ghoirid, nach eil gu leòr air sin a dhèanamh tron ealain aca. Chòrd an clàr seo rium, ach nì mi fiughar nas motha ris na bhios iad a’ toirt dhuinn anns an àm ri teachd. Gum bi Eòghainn, Gary agus na balaich ag èisteachd ris a’ chomhairle aca fhèin – bithibh dàna, bithibh treun.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach