Mata MacDhonnchaidh, Ailig Salmond, 9/11 agus Teòiridh na Dàimheachd

Mmcwikipedia2
Feumaidh gu bheil Eòghan a’ (air) fàs sean agus esan a’ coimhead air an t-saoghal agus a’ faighneachd “dè fon ghrèin tha dol?” Cha robh Inception a’ togail na h-uimhir de cheistean….

“Tha Alba air atharrachadh, air atharrachadh gu tur. Tha bòidhchead uabhasach ga breith.” Bha Salmond gu math dèidheil air Yeats aithris seachdain seo chaidh. Tha e a’ dèanamh diofar o bhith ag aithris MacDiarmaid. (agus co-dhiù, bha am beat aig Niall Guinneach is Lewis Grassic Gibbon air-san).

Chunnaic mi Interstellar an oidhche roimhe cuideachd. Film ùr Chrìsdein Nolain le Mata MacDhonnachaidh ann an deagh thrum agus tòrr rudan smaoineachail mu dheidhinn beatha, gaol, na h-àrainneachd agus tìm. Tha mòran den phlot a’ crochadh air Relativity, dàimheachd, agus mar as urrainn do thìm gluasad aig astaran diofraichte ann an diofar àiteachan sa chruinne-cè.

Tha e a’ faireachdainn mar sin san dùthaich seo an-dràsta. Tha e a’ faireachdainn mar sin san t-saoghal seo an-dràsta. Tha rudan ag atharrachadh ach aig an aon àm a’ fuireach mar a bha.

Tha mi a’ teagasg phàistean a bha nan leanabhan nuair a thuit an dà thùr ann an Nuadh Eabhrac (agus World Trade Centre 7 cuideachd, chan eil e a’ còrdadh ris na craictich co-fheall ma tha thu a’ fàgail an togalaich sin às). Càit an robh mise? Uill, bha mi anns an talla-bhìdh aig Sabhal Mòr Ostaig, agus ’s e Cailean Methven a dh’innis dhomh. (Cha robh Cailean ach na òigear an uairsin, ach bidh mòran eòlach air o chùrsaichean goirid an t-Sabhail mar thidsear èasgaidh, comasach.)

Tha gu leòr uisge, fuil is ola air a dhòrtadh on latha oillteil ud ach an-dràsta, tha rudeigin diofraichte san àile. Rud as nach dèanar bun no bàrr, an-dràsta co-dhiù.

Tha m’ athair air a bhith na mhinistear on a dh’fhàg e an t-oilthigh. Tha Eaglais na h-Alba fhèin air iomadh atharrachadh fhaicinn on a mhothaich mi ris. Mar mhac a’ mhinisteir e fhèin, tha e gu math eòlach air saoghal na h-Eaglaise; tha e air a bhith na mhinistear ann an coithionalan le eachdraidhean cho fada ri 750 bliadhna agus coithionalan a thòisich e fhèin ann am porta-bhothan mus do thog iad an togalach aca fhèin. “Gun teagamh sam bith” ars esan rium aon turas “’s e na coithionalan as duilghe ri atharrachadh agus ri thionndadh, iadsan a tha òg, nach eil air a bhith a’ dol ach beagan bhliadhnaichean.”

Gu sìmplidh ann am beachd m’ athar, a chionn ’s gun robh na h-eaglaisean ùra riamh a’ dèanamh an aon rud, (“riamh” mar 5 no 10 bliadhna, tha iad a’ creidsinn gur ann mar sin a bu chòir dha a bhith gu bràth). Is e na seann eaglaisean, far a bheil eachdraidh fhada aca a’ dol air ais tro Bhriseadh na h-Eaglaise, an Ath-leasachadh agus iomadh rud eile thar nan linntean, a tha nas fhosgailte ri atharrachadh.

Coimhead air na gluasadan uabhasach san Ear-mheadhan agus Nigeria an-dràsta. Feachdan IS agus Boko Haram a’ truailleadh Ioslam le feallsanachd phoilitigeach nach eil ach beagan bliadhnaichean a dh’aois, tè a tha a’ feuchainn ris na daoine a chumail ann an aisling (trom-laighe?) de cò ris a bha an Saoghal o chionn mìle bliadhna gu leth air ais.

Coimhead air Jim Murphy agus e a’ feuchainn ri bliadhnaichean Bhlair a thoirt air ais. Tha esan ag iarraidh Alba a ghleidheadh ann an aon linn, Linn nan Làbarach, gu Là Luain.

Dè thuirt iad mu dheidhinn Thatcher? “Cha b’ e conservative a bh’ innte o chionn ’s nach do chreid i ann an conserving rudan.” Ach tha i air dìleab fhàgail le Osborne is Camshron far a bheilear a’ creidsinn gum bu chòir dhuinn fuireach le feallsanachd Thatcher gu siorraidh bràth – austerity agus reic anama a’ phrìobhaideachaidh. Chuir Magaidh às dhan t-seann Tòraidheachd, a bha co-dhiù comasach air atharrachadh, beag air bheag, agus a chumadh rudan a’ dol san eadar-àm.

A bheil Alba air atharrachadh, air a h-atharrachadh gu tur mar a thuirt Ailig Mòr? Is aon rud a tha cinnteach, mar a thuirt Niall Gòrdan o chionn seachdain no dhà air an làrach-lìn seo, tìm nach dèan fuireach – ri duine no dòigh. ’S mathaid gum bi i a’ gluasad beagan nas luaithe ann an àiteachan, ach bidh i fhathast a’ gluasad.

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach