Mòd an Òbain | Eilidh NicCarmaig

‘S e Mòd air leth a bh’ anns an Òban am bliadhna – làn de chraic, chànan, agus ghrian! Bha an teaghlach MhicCarmaig uile an làthair a’ gabhail a-steach òr-ghathan an àile. Seo i, Eilidh NicCarmaig, a’ beachdachadh air a’ Mhòd aice.

Cha robh mi fhèin a’ farpais mar aon neach am bliadhna airson a’ chiad uair on a bha mi còig bliadhna a dh’aois – is nach math sin! Bha eagal mo bheatha orm co-dhiù an-uiridh is mi a’ gabhail pàirt sa Bhonn Òir, gun a bhith air mo chraoladh beò air an TBh – bha an rèidio eagalach gu leòr dhomh-sa. Chaill mi Mòd na Cloinne am bliadhna oir ’s ann a ràinig mi an t-Òban feasgar Dimàirt. Ach, bha mi ann aig farpaisean-deireannach a’ Bhuinn-Òir agus an t-Seann Nòis is abair gun do chòrd iad sin rium – feumaidh mi aideachadh nach robh mi riamh aig farpais a’ Bhuinn-Òir gus an robh mi fhèin a’ gabhail pàirt ann an-uiridh! Mar sin, bha am bliadhna-sa tòrr na bu thlachdmhoire dhomh a thaobh a bhith ag èisteachd ri na farpaisean oir ’s e as motha a tha a’ còrdadh rium.

Bha barrachd ùine agam cuideachd airson froiligeadh timcheall a’ Mhòid na tha air a bhith agam riamh roimhe, is thug seo cothrom dhomh barrachd eòlais fhaighinn air an Òban… a’ leithid Marky Dans, Coasters, An Kelvin… is fiù ’s a’ Chlarry! Obh obh, abair gun robh deagh chraic a’ dol ann an taighean-seinnse an Òbain. Ach, ’s e an rud a mhothaich mise gun robh muinntir an Òbain ro-dheònach a bhith na phàirt dheth, agus chan ann tric a chithear sin anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh ann an àiteachan a leithid Inbhir Theòrsa is Phàislig, ged a chuir gach baile fàilte chridheil oirnn. Ach, dh’fheumainn oidhche socair a ghabhail Diardaoin is farpaisean agam an ath latha.

Chan eil mi air a bhith mar phàirt de chòisir aig a’ Mhòd on a bha mi deich bliadhna a dh’aois còmhla ri Bun Sgoil Phort Rìgh, ach ’s ann a thòisich mi air seinn còmhla ri na ‘GGs’, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu nuair a ghluais mi dhan a’ bhaile mhòr. Tha e coltach ri coimhearsnachd theann de dhaoine aig a bheil ùidh mhòr sa Ghàidhlig agus sa cheòl a tha a bhith na lùib, fiù ’s an fheadhainn aig nach eil a’ Ghàidhlig agus ’s e rud air leth a tha sin. Cha b’ urrainn cianalas a bhith orm còmhla ris a’ chòisir is iad cho fàilteachail is càirdeil. Is ged nach do shoirbhich sinn ann an co-fharpaisean na bliadhna, chòrd an latha rinn gun teagamh sam bith – is am feasgar rinn na b’ fhèarr buileach!

’S e Mòd air leth a bha agamsa co-dhiù san Òban is tha mi air bruidhinn ri iomadach neach a tha a’ fulang cuideachd an-dràsta leis na ‘Mòd blues’! Bha an t-àite brèagha, bha an t-sìde àlainn is bha am baile làn Ghàidheal fad seachdain – cò dh’iarradh an corr?

– Eilidh NicCarmaig

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach