‘Mìorbhail nam Beann’

Bha Liam san Òban ri linn a’ Mhòid agus fhuair e cuireadh bho Dhualchas Nàdar na h-Alba a dhol gu ‘Mìorbhail nam Beann’, cuirm airson òrain Dhonnchaidh Bhàin a mhealtainn. Thaitinn e ris agus dh’fhàg e smaointean mòr’ air aire-sa. Ged as e ‘Moladh Beinn Dòbhrain’ an t-òran as iomlain a rinn Donnchadh Bàn, nach e ‘Cead Deireannach nam Beann’ am fear as daonnaile?

‘Bha mi ’n dé ’san aonach
‘S bha smaointean mór air m’ aire-sa…’
– Donnchadh Bàn nan ÒranInPraiseofBenDorian

Bha mi air mo dhòigh gun d’fhuair mi cuireadh bho Dhualchas Nàdar na h-Alba a dhol gu ‘Mìorbhail nam Beann’ le balaich Dhonnchaidh Bhàin air feasgar Diardaoin an Tallaichean Cruinneachaidh Earra Ghàidheal. Am measg chlaignean ’s chabair fèidh a bha a’ còmhdachadh nam ballachan eadar sgiathan mhòr-chinnidhean Earra-Ghàidheal, chaidh cuirm thaitneach a chumail gus aon de na bàird as cliùitiche a th’ againn a chomharrachadh. Chan e a’ chuirm fhèin a tha air m’ aire an-seo, ach na dh’fhàg e air m’ aire-sa corra seachdain na dèidh.

 

Cead Deireannach nam Beann

Fhuair mi clàr aig deireadh na cuirme – air a bheil 6 òrain Dhonnchaidh Bhàin gan seinn a thuilleadh air Moladh Beinn Dòbhrain air aithris leis a’ Bhrigadier, Iain Mac a’ Phàrlain, a tha còrr is 26 mionaidean a dh’fhaid.

Tha mi ga èisteachd an-dràsta, agus aon rud a bhuail orm, ’s e gur e ‘Cead Deireannach nam Beann’ aon de na h-òrain as tiamhaidh dham eòl. Gun teagamh. Chan e an t-òran fhèin, neo am fonn, ach an sgeulachd fhèin air chùl nam briathran a tha a’ bualadh m’ aigne.

Mar a tha fhios againn, fhuair Donnchadh Bàn àrach ann an sgìre Ghleann Urchaidh agus bha e ga chosnadh sna frìthean mun cuairt na ceàrnaidh ud den Ghàidhealtachd na fhorsair. Bha e mion-eòlach air an àrainneachd sin, agus tha sin follaiseach gu deimhinne sna h-òrain aige, gu seachd àraidh Moladh Beinn Dòbhrain a tha mar aon de na pìosan litreachais as prìseile àrd-inbhiche a th’ againn sa Ghàidhlig.

Na mheadhan aois, chaidh e a Dhùn Èideann na gheàrd am Freiceadan a’ Bhaile, a bha san uair sin làn de Ghàidheil, agus dh’fhan e ann tacan.

’S e an sgeulachd gun do thill e à Dùn Èideann do ghleann gaolach àraich, agus don bheinn dhan tug e mòr-urram agus mòr-spèis fad a bheatha, Beinn Dòbhrain a sheasas na bhuachaille, na cheann-cinnidh, thar gach àite eile san sgìre. Bha e sean, gun mhòran comais ga dhìreadh mar a rinneadh uair, agus dh’fhàg e sin gun anail na uchd, eu-coltach ris an eilid bheag bhinneach, nach gearan a maothan, a ruaig e iomadh turas.

Tha an t-òran a’ dèanamh pòsadh eadar fàilidhean na seann-aoise ri mar a chaochail beinn ghràdhach òige cho mòr ’s gur gann a dh’aithnicheadh e i. Bha Beinn Dòbhrain fo chaorach, ’s na h-ainmhidhean àbhaisteach air fuadach às a’ ghleann. Bha a mhuinntir mar an ceudna air falbh ’s bha coimhearsnachd a dhachaigh, mar a bha cuimhne aige air, uile air siubhail. Tha seo ga fhàgail gu buileach aonranach airtnealach. Mar a bh’ aige fhèin:

‘Bha mi ’n dé ’san aonachBeinn_Dorain
‘S bha smaointean mór air m’ aire-sa
Nach robh ’n luchd-gaoil a b’àbhaist
Bhith siubhal fàsaich mar rium ann
‘S a’ bheinn as beag a shaoil mi
Gun dèanadh ise caochladh
On tha i nis fo chaoraibh
‘S ann thug an saoghal car asam.’

 

Dìleab Dhonnchaidh Bhàin

Saoilidh mi gu bheil smuain air a bhith againn uile mu chultaran dùthchasach eile an t-saoghail. Nan robh ùine agus comas làn-tuigse againn, dè a b’ urrainn do chuid de na mion-chultaran innse dhuinn mun t-suidheachadh neo mun chàs neo mu dhàn fiarach na beatha? Ciamar a thuigeas treubhan tùsanach Ameireagaidh, mar eisimpleir, am prèiridh, a chaidh atharrachadh cho mòr san dà cheud bliadhna a dh’fhalbh. Dè a th’ aig tùsanaich an Amasoin ri innse mu sheilbh agus ghlèidheadh àrainneachd thar ginealaich, fhad ’s a thèid a’ choille dhachaigheil a leigeil mun cuairt orra?

Dh’fhaoidte nach biodh e cho diofraichte sin ris an òran agus sgeulachd seo, ar leam. Tha an fhaireachdainn a nochdas san òran seo a’ dol thar chrìochan agus buinidh e do chlann na cruinne. Sin agad an rud a tha cho tarraingeach mun òran seo. Seadh, ged as e ‘Moladh Beinn Dòbhrain’ an t-òran as ‘fheàrr’ neo as iomlain neo as àrd-sgileil a rinn Donnchadh Bàn, ann an coimeas ri ‘Cead Deireannach nam Beann’, tha dìth air choireigin ann.

Duncan_ban_MacIntyre_monument,_Dalmally’S e sin an rud mu ‘Mholadh Beinn Dòbhrain’, nam bharail – chan eil e ullamh; chan e ach pìos den sgeul. ’S e fìor chrìoch an sgeòil ‘Cead Deireannach nam Beann’. Agus leis gur feum eòlas a bhith agad air ‘Moladh Beinn Dòbhrain’ gus a bhith a’ sìor-thuigsinn ‘Cead Deireannach nam Beann’, tha an t-òran sin air a dheann-neartachadh air sgàth sin. Agus amhail mar nach gabh ‘Cead Deireannach nam Beann’ a thuigsinn às aonais ‘Moladh Beinn Dòbhrain’, theirinn gu bheil an dearg chaochladh fìor cuideachd. Tha e a’ suidheachadh ‘Moladh Beinn Dòbhrain’ ann an co-theacs, na phròiseas, agus a’ cur faireachdainn daonnda ris.

’S cinnteach gur iomadh atharrachadh a laigh air slèibhtean Bheinn Dòbhrain tro na linntean. Bho bhith na frìth agus na h-àrainn seilge gu bhith fo chaoraich, agus a-nise, dh’fhaodadh tu a ràdh, fo chois choisichean-beinne. Agus mar a chaochail a’ bheinn fhèin, tha tuigsinn dhaoine air atharrachadh cuideachd leis na saoghalan a chaidh iomain às, a’ gabhail a-steach cànan mhuinntir a’ ghlinne. Ged as iomadh sgeulachd thar Alba mu chaochladh àrainneachd, ’s e seo an eisimpleir as fheàrr dheth.

Bidh cuid a’ faighneachd dè a th’ aig na Gàidheil ri innse mu sgeul na h-Alba? Theirinn gur e seo clach den chàrn.

 Liam Alastair Crouse

 

Share

One thought on “‘Mìorbhail nam Beann’

  1. A Liam chòir,

    chòrd seo rium glan, agus tha mi fhèin fiach measail air Donnchadh Bàn nan Òran, gu h-àraidh a thaobh an dà òrain aige mu Bheinn Dòbhrain, ach cuideachd air sàilleabh an òrain (no marbhrainn) a rinn e air Gilleasbuig Caimbeul, bràthair do dh’ Fhear Achaladair, caiptean – is an dèidh sin, màidsear ann an Rèisimeid Fear Dhùn Omhainn (an 88mh Rmd-Coise Gàidhealach ris a theirte “Campbell’s Highlanders” anns a’ Bheurla, no fiù “88th Highland Volunteers”, is iad a’ sabaid cuide ri Rèisimeid Chè (an 87mh) fo chomannd Raibeart Moireach Cè, Fear Murrayshall ann an Sìorrachd Obar Dheathain, a bha iad gu dlùth an dàimh ris). Bha a rèisimeid a’ frithealadh ann an airm Ferdinand, Diùc Brunsbhaig, anns a’ Ghearmailt o 1759 gu 1762. Chaidh Gilleasbuig Achaladair a mharbhadh ann am blàr Phealan-Hùsain, 16 An t-Iuchar 1761, is e sin Vellinghausen ann am Westphalia. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mun chuspair seo anns a’ leabhar agam, From Breadalbane to Brucker Muhl: Scottish Highland Soldiers in Hessen 1759-62 (Sgalasaig, Eilean Cholbhasa: Lochar, 2012), gu h-àraidh ann an Agusan B, tdd. 72-74; agus anns an aiste ceangailte ris a’ leabhar seo, ‘Two German Place-Names in the Work of Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir’, Scottish Gaelic Studies, XXIX (2013): 282-88, f.c. https://www.academia.edu/12992877/TWO_GERMAN_PLACE-NAMES_IN_THE_WORK_OF_DONNCHADH_B%C3%80N_MAC_AN_T-SAOIR_1724-1812. Dh’ fhoillsich mi aiste eile mun chuspair seo agus mun bhàrd fhèin ann an Irland-Journal, anns a’ raon ‘Celtic Cousins’, XXIII.4.12 is XXIV.1+2.13 (f. an seo: http://www.irish-shop.de/dokumente/670_annanlathablarchampain_6s.pdf).

    A bharrachd air seo, dh’ fhaoidte gun còrd an làrach-lìn a dh’ fhoillsich mi an urram do Dhonnchadh Bàn còir cuideachd: https://sites.google.com/site/acsailognanron/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn—das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh—scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi—das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh-_teil-vi—scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century_part-vi/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi-6—das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh-_teil-vi-6—scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century_part-vi-6/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi-6-d—das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischsprachiger-fiktion-vom-18-jh-bis-zum-21-jh-_teil-vi-6-d—scottish-gaeldom-and-the-highlands-in-english-language-fiction-from-the-18th-to-the-21st-century_part-vi-6-d/gaidhealtachd-agus-garbh-chriochan-na-h-albann-ann-an-uirsgeulachd-na-beurla-bhon-18mh-linn-gus-an-21mh-linn_cuid-vi-6-d—das-schottische-gaelentum-und-das-hochland-in-englischs ,

    agus an dealbh seo an urram don bhàrd a chuir mi ri chèile le mo chuid dealbhan-chamara fhèin an dèidh dhomh cuairt a thoirt do charra-cuimhne a’ bhàird ann an Dàil Màillidh an uiridh:
    https://www.flickr.com/photos/8724992@N03/14908629795/in/album-72157646435080945/lightbox/

    Is iomadh turas a labhair sinn mu Dhonnchadh Bàn ’sna clasaichean Gàidhlig agam, cuideachd, is tha m’ athair gu sònraichte measail air a chuid ìomhaigheachd-seilge ’s moladh nam fèidh. Bha sean-sinnsear dhuinn na ghèamair fhèin ri linn Dhonnchaidh Bhàin, ach ‘an teas-mheadhon monadh Vogelsberg, air oighreachd Riedesel zu Eisenbach. Ach sin sgeul eile…

    Le meas,

    Acsail

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach