Mìmean | Thig crìoch air an t-Saoghal ach mairidh gaol is ceòl

Dè thachras nuair a chuireas Dàna cliché mhòr na Gàidhlig ri mìmean eadar-lìn?

O chionn ghoirid air an eadar-lìn, bha artagailean a’ sgaoileadh far an robh daoine air caipseanan a lorg a bha ag obair leis cha mhòr a h-uile cartùn anns an iris ainmeil “The New Yorker”.

Is e an triùir as fheàrr “Christ, what an asshole.”, “What a misunderstanding” agus am fear as fheàrr leinn an-seo aig Dàna “Hi, I’d like you to join my professional network on LinkedIn.”

Ann an Gàidhlig, tha sinn ceart cho dualtach a bhith a’ cur gu feum na h-aon abairtean agus gnàthsan-chainnt a-rithist is a-rithist. Ma tha thu air a bhith nad thidsear no nad sgoilear aig Deasbad nan Àrd-sgoiltean bidh thu air an t-seann duan “An t-Ionnsachadh Òg, An t-Ionnsachadh Bòidheach” a chluinntinn deich mìle tursan.

Ach is e am fear as coltaiche a bhith ga chleachdadh airson beagan “tomad” a thoirt gu gnothach sam bith am fìor chlasaig “Thig crìoch air an t-Saoghal ach mairidh gaol is ceòl”. Anns a h-uile sean fhacal Gàidhlig tha an-còmhnaidh beagan gliocas no comhairle, ach chan eil am fear seo na chuideachadh sam bith ge b’e cho snog is a tha e.

Co-dhiù, dh’fheuch sinn air deuchainn bheag an-seo aig Dàna – gun cuireamaid an sean-fhacal càisear sin ri cuid de na mìmean as cumanta air loidhne. Tha cuid ag obair gu math agus cuid a tha caran annasach ach uill, shaoil sinn gun robh feum air artagail fhoillseachadh leis gu bheil sinn air a bhith caran sàmhach o chionn ghoirid.

Bi Dàna. Bi Buan.mairidh12 mairidh11 mairidh10 mairidh9 mairidh8 mairidh7 mairidh6 mairidh5 mairidh4 mairidh3 mairidh2 mairidh1

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach