Mo Mhàthair, Am Madadh-Allaidh

Sgeulachd Aotrom Mu Throm-Inntinn

Ged nach i mo mhàthair ’s dòcha as fhasa dèiligeadh rithe; aidichidh mi sin; chan eil duine ann as aithne dhomh nach canadh gur e tè inntinneach a th’ innte. Nuair a thig e gu aon is gu dhà, cha chrèid mi nach b’ fheàrr leam màthair inntinneach na tè fhurasta. Na tog ceàrr mi; chan e ’s nach canainn gur e deagh-mhàthair a bh’ innte, oir riochdaich i a h-uile rud a bu chòir a bhith ann am màthair: blàths, gaol, tèarainteachd.

Agus ’s e sin na th’ ann am pàrant dhuinn nuair a tha sinn òg, nach e? Samhla dhe na rudan bunaiteach sin? ‘S iongantach mar gur e ar pàrantan na daoine as fhaisge oirnn ach as lugha as fhiosraich dhuinn. Air corra uair gheibhinn plathadh gun robh pearsa a’ tàmh am broinn an t-samhla mhàthaireil. Sin nuair a shuidheadh i le cupan teatha air a beulaibh is i a’ leigeil seachad a h-uallaichean màthaireil tamall beag. Bhiodh i na suidhe casan bac air oireig na slacs is lèine polo, aodaich a bha san fhasan aig an àm, oir bhiodh mo mhàthair a’ cumail an àirde fasan fad a beatha.

Is ainneamh a smòcadh i ach aig na tamallan seo lasadh i toitean is dh’èireadh na fàinneachan toite às a beul os ar cionn dha na speuran; riombaill an tòir air ainglean. Fhathast nar cuideachd gu corporra, na h-inntinn bha i a’ siubhal gu làithean a h-òige gan toirt beò às ùr na seanchas. An turas a dhràibhig i bho Thoronto gu New York ann an Chevy Bel Air, am pàrtaidh aig a’ flat aig Duke Ellington, an neach-saidheans às an t-Suain aig an robh sùil innte is a dh’ainmich boiteag pharasait às a dèidh.

Is beag an t-iongnadh nach do dh’obraich a’ phlòigh sin. Air corra uair shnàigeadh nàthair an dròch-chuimhne às na faileasan a chuir sgleò air an t-seanchas; mar a thàinig sgaradh san teaghlach bheag aice aig àm a’ chogaidh nuair a chaidh ise is a màthair a chur gu tuath bho Lunnainn nam fògarraich cogaidh, is bho seo a-mach mar a thigeadh atharrachadh aithghearr air sunnd a màthar; no an droch-dhìol a fhuair i aig an sgoil. Tha e duilich a chreidsinn san latha a th’ann gun rachadh nighneag a chasg bho bhith a sgrìobhadh leis a’ chearraig no a cur ann an clas fa leth do chloinn nach seasadh gu dìreach. Ach sin mar a thachair. Stobadh i an toitean aice an uair sin dhan t-soitheach-luaithre a smàladh a cuimhne leis an tombaca.

Seo an nighean dhiùid aonranach a bhiodh air a leantail le cuilean, mas fhìor, a dh’fhàs gu bhith na h-oileanach dàna ann an Lunnainn agus an uair sin na neach-saidheans ann an Canada. Aon uair ’s gun robh clann aice; sin mise is am bràthair is a’ phiuthar agam; chuir i dùbhlan eile roimhpe is chuir i air bhonn Comann nan Cròileagan ann an Alba. Nuair a dh’fhàs sinn suas beagan chaidh i na neach-obrach shòisealta. Bha mo mhàthair ri tòrr rudan inntinneach is neo-àbhaisteach.

An oidhche ud bha i na madadh-allaidh. Nuair a dh’fhosgail i doras a’ flat bhig aice dhomh anns an àite-còmhnaidh dìdeanach, dheàrrs a sùilean dearga orm tro dhoilleireachd na trannsa. Bhoillsg na fiaclan mòra orm gu h-aithgheàrr ’s i a’ dèanamh snodha-gàire rium. Nuair a thionndaidh i gu mo threòrachadh a-steach nochd ceann earbaill bho bhonn na dreasa aice is e a’ tulgadh air ais is air adhart. Bhuail e orm cho neònach ’s a bha e a bhith a’ faicinn madadh-allaidh air èideadh an trusgan cailliche.

Thuit i a-steach dhan chathair-uilne aice is ghabh mi fhèin an suidheachan gnàthach agam ri taobh. Bha i a’ sioftadh gu h-an-fhoiseil san t-sèithear, is i a’ feuchainn ri i fhèin a dhèanamh cofhurtail. ‘Earball an donais!’ thuirt i ‘Cho buaireanta ’s a tha e, fhìos agad.’ Air a beulaibh bha an teilidh air mar a bhiodh e fad an t-siubhail. ‘Leig leam coimhead gu deireadh a’ phrògraim is bruidhnidh mi riut an uair sin, a ghràidh.’ Thug i an t-sùil aice a dh’innse dhomh; ‘Na bi ag argamaid rium!’ Bha làn fhìos agam nach robh dòigh air talamh a chuirinn stad oirre bho bhith a’ coimhead gu deireadh Pointless is chaidh mi a-steach dhan mheanbh-chidsin aice gus cupa teatha a dhèanamh dhan dithist againn. Chàraich mi an tè aice ri taobh is theann mi air slupaireachd às an tè agam fhèin.

‘Cus fuaim!. Tha thu a’ dèanamh cus fuaim.’ Thug i sùil orm a bha eagalach a’ toirt grad-shealladh dhomh air na fiaclan biorach aice. Abair deireadh a bhiodh ann; a bhith air d’ithe le do mhàthair fhèin! Co-dhiù cha deach m’ithe oir thill aire mo mhàthar dhan telebhisean. Theann i ri brunndail mu na co-fharpaisich. Cho gòrach ’s a bha iad, cho gòrach ’s a bha an cuid aodaich, cho gòrach ’s a bha na ceistean, cho gòrach ’s a bha na preasantairean. Cha robh teagamh gun robh rudeigin a’ cur oirre. Mu dheireadh cha sheasadh i na b’ fhaide ris a’ ghòrachd is chuir i dheth am bogsa.

B’ e faochadh a bh’ann dhomh gun robh smig aotrom oirre is gleans aighearach na sùilean nuair a thionndaidh i rium an turas-sa.

‘An tuirt mi riut gu bheil mi air a dhol nam mhadadh-allaidh?’ ars’ ise.

‘Mhothaich mi dha sin.’

‘Ciamar a thug e cho fada dhomh m’ ainmhidh spioradail fhaighinn aig sealbh a tha brath. Ach seo mi a-nis. Dè do bheachd uh?

‘Cha do bhean thu ris an tì agad. Bidh i a’ fàs fuar.’ Thuirt mi rithe gu meata ‘An cuir mi sa mhicrowave i?’

Na bi cho amaideach! Am faca tu a-riamh madadh-allaidh ag òl tì?

Bha greis de shàmhchair ann eadarainn a chaidh a’ lìonadh le gearanan an t-seann bhoiler anns a’ phreas.

‘S e Bob as coireach.’

‘Bob?’

‘Seadh Bob. Is esan mo sheuman.’

‘Seuman?’

‘Aig na clasaichean, fhìos agad. Clasaichean spioradalachd. An tuirt mi riut gu robh mi a’ dol do na clasaichean sin; aig Partick Burgh Halls? Gach feasgar Dihaoine. Thuirt Bob rium; duine gasta a th’ ann; gun robh fìos aige bhon chiad triop a thachair sinn ri chèile gur e seuman a th’ annam cuideachd, sin nan cuirinn eòlas air m’ ainmhidh spioraid. Sin an seòrsa duine a th’ ann, duine lèirsinneach. Duine cho laghach sa ghabhas. Agus bha e ceart.’

Bha i air leum gu a casan is bha i a’ spaidsearachd air ais is air adhart.

‘Tha mi air a bhith a’ deànamh tòrr leughaidh; mu spioradalachd is a lethid. Tha ainmhidh spioradail aig gach duine. Bidh fear agads. ‘S còir dhomh am boiler buaireanta sin a chàradh. ‘S doch’ gun sgrìobh mi fhèin leabhar; eachdraidh-bheatha a bhios ann; Mo Bheatha mar Mhadadh-Allaidh. Rudeigin mar ‘Tha Fhìos Agam Carson a Nì am Madadh-Allaidh Saor Ulfhart’, ‘Fèin-Eachdraidh de Mhadadh X’, ‘Thugad am Madadh-Allaidh!’ Cuiridh mi fòn dhan phlumair sa mhadainn, Trobhad; tha rudeigin agam ri sealltainn dhut!’

Chaidh i a-null gu doras a’ chidsin is thug i spìonadh dhan làmhrachan ga fhòsgladh. An àite a’ chidsin bhig, bhìodaich leis na cupannan-tì san t-sinc is an dinnear aice deiseil air a’ chunntair is còmhdach cling film air b’ e raon mòr farsaing feurach a bha far comhair ’s e na shìneadh gach taobh dhinn chun na fàire. Thug mo mhàthair leum aiste is shin i na deann ruith thairis air an raon is mise air a tòir a’ feuchainn ri cumail suas rithe. Bho àm gu àm stadadh i, ach mum faighinn m’ anail, thog i oirre a-rithist. Thàinig sinn an uair sin gu coille. Ged a bha mo mhàthair a-nis fada air thoiseach orm, ghlac mo shùil aiteal dhen fhaileas aice eadar na craobhan is chluinninn bragail briseadh nan geug is mar sin chaidh agam air a leantainn air èiginn. Shiubhail sinn mòinteach is shiubhail sinn cladach is thàinig sinn gu beinn. Aig mullach na beinne stad mo mhàthair mu dheireadh thall.

Bha i na seasamh gu direach beagan astar bhuam is i air a soillseachadh ris na speuran gorma. Dh’at a broilleach is leig i donnal aiste a bha eagalach is a chuir crith san talamh fodham.

‘Leamsa sin!’ Bha i a’ sìneadh a làmh thar a’ mhòinteach a laighe foidhpe is an cuan farsaing a laighe roimhpe. ‘Uile! ………. Ach; am faic thu e?’

Bha mi ri taobh a-nis ach cha robh de dh’anail agam nam uchd a leigeadh leum freagairt a thoirt dhi. Bha sgòthan a’ cruinneachadh air an fhàire is na faileasean aca a’ cluich air uachdar na mara. Mhothaich mi gun robh sùilean mo mhàthar dian-ghlacte leis na faileasan sin ’s iad gan leantainn gu frionasach.

‘A bheil thu ga fhaicinn? An rud a tha mi a’ lorg?’

Thàinig sgleò na sùilean. ‘Tha mi rud beag sgìth.’ thuirt i. ‘Cha chreid mi nach gabh mi cupa tì a-nis’

Thionndaidh i agus i a’ cur cùl ri beinn is mòinteach is muir is thill i dhan t-seòmar-suidhe. Chuir mi air a’ choire is ghlan mi aon de na cupannan san t-sinc. Nuair a thill mi, fhuair mi boireannach anfhann na sìneadh an sin is an teilidh air gu h-àrd. Cha robh sgeul air cluasan fada no fiaclan biorach no earball a chuireadh dragh oirre.

Chàraich mi an ti aice ri a taobh is thug pòg da gruaidh. Rinn mi gus falbh.

‘Mus fhalbh thu a ghràidh’ thuirt i ‘an dùin thu doras a’ chidsin? Tha oiteag fhionnar a’ tighinn troimhe’.

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach