Medhelanon : Meadhan-lann

Màrtainn Mac a’ Bhaillidh a’ toirt iomradh dhuinn air ailitireachd iongantach ann am Milano.  

Airson àite le eachdraidh a’ dol cho fada air ais ri na Ceiltich, no a’ Ghall, a bha uair nan tàmh ann agus bhon a fhuair an t-àite a ainm, ’s e àite gu ìre ùr-nodha a th’ ann am Milano (Medhelanon ann an cànan na Gaille). Ged a tha e soilleir gur ann anns an Eadailt a tha thu, tha rudeigin eadar-dhealaichte mun àite, tha buaidh na h-Ostaire air a h-ailtireachd cuideachd soilleir. Bha Dùthaich nan Longbard, Lombardia, fo smachd na h-Ostaire gu ruige 1860 nuair a chaidh an Eadailt aonachadh fo Rìgh Sàrdainea, Victor Emmanuel II.

Tha Milano air a bhith soirbheachail gu h-eaconomaigeach bhon an tionndadh gnìomhachais mar gheata eadar an Roinn Eòrpa agus Rubha na h-Eadailte. ‘S e àite beartach, gnìomhachail, beòthail a th’ ann fhathast agus gu dearbha am measg nam bailtean as beartaiche san Roinn Eòrpa. Fhad ’s a bha sinn fhèin ann, cha b’ urrainn dhuinn ach mothachadh gum bi reifreann ann air fèin-riaghladh san Dàmhair is sanasachd a’ nochdadh air feadh an àite ma dheidhinn.

Dh’fhuiling Milano, mar a dh’fhuiling gu leòr de na bailtean-mòra san Roinn Eòrpa, sgrios is milleadh an Dàrna Cogaidh. Ri linn sin, agus leasachadh eaconamach ro làimh, bha torr togail a’ tachairt aig tionndadh na ficheadamh linn. Mar ailtire, tha mi air a bhith a’ leughadh mun àite fad bhliadhnaichean, Aldo Rossi, Giuseppe Terragni, Carlo Aymonino, Giorgio Grassi agus La Tendenza. Ach ’s ann nuair a chunnaic mi togalach sònraichte le Piero Portaluppi anns an fhiolm Eadailtich Io Sono L’Amore (I Am Love) a bha fios a’m gu bheil rudeigin ann a dh’fheumainn faicinn. Chan eil Portaluppi idir cliùiteach, fiù ’s am measg ailtirean, ach chan ann beag a’ bhuaidh a bha aige air a bhaile fhèin. B’ e duine sgaoilteach, iomrallach a bh’ ann agus ioma-dhòigheach anns na stoidhlean a chleachd e na latha, mar a fhuair sinn a-mach aon uair ’s gun do ràinig sinn an t-àite.

‘S e togalach ùr-nodha a nochd san fhiolm, Villa Campiglio Necchi, reusantach ach nua-aimsireil agus cleasach. Gun fhiosrachadh nas fharsainge na sin, chlisg mi nuair a thàinig mi air togalach drùidhteach clasaigeach, modh na Uffizi, le bogha a’ dèanamh drochaid thairis sràid a’ ruith tro dà phìos den togalach. Gu fortanach, ann am Milano tha a’ Chomhairle air soidhnichean a chur suas ri taobh gach togalach inntinneach agus cudromach far am faigh thu fiosrachadh mun ailtire is mun eachdraidh, agus cò rinn an togalach seo, Palazzo della Società Buonarroti Carpaccio Giotto, ach Portaluppi fhèin. Ma choimheadas tu gu dlùth air, chi thu na moitifean aige a bhios a’ nochdadh air grunn mhath de na togalaichean aige, daoimeanan agus rionnagan.

Rinn Portaluppi oifig dha fhèin ann an togalach còmhnaidheach agus ’s ann an sin a tha am Fondazione Portaluppi an-diugh, agus sin far an deach sinne airson barrachd fhaighinn a-mach mu a dheidhinn. ‘S e àite sgrùdaidh do dh’oileanaich agus tasglann deilbh-tharraing a th’ ann agus bha am fear-obrach Eadailteach, tasglannaiche ma dh’fhaoidte, gu math toilichte bruidhinn rinn. Cha robh mòran de Bheurla aige agus leis gun robh sinne a’ bruidhinn ri chèile sa’ Ghàidhlig co-dhiù, chùm esan air a’ bruidhinn Eadailtis ri mo charaid a bha an uairsin ag eadar-theangachadh riumsa ann an Gàidhlig. Rinn esan dealbh dhuinn den duine fhèin agus na eachdraidh agus thug e dhuinn mapa sònraichte a dh’innseadh dhuinn far a bheil na toglaichean cudromaich le Portaluppi.

Eadar ath-stèidheachadh, ath-leasachadh, toglaichean ùr-nodha agus clasaigeach, beachdan teachd-shaoghalach, dealbhan-magaidh agus fiù ’s a’ cruinneachadh uaireadairean-grèine, air an robh e uabhasach measail, b’ e duine iomadh-fhillte, tàlantach a bh’ ann. Am measg na toglaichean air an do thadhail sinn, ’s e ath-leasachadh a rinn e air eaglais, Santa Maria delle Grazie, agus seann taigh is fìon-lios a bh’ aig Leonardo Da Vinci ri a taobh, a bha gu math a-mach às an àbhaist. B’ iad seo a bha a’ sealltainn na sgilean ainneamh aige air obair chùramach, meòraichte, agus nuair a bha e freagarrach, neo-fhaicsinneach cuideachd.

Ach cha robh sin na bha a dhìth air an togalach a bu drùidhtiche aige, a’ chiad fhear air an tug mi iomradh, Villa Campiglio Necchi. Aon uair ’s gu bheil thu air an t-àite a lorg tha e soilleir cho annasach an suidheachadh anns a bheil e. Aig teis-meadhan a’ bhaile-mhòir seo, tha Portaluppi air taigh-gàrraidh a stèidheachadh anns a’ chùirt-lios air a chuartachadh leis na teanamantan mu choinneamh nan sràidean. Air a thogail eadar 1932 agus 1935, do theaghlach gnìomhachais soirbheachail, Campiglio Necchi, a bha aig an àm nan còmhstrithich do Singer againn fhèin a’ dèanamh innealan-fuaigheil.

Mar a bha Portaluppi e fhèin, tha an togalach seo da-rìribh dà-sheaghach. Is lèir dhuinn gu bheil strì ann eadar beachdan, amannan agus stoidhlean fiù ’s ma choimheadas tu dìreach air an aghaidh-thogalaich fhoirmeil. Air an làimh dheis tha a h-uile rud òrdaichte eagarach ann an rèite fhoirmeil clasaigeach sia uinneagan co-ionnan agus sa’ ghàrradh amar-snàimh is cùirt theanais. Ach far am biodh tu an dùil ri aiseal na co-chothromachd air an t-slighe a-steach, tha Portaluppi air an cànan atharrachadh, air falach air cùlaibh na craoibhe neo-fhoirmeile sa ghàrradh, tha cleasan a’ dol air an togalach fhèin. Tha cruas na h-uinneige air an làimh dheis air bogachadh, uinneag ann an cruth rionnag bheag fiù ’s a’ nochdadh gu sùgrach agus an uairsin tha uinneag an t-seòmar gharraidh a’ fosgladh a-mach air an oisean.

Chaidh sinn a-steach tron phrìomh-dhoras dhan talla-inntrigidh. ‘S e spàs drùidhteach a th’ ann gun teagamh, staidhre mhòr fa chomhair, còmhdaichte ann am fiodh gall-chnò. Tha a h-uile rud taobh a-staigh cho snasail, sàimheachd agus air a dheagh dhèanamh ach ged a tha e gun teagamh cosgaiseach, chan eil ann an dòigh far am biodh tu a’ faireachdainn gu robh iad ri spadaireachd. Tha thu a’ faicinn an dòigh anns an robh Portaluppi a’ dealbhadh an àite, gu h-àraidh anns na seòmraichean muinntirich air cùlaibh, ach chaidh atharraichean a dhèanamh le ailtire eile às dèidh an dàrna cogaidh a thug a-steach àirneis, cùirteinean is an leithid a bhiodh na bu fhreagarraiche ann an Versailles agus a tha a’ connsachadh ri stoidhle shèimh Phortaluppi.

 

Fiù ’s às aonais nan atharraichean ge-tà tha thu mothachail gur ann eadar stoidhlean na 18mh agus na 19mh linn a tha an togalach seo, ùr-nòsach agus traidiseanta agus ’s e sin an sèorsa duine a bh’ ann am Portaluppi. Tha teanntachd ann san obair aige a tha gu math ùidhmhor. Agus ’s e rud cudromach a th’ ann nuair a choimheadas tu air ais air an àm sin agus na thàinig às, an gluasad ‘Modarnachd’, far an do chuir sinn ar cùl ris a h-uile rud a chaidh roimhe. Tha daoine mar Portaluppi agus La Tendenza a’ riochdachadh leantaileachd, a’ dèanamh rudan ùra ach le buntanas ri dualchas cuideachd.

Tha am plana suidhichte na enfilade, tha na seòmraichean uile a’ leantainn a-steach gu seòmraichean eile seach trannsaichean, agus a bharrachd air sin tha na dorsan-spèilidh ceilte a’ ceadachadh buintealas sùbailte eadar na seòmraichean. Tuigeadh tu anns a’ bhad ciamar a chleachdadh tu an t-àite, ciamar a bhiodh tu beò san taigh eireachdail seo. Chì thu cuideachd carson a chaidh an taigh seo a thaghadh airson Io Sono L’Amore, tha e dà-riribh na àrd-ùrlar, na thaigh-cluiche ach na dhealbh-cùil aig an aon àm, a’ cur rudeigin ri beatha làitheil gun a bhith tighinn a-steach oirre.

‘S e an seòmar-gàrraidh an spàs as annasaiche a tha anns an togalach ge-tà. Dh’iarradh tu bliadhna a chur seachad ann, dìreach airson atharraichean na ràithe fhaicinn. Timcheall air, tha dà phìos glainne, mar uinneag dà-ghlainne, ach ann an dòigh a tha a’ dèanamh seòmar-glainne beag eatorra far am fàs lusan feadh na bliadhna. Eadar sin, uimhir de sholas a’ tighinn a-steach agus am pàtran snaidhte air an ùrlar, tha an spàs seo a’ dèanamh iomsgaradh eadar taobh a-staigh agus a-muigh, a’ ceangal pàtrain mhic-an-duine agus pàtrain nàdair.

 

An tac ri ailtireachd san latha an-diugh tha e an-còmhnaidh na thlachd dhomh àitichean fhaicinn far a bheil e soilleir gu bheil aithneachadh ann dhan dealbh-cùil, toglaichean sèimh socair, meòrachail agus air an dèanamh a dh’aona-ghnothach nam pàirt den bhaile, den àite. Cha bu chòir do dh’ ailtireachd a bhith a’ dèanamh cus cliù do dh’ailtirean, a h-uile gin dhuibh a’ feuchainn ri rudeigin ùr, eadar-dhealaichte a dhèanamh dìreach airson a bhith eadar-dhealaichte. ‘S ann a tha ailtireachd gu mòr na phàirt den àrainneachd anns a bheil e suidhichte, a’ dèanamh dealbh-cùil do ar beatha agus ar n-àitichean. Agus mar a tha Portaluppi a’ sealltainn dhuinn, chan fheum sin a bhith dòrainneach!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach