Mar a bhearras sibh ur falt aig an taigh

An do rinn duine agaibh oidhirp air do logaidh fhèin a ghearradh ri linn dùnadh nan gruagairean? An do rinn thu bùrach dheth, no an robh an cliop cho math ’s nach fheum thu cas a thoirt thairis air stairseach a’ ghruagaire a-rithist tuilleadh? Seo aithris aig tè a bha thall ’s a chunnaic!

Cha do bheàrr mi m’ fhalt fhìn roimhe riamh ach an uair a bha mi ’nam nighneag aig aois bun-sgoile agus mi a’ feuchainn ri m’ fhalt fhàs. Aig an àm ud, cha robh ach falt glè thana orm agus às dèidh a shìneadh sìos mo mhaoil ’s thar mo mhala, bha e a’ bacadh m’ fhradharc. Nise, cha toigh leam rudan nach eil pragtaigeach mu m’ bhodhaig – can, sàilean àrda. Ghia, thuitinn air mo bheul fodha nan cuirinn an leithid orm. ’S fheàrr leam brògan coiseachd cofhurtail agus ’s coma leam a bheil iad a’ tighinn ri dath m’ aodaich.

Ged a bha mi ag iarraidh falt fada mar a bha air gach uile nighneag eile, cha dug e fada gus an robh mi cho sàraichte leis ’s gun do ghabh mi grèim air an t-siosar figheadaireachd agam agus gun do bheàrr mi fhìn e gun dàil – os cionn a’ bhiona-sgudail agam. San dorchadas. Fhios agaibh, rud eile nach toigh leam ’s e a bhith toirt seachad ùine mhòr air beulaibh sgàthain – dhomhsa dheth, chan e ach call ùine a tha seo sam b’ urrainn dhomh rudeigin na b’ inntinniche a dhèanamh!

Abair cadal sàsaichte sèimh a fhuair mise an oidhche ud ach mo thruaighe air o mhàthair bhochd nuair a chunnaic i toradh mo ghnìomha sa mhadainn. Ghabh i an dearg nàire agus rinn i a dìcheall air beagan sgioblachaidh air m’ fhalt mus dùraig i dol dhan bhaile agus dhan ghruagaire leam. Gu fortanach, dh’fhàs m’ fhalt tiugh nuair a chaidh mi ’nam inbheach agus tha falt fada gun bhuaireadh orm a-nis.

Gun bhuaireadh gu ruige na seachdaine seo nuair a laigh e air mo làimh is mi ri nighe nan soithichean. Tha mi a cheart cho measail air obair-taighe ’s a tha mi air cur seachad ùine air beulaibh sgàthain agus foghnaidh na dh’fhòghnas. Nise, seo an dàrna turas a bheàrr mi m’ fhalt a-riamh ach le YouTube ri làimh dhomh, chaidh leam mòran na b’ fheàrr na chaidh leis a’ chiad oidhirp ’nam òige!

Nise, tha mi ’n dùil gu bheil mòran agaibh san aon suidheachadh agus feumach air cliop. Mar sin, innsidh mi dhuibh mar a chaidh leam agus mu na dh’ionnsaich mi.

Na h-acainnean

Feumaidh sibh corra acainn airson ur falt a bhearradh.

Siosar

Cleachdaibh siosar geur; am fear as gèire a th’ agaibh. Tha gach stiùireadh a’ lorg mi air an eadar-lìon a’ moladh siosar guagaire ceart, ach saoil dè nach eil agam aig an taigh agus mi a’ feuchainn gun a bhith a’ dol dha na bùithtean ro thric? Seadh, siosar gruagaire. Seo na roghainnean a bh’ agam ’na àite:

  1. Siosar oifise. Na rachaibh faisg air; chan obraich e.
  2. Siosar cidsin. Caran coltach ri sgrìobh tron dlùth-choille le machete, ach nì e a’ chùis ann an èiginn.
  3. Siosar ìnean seann-fhasanta. Tha am fear agam geur gu leòr agus chleachd mi e, ach tha e crom.
  4. Dè th’ ann an clòimh ach falt caoraich? Ma tha sibh ri fuaigheal no fighe, feuchaibh am fear seo. Bha bhi e cho fada agus a tha siosar gruagaire, ach bu chòir dha a bhith dìreach agus geur gu leòr.

Ceangal fuilt

Bidh bann rubair no dhà feumail airson am falt nach eil sibh ag obair air a chumail air falbh. Bidh bioran-fuilt feumail cuideachd. Mur eil gin dhen leithid agaibh, cuiridh mi geall gu bheil boireannach no dhà am badeigin air an eadar-lìon a tha ealanta air falt a cheangal le bioran-ithe!

Lomadair

Airson fuilt glè ghoirid, lomadair le co-inneal do bhearradh fhada. A-rèir mo cuid rannsachaidh, seo an aon dòigh airson falt goirid a bhearradh gun taic o chuideigin eile. Cha bhi sibh feumach air ma tha falt fada oirbh.

Cìr-mhìn

Mar as mìne a’ chìr a chleachdas sibh, ’s ann as fheàrr an smachd a bhios agaibh air an obair agus ’s an as rèidhe am bearradh. Chan eil an tè as mìne a th’ agam mìn gu leòr ach nì i a chùis ann an èiginn.

Botal steallaidh

Nuair a bhios am falt a’ fàs ro thioram fhad ’s a bhios sibh ag obair, bidh botal steallaidh feumail dhuibh. Chan eil gin agamsa agus chìr mi m’ fhalt le cìr fhliuch ’na àite. Bheir an cleas sin barrachd ùine agus feumaidh sibh a dhèanamh nas trice, ach obraichidh e reusanta math.

Dà sgàthan no fòn tapaidh

Chan eil sùilean ann an cùl ar cinn, mar sin bidh sgàthan-làimhe gu feum. Cha do dh’obraich e dhomh air an fhaide a tha air m’ fhalt agus chleachd mi camara beulaibh an fhòn-làimhe agam ’na àite le sgàilean mòr air mo chùlaibh. Can càise is tog fèineag!

Sìolachan since

Chan eil e furasta grèim fhaighinn air plumair san t-saoghal a th’ againn agus bha an sìolachan since a th’ agam gu feum mòr dhomh is mi a’ bearradh m’ fhalt os cionn na since. Mur eil sìolachan agaibh, mholainn gun dùin sibh an drèana is gum faigh sibh uisge à badeigin eile, can às an fhras no à bucaid.

Foighidinn

Ruigidh each mall muillean agus na tòisichibh air bearradh mur eil sibh air 1-2 uair a thìde a thoirt seachad a’ coimhead air videothan mìneachaidh. Fàsaidh mi fhìn glè an-shocrach le videothan gu tric agus ’s fheàrr leam teacsa sgrìobhte far an urrainn dhomh leum dhan fhiosrachadh a tha cudromach dhomh sa bhad. Chan obraich seo le bearradh fuilt on as e measgachadh de dh’obair-chiùird is obair-ealain a th’ ann. Cuideachd, chan obraich a t-aon dòigh dhan a h-uile duine agus dhan a h-uile seòrsa fuilt agus feumaidh sibh measadh dè dh’obraicheas dhuibhse fhèin mus tòisich sibh air an obair.

Cùram

Bithibh cùramach agus na bearraibh ach glè bheag dhen fhalt air falbh. ’S e an cleachdadh a nì bòidheach agus mura beàrr sibh cus dheth, bidh teans eile agaibh mur eil sibh toilichte leis a’ chiad oidhirp! Bheàrr mise mu 10 cm on a tha falt glè fhada orm is cothrom agam air 10 cm eile ma thogras mi ach cha mholainn còrr is 10 mm do dh’fhalt àbhaisteach.

Na dòighean-obrach

San earrann seo, bheir mi cruinneachadh de videothan dhuibh a chleachd mi dha m’ ionnsachadh fhìn. Tha iad sa Bheurla ach cha rachadh leamsa video cho math a dhèanamh. Cuiridh mi facal no dhà riutha mun fheum a fhuair mi asta. Tha tòrr videothan is aistidhean stiùiridh eile ri ’m faighinn air loidhne ma nì sibh lorg air “how to cut your own hair”.

Falt fliuch no tioram?

Nuair a bhios falt dìreach oirbh, bidh falt fliuch nas fhasa ri làimhseachadh. Le falt dualach, bidh e nas fheàrr a chumail tioram on a dh’atharraicheas fhaide cus nuair a bhios e fliuch. Tha chan eil m’ fhalt fhìn buileach dìreach, mar sin rinn mi a’ phrìomh bhearradh air falt fliuch agus beagan ceartachaidh às a dhèidh nuair a bha e air a thiormachadh. Thaisich mi e beagan leis a’ chìr nuair a rinn mi sin.

Comhair an t-siosair

Nuair a bhios sibh a’ bearradh ur fuilt fhèin, bidh e uabhasach doirbh bearradh tarsaing air gu dìreach ’s gun mhearachd. Air an adhbhar sin, thathar a’ moladh bearradh biorach (“point cut” sa chànan eile). Airson sin, tionndaidhibh an siosar an comhair an fhuilt agus dèanaibh bearraidhean glè bheaga.

Ma tha siosar crom agaibh, can siosar ìne mar a chleachd mi fhìn, tomhaibh gob an t-siosair air falbh uaibh airson bearraidh bhioraich ghoirid agus an comhair ur bodhaige airson bearraidh bhioraich nas fhaide. Leis an dàrna dòigh, thoiribh an aire ’s na leònaibh ur corragan.

Comharran-stiùiridh (le falt goirid)

Bidh comharran-stiùiridh feumail ach an dèid leibh bearradh dìreach a dhèanamh. Na bearraibh cus dhen fhalt aig an aon àm on a bhios e ro dhoirbh smachd a cumail air an uairsin ach cleachdaibh gu leòr dheth ach am faic sibh comhair a’ bhearraidh.

Tha am fear sa video seo glè sgileil a’ bearradh falt fireannaich:

Ma tha sibh nur n-aonar agus falt goiridh oirbh, cha ruig sibh cùl ur cinn ach le lomadair. Air an adhbhar sin, chan urrainn dhuibh an stoidhle seo a chruthachadh gun chuideachadh o chuideigin eile.

Smachd air an fhalt ’s an lomadair (le falt goirid)

Tha an tè sa video seo a’ mìneachadh gu bheil e cudromach gun a bhith a’ bearradh seachad air dàrna alt nan corragan. Tha dà adhbhar air sin: gun cùm sibh smachd air an fhalt agus nach dèid ur leòn. Tha dòigh furasta aice air an lomadair cuideachd agus chì sibh gluasad a làimhe gu math ann.

Seo dòigh nas toinnte leis an lomadair:

Comharran-stiùiridh le bannan / earball-eich (le falt fada)

Is earball-eich ri do mhala an dòigh as luaithe airson falt fada iom-fhillte. Mholainn gum beàrr sibh gu dìreach air a’ chiad oidhirp. Cha do rinn mi seo agus fhuair mi falt beulaibh ro ghoirid às.

Tha dòighean eile ann le bannan rubair aig a’ bhonn nach do dh’fheuch mi fhìn:

Timcheall air an aodann (le falt fada)

Seo videothan feumail airson a’ bheulaibh:

Dearbhadh gu bheil an aon fhaide air an dà thaobh (le falt fada)

Seo cleas nach fhaca mi sna videothan ach bha cuimhne agam air on àm a chaidh mi dhan ghruagaire. Bidh seo feumail ma tha falt fada oirbh. Faighibh grèim air bàrr dual fuilt air gach taobh ur cinn le ur n-òrdag, colgag is Màiri fhada (no Fionnlagh fada). Gluaisibh ur dà làmh sìos agus beagan dhan mheadhan aig an aon astar gus an ruig sibh deireadh an fhuilt is ur dà làmh taobh ri taobh. Ma ruigeas an dàrna tè deireadh an fhuilt ron tè eile, cha bhi an aon fhaide air an dà dhual.

Deireadh na sgeòil

Air a’ chiad oidhirp, chleachd mi an t-earball-eich ri mo mhaol le bearradh trastanach agus rinn mi sgeadachadh a làimh timcheall air m’ aodann an uairsin. Cha robh mi buileach toilichte leis an toradh on a fhuair mi falt ro ghoirid aig a bheulaibh. Chuir mi seachad mu uair a thìde ’ga sgeadachadh ach cha robh e buileach glan agus dualan a’ stobhadh a-mach às.

Rinn mi oidhirp eile an làrna-mhàireach. Chleachd mi an t-earball-eich a-rithist ach le bearradh dìreach is cha do bheàrr mi ach am falt as fhaide dheth. Cha robh mi buileach toilichte leis an toradh o nach eil e a’ tighinn rium nuair a bhios an cùlaibh nas fhaide sa mheadhan. Gidheadh, sin na fhuair mi mar thoiseach-tòiseachaidh.

An uair sin, chleachd mi comharra-stiùiridh coltach ris na rinn an duine sa chiad video leis an fhalt ghoirid, a’ tòiseachadh air meadhan a’ chùil. Às dèidh a chìreadh gu cùramach, chleachd mi an dàrna làimh airson am falt a ghreimeachadh an comhair a’ bhuinn gu teann air agus an làimh eile airson slaighdeadh sìos air. Rinn mi sin làmh mu seach gus am b’ urrainn dhomh a thoirt dhan bheulaibh far an do ruig mi air. Chùm mi m’ fhalt ri chèile le grèim làidir air agus gu cùramach ach nach caillinn an cruth. Às dèidh am pìos sin a bhearradh, chaidh mi on deireadh dhan toiseach beag air bheag, a’ feuchainn ris an comharra-stiùiridh a chumail.

Nuair a bha am bun-chruth deiseil, chìr mi m’ fhalt dhan beulaibh air mo bhroilleach airson ceartachaidh agus thog mi fèineagan air a’ chùlaibh feuch an robh e ceart. Leig mi leis an fhalt tiormachadh beag air bheag.

Mu dheireadh thall, chuir mi gleus air falt a’ bheulaibh agus cleachd mi mo chorragan airson dearbhadh gun robh an aon fhaide air an dà thaobh. Tha mi toilichte gu leòr leis an toradh a-nis ged nach eil e cho math ri bearradh a gheibhinn o ghruagaire ceart! Agus tha moit seach nàire air mo mhàthair.

Catrìona NicUilleim

Share

Aon fhreagairt do “Mar a bhearras sibh ur falt aig an taigh”

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach