Mar bu dual ann am Brasil

Abair thusa! Uill, ghabh Mgr Suarez greim mhòr a-mach à faidheadaireachd Eòghain mu Urugaidh – ach tha ìochdaran no dhà eile ann fhathast – dè cho fada ’s a bhios iad ann ge-tà?

Brazil vs. Chile in Mineirão 08.jpg
Brazil vs. Chile in Mineirão 08” by Danilo Borges/Portal da Copa – Brasil supera o Chile na disputa de pênaltis e se garante nas quartas de final. Licensed under CC-BY-3.0-br
via Wikimedia Commons.

Mar a thuirt Gary Lineker “’S e gèam simplidh a tha ann am ball-coise; thèid fichead ’s a dithis fhear air tòir buill airson uair gu leth agus aig an deireadh, buannaichidh na Gearmailtich”.

A dh’aindeoin gach car a’ mhuiltein agus crathadh a chunnaic sinn aig ìre nam buidhnean, leis na dùthchannan beaga ag èirigh gu bàrr, cò tha againn anns a’ chairteal-chuairt-dheireannach ach na h-ainmean àbhaisteach – Brasil, a’ Ghearmailt, An Òlaind, An Fhraing. Thugadh a’ bhròg dhan t-Sile, Algeria, Meagsago agus Nigeria – ceithir sgiobaidhean dàna dha-rìribh.

Nuair a bhios tu a’ leughadh seo , tha teans’ ann gum bi Argentina còmhla riutha. Mar a chanas iad sa chànan eile, “Normal Service Has Resumed”; mar a chanas iad anns a’ chànan eile eile, “Plus ça change”.

Tha ainm no dhà ann nach eil cho cliùiteach agus tha e dualach gum bi iadsan nach eil a’ gabhail taobh seach taobh a’ cur taic riutha.

Chan eil eachdraidh Choloimbia aig a’ cho-fharpais cho làidir, agus ged nach eil Brasil a’ cluich ro mhath idir, bidh e garbh duilich dha na Coloimbianaich faighinn chun na h-iar-chuairt-dheireannaich – tha cuideam de chòrr is dà cheud mhillean duine air dromaichean sgioba Scolari, ach an àite a bhith na eallach orra, tha e a’ toirt spionnadh dhaibh. Ach tha James Rodriguez aig Coloimbia na chluicheadair buadhmhor, làidir agus tha e air a làrach fhèin fhàgail air a’ cho-fharpais mu thràth.

’S e Costa Rica an sgioba bheag aig a h-uile duine, phump iad a-mach na Sasannaich agus na h-Eadailtich agus dh’fhàilnich Uruguaidh às dèidh do Mhgr Suarez greim luath de bhiadh Eadailteach a ghabhail. Tha an dùthaich bheag shìtheil eadar a’ Charaibeach agus An Cuan Sèimh gun fheachd-airm le còig millean a’ fuireach innte air iongnadh a chur air a h-uile duine ach iad fhèin.

’S e comharra na co-fharpais seo nach eil na rionnagan mòra air buaidh cho mòr a thoirt ’s a bha dùil agus gur e cluicheadairean stòlda proifeiseanta bho chlubaichean neo-chliùiteach a tha air an gnothach a dhèanamh. ’S e Joel Caimbeul à Costa Rica a tha mar sàr-eisimpleir de seo.

Caimbeulach ann an Costa Rica – dìleab Sgeama Darien ’s mathaid – ach tha Joel air a bhith fo chùmhnant aig Arsenal fad trì bliadhna gun chead cluich san Rìoghachd Aonaichte – tha e air a bhith aig diofar chlubaichean san Roinn Eòrpa – mu dheireadh aig Olympiakos sa Ghrèig. Bidh e toilichte gun d’ fhuair Los Ticos troimhe as dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air sgioba na Grèige aig Seòrsa Samaras. Bidh Arsene Wenger ga iarraidh gu mòr a bhith air ais ann an Lunnainn an ath sheusan. Bidh Caimbeul ag iarraidh gu mòr gun lean Costa Rica orra agus gun dèan iad a’ chùis air an Òlaind agus eachdraidh a bharrachd a dhèanamh.

Ach na bi a’ gabhail iongnadh ma ’s e Argentina, Brasil, A’ Ghearmailt agus An Òlaind a bhios anns na h-iar-chuairtean-deireannach. Mar a thuirt Luka Podolski “Fussball ist wie Schach, nur ohne Würfel”,.”Tha ball-coise mar thàileasg, ach às aonais nan dìsnean” – ’s mathaid gur e non-sequitur a tha ann ach tha e èibhinn.

Co-dhiù, chan eil fada ri dhol a-nis anns a’ Chupa iongantach seo. Nuair a chuir an Fhraing an dara tadhal an aghaidh Nigeria, bha sin a’ ciallachadh gun robh barrachd thadhail air a bhith ann na bha anns a’ cho-fharpais gu lèir ann an Afraga a Deas ann an 2010 agus gun an dara -cuairt seachad fhathast. Brasil 2014, bidh sinn gad ionndrainn, ach ’s e rathad cam dhan chaisteal agus iomadh car ri thighinn fhathast.

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach