Mì-chothrom na Cumhachd aig Ìre Ionadail

An dèidh droch sheachdain do dheamocrasaidh ann an Earra-Ghàidheal an t-seachdain sa chaidh tha Rhona a’ faighneachd, Cò aig a bheil a’ chumhachd aig ìre ionadail?

ABC ban landscape bb

B’ e droch sheachdain a bh’ ann do dheamocrasaidh ann an Earra-Ghàidheal an t-seachdain sa chaidh. An dèidh do chompanaidh coimhearsnachd ann an Comhghall, SCCDC, na ceudan de dh’uairean a chosg air an iomairt Còir Coimhearsnachd Air Ceannachd aca airson Caisteal an Toll Àird, fhuair iad a’ bhròg bho Chomhairle Earra-Ghàidheal ’s Bhòid mu dheireadh thall Diardaoin sa chaidh.

Aig aon àm, b’ e ionad airson foghlam a-muigh a bh’ ann an Caisteal an Toll Àird ach tha an togalach agus an làrach a-nis air a bhith nam fàsach fad bhliadhnaichean. Bha an SCCDC airson a thoirt beò a-rithist le ionad foghlaim a-muigh, ostail, taigh-bìdh ’s eile. Tha iad den bheachd gu bheil iomairtean mar seo deatamach airson obraichean a chruthachadh agus sluagh a chumail san sgìre.

Bha buidheann foghlaim a-muigh airson £4m a chur a-steach don làrach ann an com-pàirteachas le SCCDC. Bha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Ionmhas Fearainn na h-Alba air taic a chur ris an iomairt. Bha a’ mhòr-chuid den choimhearsnachd ann an Comhghall air bhòtadh airson an làrach a cheannach. Bha tagradh air loidhne ann le barrachd na 10,000 ainm air. Ach, air adhbhar air choireigin, dhiùlt a’ Chomhairle Caisteal an Toll Àird a reic don choimhearsnachd.

A-rèir neach-luachaidh na Comhairle – a chaidh fhastadh leis an riaghaltas – ’s e luach a’ Chaisteil £1.7m. Ge-tà, thuirt am buidheann luachaidh cliùiteach, Savills, nach e ach £850,000 a th’ ann – a’ phrìs a chaidh a thabhann le SCCDC. Tha e follaiseach do dhuine sam bith gu bheil rudeigin ceàrr ma tha faisg air millean not eadar an dà phrìs, ach dhiùlt a’ Chomhairle coinneamh a chumail airson seo a sgrùdadh. Thuirt BPA Earra-Ghàidheal ’s Bhòid Mìcheal Ruiseal, BP Alan Reid agus Nicola Sturgeon fhèin uile ris a’ Chomhairle gum bu chòir dhaibh fuasgladh a lorg a thaobh seo ann an com-pàirteachas le SCCDC gus an Caisteal a reic don choimhearsnachd. Ach cha deach fuasgladh a lorg, agus cha deach a reic.

An rud as miosa mun t-suidheachadh seo, an rud a bhiodh èibhinn mura robh e cho eagalach, ’s e sin gu bheil a’ Chomhairle a’ feuchainn ri cumail a-mach gur e na daoine a bha a’ cur taic ris an iomairt a bha “undermining” a’ phròiseis dheamocrataich. Thàinig an gluasad aca gu crìoch le paragraf gu math bagarrach, ’s e a’ moladh ’s gun tèid giùlan na comhairle a chuir taic ri SCCDC a sgrùdadh agus a pheanasachadh.

Chan eil seo air iongnadh mòr a chur air muinntir na sgìreachd: tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith fo sgrùdadh Audit Scotland dà thuras o chionn ghoirid, agus tha gearanan mu cheannard na Comhairle, Dick Walsh, a’ dol air ais 15 bliadhna. Ach tha rudeigin air atharrachadh am measg na coimhearsnachd an dèidh an reifrinn. Tha daoine nas fhiosrachaile agus nas misneachaile na bha iad roimhe; tha iad nas deònaiche ceistean fhaighneachd agus iomairtean a thòiseachadh an aghaidh nan ùghdarrasan.

San Fhaoilleach, shoirbhich iomairt an aghaidh poileasaidh ùr Comhairle Earra-Ghàidheal ’s Bhòid a bha a’ feuchainn ri casg a chur air postairean poileataigeach, gun fhianais sam bith gun robh casg a dhìth. Agus chan ann a thaobh chùisean ionadail a-mhàin a tha seo a’ tachairt: shoirbhich iomairt an aghaidh prìosan ùr nam boireannach a bha an riaghaltas airson togail agus iomairt an aghaidh fracaidh.

Ach ’s ann aig an ìre ionadail a tha na trioblaidean as motha, agus chan ann an Earra-Ghàidheal a-mhàin. Tha sgìrean nan ùghdarrasan ionadail againn fada ro mhòr bhon a chaidh an atharrachadh sna 70an agus a-rithist sna 90an. Ann an 1974, bha barrachd na 200 comhairle ionadail againn ann an Alba. A-nis, chan eil ann ach 32. A-rèir a’ Choimisein airson Deamocrasaidh Ionadail, ’s e seo fear de na prògraman “delocalisation” as radaigiche a tha air tachairt san t-saoghal air fad.

San Danmhairg ’s e 440 sqk am meud cuibheasach airson ùghdarrasan ionadail, agus 532 sa Ghearmailt. Ann an Alba, ’s e 2,449 sqk th’ ann, agus Earra-Ghàidheal ’s Bòd agus gu h-àraidh Comhairle na Gàidhealtachd nas motha buileach. Tha fada cus dhaoine againn cuideachd: tha nas lugha na 20,000 duine ann an sgìre chuibheasach san Roinn Eòrpa, ach ann an Alba tha barrachd na 165,000 duine againn.

Mhol Mìcheal Ruiseal gun tèid Earra-Ghàidheal ’s Bòd a roinn ann an còig pàirtean, agus bhiodh sin na b’ fheàrr gun teagamh. Ach tha barrachd ann a tha ceàrr na meud nan sgìrean: bu chòir feallsanachd deamocrasaidh ionadail ann an Alba atharrachadh gu tur. Chan eil spèis aig na h-ùghdarrasan ann an Earra-Ghàidheal ’s Bòd don choimhearsnachd; chan eil iad idir deònach ar leigeil a-steach agus pàirt a ghabhail sa phròiseas dheamocratach ann an dòigh ghnìomhach. Ach tha an t-àm seachad airson a bhith a’ fanachd sàmhach ’s umhail.

A bharrachd air a’ Choimisean, tha Pàrlamaid Dhùthchail na h-Alba air moladh gun tèid còmhradh nàiseanta a chumail air deamocrasaidh ionadail, an dèidh sèisein aig a’ chiad phàrlamaid san Òban an-uiridh far an robh e follaiseach gun robh a’ mhòr-chuid de dhaoine, bho air feadh Alba, mì-thoilichte leis an t-suidheachadh an-dràsta. Tha buidhnean leithid Nordic Horizons a’ sgaoileadh deagh chleadhaidhean bho na dùthchannan Lochlannach a dh’fhaodadh a bhith freagarrach do dh’Alba, cuideachd. Tha dòighean obrach ùra, leithid participatory budgeting, gan cleachdadh ann an Alba mar-thà. Tha na comasan againn mar-tha; feumaidh sinn an cleachdadh.

Mar a thuirt an Coimisean airson Deamocrasaidh, “The principle of sovereignty has been so inverted that it is now routine in public policy to talk about government and local governments ‘empowering’ communities rather than the other way around.” Gu dearbh, ’s ann leis an t-sluagh a tha a’ chumhachd, agus, gu toilichte, tha barrachd ’s barrachd.dhaoine ann an Alba ga mhothachadh.

– le Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach