Marvin Gaye

Marvin Gaye

Marvin_Gaye_(1973)

Tha searbhachd agus mìlseachd beatha Mharvin Gaye ga chòmharrachadh leis mar a fhuair e bàs, air Là na Gocaireachd 1984, an là ron chòigeamh co-là brèith air dà fhichead aige. Marbh aig làmh athar, dà pheilear na chom.

Sgrìobhadair òrain is seinneadair cho math ’s a bha riamh ann, a chuir ann am brìgh agus air gleus smuaintean is beachdan cho simplidh ach cho domhainn ri “Inner City Blues”, “Flying High In The Friendly Sky”, “What’s Happening Brother”, “I Want You”, I Heard It Through The Grapevine”, “Got To Give It Up”.

Èist ri What’s Going On, clàr cho math ri fear a chaidh a chlàradh a-riamh; èist ris a’ ghuth àlainn, fhoirfe, bhinn a’ cur an cèill ìomhaigh de dh’Aimeireaga ann an linn Vietnam. Let’s Get It On – am miann agus an cràdh an lùib gaol, agus mu dheireadh thall, Sexual Healing agus mar a bha e a’ lorg slighe tro bhealach eadar an dà bheinn mhòr a bha na bheatha, An Saoghal agus Dia.

Fear a ghabh os làimh a h-uile gnè de ghaol; eros, feòlmhorachd, storge, càirdeas, philos, bràithreachas, agape, gràdh Dhè, ach a dh’fhuiling na bheatha buaireadh mòr ri linn dìth a h-uile gin dhiubh.

Fear ioma-fhillte, làn ghràs, làn bhòidhchead, làn dorchadais, làn bhròn. Fear a dh’fhàg dìleab de cheòl a dhearbhas an seanfhacal dìomhain ud, “thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol agus ceòl”.

Fear a bha a’ feuchainn fad a bheatha ri a dhà athair a riarachadh. Fear a dh’fhàilnich sin a dhèanamh. Fàilneachadh a thàinig gu buil air làr a’ mhansa aon là duilich, bodach òg na choslach, an ceòl binn air a chaitheamh mu dheireadh thall. Cridhe Gorm a’ Bhaile Mhòir fo Iarmailt Chàirdeil Chòir.

Chan eil fios agam carson a tha Marvin air an uiread de bhuaidh a thoirt orm a bharrachd air a’ ghuth sin. ’S mathaid o chionn ’s gur e mac a’ mhinisteir a tha annam fhèin. Tha mi a’ tuigsinn mar a bhiodh strì eadar iarrtasan an t-Saoghail agus an Spioraid, bloigh agam den bhuaireadh a chuireas dragh air cogais chuideigin. Tha mi taingeil gun d’ fhuair mi àrach air leth bho phàrantan bàidheil.

Tha mi an dòchas gun d’ fhuair Marvin an t-sìth dha anam nach d’ fhuair e ri bheò. Bhiodh e air a bhith 75 air an dàrna là den Ghiblean.

 

Fiosrachadh mu dheidhinn Marvin Gaye

  • Rugadh Marvin Gaye air 2mh Giblean ann an 1939 ann an Washington D.C mar Marvin Pentz Gay Jr.
  • Bha athair, Marvin Gay Sr. na mhinistear san Eaglais Chuingiseach agus bha e gu tur an aghaidh toil Mharvin a bhith na sheinneadair. Bhiodh an strì eadar an dithis a’ toirt buaidh mhòr fad beatha Marvin.
  • Dh’fhàg Marvin an taigh agus an toiseach, bha e na dhrumair aig Motown mus d’ fhuaireas a-mach cho math ’s a bha e air seinn.
  • Anns na 60an, bha e am measg nan rionnagan as motha aig a’ chompanaidh ciùil Motown.
  • Ann an 1971, sgrìobh e an clàr “What’s Going On”. Ged a chuir cathraiche Mhotown, Berry Gordy, na aghaidh gu mòr, ’s e an clàr a bu shoirbheachaile a bha aig a’ chompanaidh gu ruige sin aig a’ cheann thall.
  • Tro na 70an, bha Marvin a’ fulang ri linn trioblaidean co-cheangailte ri cìsean agus dealachadh o phiuthar Bherry Ghordy, Anna. Chlàraich e clàr dubailte “Here, My Dear” airson cosgaisean na cùise a phàigheadh.
  • Dh’fhàg e Motown as dèidh eas-aonta mu dheidhinn a’ chlàir “In Our Lifetime”.
  • As dèidh grèiseig a’ fuireach anns a’ Bheilg, thàinig e air ais cho soirbheachail ’s a bha e riamh le Midnight Love, far an do nochd an t-òran ainmeil “Sexual Healing”.
  • Thug an turas airson Midnight Love droch bhuaidh air, agus dh’fhàs Marvin troimh-chèile le drogaichean a-rithist.
  • Ghluais e a-steach còmhla ri a phàrantan ach dh’èirich buaireadh eadar e fhèin agus athair agus as dèidh argumaid mhòr, chuir athair às dha air 1 An Giblean 44. Fhuair e binn pròbhach airson duine-mharbhadh toileil (voluntary manslaughter).

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach