Misneachd ri Faicinn ann an Èirinn

Tha Màrtainn Mac A’ Bhàillidh bhon bhuidheann ùr, Misneachd, air tillleadh bho chruinneachadh ann an Èirinn. Seo na dh’ionnsaich na h-Albannaich bho ar caraidean air air taobh eile Struth na Mhaoile.

dsc_0234

Uill a charaidean, tha sinn air tilleadh dhachaigh às dèidh turas iongantach ann an Èirinn, a’ tadhal air muinntir bhlàth, chàirdeil, is làn mhisneachd sa chultar aca fhèin. Leis an eòlas a th’ againne air cùisean ann an Alba, bha sinn caran teagmhach mu cho Gàidhealach ’s a bhiodh an tachartas agus an uidhir de Ghaeilge a bhiodh ann, gu h-àraid ann an àite mar Ràth Chairn, Siorrachd Mhì, a tha cho faisg air Baile Àtha Cliath. Cha robh sinn fada mus d’ fhuair sinn a-mach!

Ràinig sinn air Oidhche hAoine mu leth uair às dèidh dhà sa mhadainn is chaidh sinn dìreach dhan Bhradán Feasa, taigh-seinnse Ràth Chairn. Bha an t-àite loma-làn fhathast le daoine de gach ginealach a’ bruidhinn Gaeilge ri chèile. Fhuair sinn fàilte cridheil is a h-uile daoine air leth toilichte gun robh feadhainn a’ dol a bhith ann à Alba.

Thòisich cuisean a-rithist madainn DiSathairne le òraidean is bùthan-obrach is deasbad de gach seòrsa. A’ chiad rud a thàinig a-steach oirnn gu làidir ‘s e cho comasach ‘s a bha a h-uile daoine sa Ghaeilge. Bha còrr is trì fichead neach an làthair eadar, ‘s mathaid, 16 is 76 agus a h-uile gin dhuibh siùbhlach, snasail nan cainnte. Chaidh deasbad a chumail a bha fad is farsaing mu dheidhinn cor na Gaeilge agus na Gaeltachtan. Am measg na duilgheasan a tha romhpa thall a siud, bha gu leòr dhuibh iomachaidh do dh’Alba cuideachd, cothroman do dh’ òigridh sna h-àiteachan iomallach agus buaidh Calpachas air coimhearsnachdan dùthchail.

Bha an dòigh obrach aca drùidhteach cuideachd, ar caraid Ben Ó Ceallaigh aig an stùir, a’ lìbhrigeadh cruinneachadh a bha fosgailte is torrach. Bha cothrom ann do a h-uile daoine am beachdan a thoirt seachad, an dà chuid cruinn còmhla is air leth nuair a sgaoil sinn nar buidhnean beaga. Ged a bha beachdan làidir is, gu cinnteach, sgaradh ann bho àm gu àm, chùm Ben air a’ toirt cothrom na Fèinne do dhaoine a chaidh an sàs. Cha robh Beurla ri cluinntinn idir idir.

Aig ceann an gnothach, chaidh buidhinn bho gach mòr-roinn de dh’ Èirinn còmhla is bha cothrom ann dhan fheadhainn a thàinig à Alba na planaichean againne a chur ri chèile. Mus deach sinn air ais dhan Bhradán Feasa airson ceòl is craic, dh’aoinich iad air seachd amasan a bhios aca sna bliadhnachan a tha romhpa:

1. Làn cosnaidh a tha ag aithneachadh còirichean chànan anns na Gaeltachtan agus san dùthaich san fharsaingeachd.
2. Foghlam tro mheadhan na Gaeilge aig gach ìre airson na daoine a tha ga iarraidh.
3. Làn Còraichean Cànan airson nan Gàidheal ann an Èirinn.
4. A h-uile seirbheis tro mheadhan na Gaeilge anns na Gaeltachtan.
5. Fèin-cumhachdachadh nan Gàidheal.
6. Beatha sòisealta bheòthail tro mheadhan na Gaeilge.
7. Dì-cholonachadh iomlan do dh’ Èirinn.

Ged ‘s aithne dhuinn gu bheil an t-suidheachadh a th’ againne ann an Alba gu math eadar-dhealaichte is gu math nas cugallaiche, bha e cho brosnachail dhuinn am buidheann seo de Ghàidheal fhaicinn a’ tighinn còmhla gus iarrtasan a thoirt seachad a tha cho làidir is cho misneachail. Gu h-àraid a thaobh còraichean do dh’fhoghlam is seirbheisean tro mheadhan a’ chànain, tha tòrr againn ri ionnsachadh bhuapa.

Mar a chaidh an oidhche air adhart is mar a chuir sinn seachad beagan lathaichean san sgìre, bha e follaiseach gun robh na h-Èireannaich, is gu h-àraid muinntir Ràth Chairn, pròiseil às a’ chànan is an cultar aca ann an dòigh gu math nàdarrach is cofhurtail. Tha iad cleachdte ri bhith a’ seasamh an àird airson an còraichean agus ri bhith a’ dìon na coimhearsnachd aca fhèin. Tha luchd-labhairt na Gaeilge a’ tuigsinn gu bheil a’ chiad rud a dh’fheumas sinn a dhèanamh gus ar cànain a shàbhaladh ’s e a bhith gan cleachdadh, rud nach eil idir cho soilleir ma choimheadas tu air saoghal na Gàidhlig ann an Alba. Bu chòir dhuinn cuimhneachadh gu bheil saoghal nas fharsainge againne mar Gàidheal air taobh eile Struth na Mhaoile!

Ní neart go cur le chéile!

Share

3 thoughts on “Misneachd ri Faicinn ann an Èirinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach