“Mòdley Crùe” ann an Inbhir Nis

modfeineag

Bha am Mòd ann an Inbhir Nis san Dàmhair airson a’ chiad uair o chionn 1997. Cha robh Shannon Cowie ach na caileag bheag an uairsin – saoil cò ris a bhiodh e coltach agus ise a’ tilleadh dhan bhaile aice fhèin le sgioba Taigh na Gàidhlig na cuideachd? Thàrr is às beò.. air èiginn…

Tha fhios a’m gum bi an t-artaigeal seo gu math goirid co-dhiù. Chan eil mòran fhios agamsa air na thachair aig a’ Mhòd am-bliadhna agus chan e sin air sgàth ’s nach robh mi ann!

River Ness.jpg
River Ness“. Licensed under Public domain via Wikimedia Commons.

Inbhir Nis. Abair baile. Uill, nach e tha sgoinneil? Tha drochaid agus caisteal ann mura bheil fhios agad air an òran ainmeil sin…ach nach eil na rudan sin aig cha mhòr a h-uile baile air a bheil thu eòlach ann an Alba? Dè bha gu bhith sònraichte mun a’ Mhòd ann an Inbhir Nis? Bha amharas gu leòr agamsa mu dheidhinn co-dhiù, feumaidh mi ràdh.

Chaidh mi fhìn agus an dithis craicte eile, air am bi sibh nas eòlaiche air mar na flatmates agam, suas dhan a’ Mhòd Diciadain. Bha mi fhìn agus Katie air a’ bhith aig a’ Mhòd nuair a bha sinn òg agus cuideachd chaidh sinn ann a’ bhliadhna seo chaidh, nuair a bha e ann am Paislig. Ach, airson Caitlin, ’s e a’ chiad uair dhise a bh’ ann. Thàinig Caitlin dhan oilthigh gun Ghàidhlig sam bith agus tha i nis fileanta. Tha a’ Ghàidhlig aice tòrr nas fheàrr na bhios a’ Ghàidhlig a bhios mise a’ cleachdadh co-dhiù agus fios aice air cha mhòr gach riaghailt gràmair a th’ann! Bidh i a’ tighinn suas ri Gillebhrìde san àm ri teachd! Ach air ais dhan a’ Mhòd; dh’fhaodadh tu ràdh gur e ‘Maighdeann a’ Mhòid’ a bh’innte.

Cha mhòr nach robh sinn ann an Inbhir Nis airson dà uair a thìde nuair a nochd mam aig an taigh. “Girls, just got you all a few things for the week” – chan eil mi air an t-uabhas dibhe sin fhaicinn ach bho air cùlaibh cunntair taigh-seinnse agus tha daoine ag ràdh gur e mise an droch isean…“like mother, like daughter” mar a bhios daoine ‘g ràdh! Bha feum againn air sluagh a thrusadh – agus gu luath. Sin nuair a nochd Ricky Hannaway, Ali Govig agus Crìsdean Dòmhnallach. Dè dh’fhaodadh a dhòl ceàrt?! Bhiodh tu smaoineachadh gun robh Màiri Mhòr nan Òran fhèin san taigh agam leis na bha de dh’òrain aig Ricky an oidhche sin! Cha robh e idir airson stad! As deidh deoch neo dhà a ghabhail aig an taigh chaidh sinn uile dhan bhaile airson Trail West fhaicinn ann an Hootanannys.

Cha b’ urrainn dhomh mo shùilean a chreidsinn nuair a bha daoine feitheamh taobh a-muigh airson faighinn a-steach. Dìreach chuala sinn dithis sets mus do dh’fhàg sinn airson daoine eile a shireadh air feadh a’ bhaile. Cha mhòr nach robh cus aca a’ dol ann an Inbhir Nis! Chaith sinn cha mhòr fad na h-oidhche a’ ruith mun cuairt a’ feuchainn ri lorg fhaighinn air a h-uile duine.

An ath-mhadainn, mar a shaoileadh tu, cha robh sinn idir airson èirigh. Ach, ’s e Latha nam Bonn Òr a bh’ann agus bha sinn uile airson a bhith ann airson Eilidh NicCaramaig fhaicinn, ’s e aonan dhinn fhèin a tha innte. Ged nach eil fios aig mòran air seo, tha mise gu math eòlach gu bheil i dèidheil air pàrtaidh neo dhà cuideachd (ach na innis dhith gun do leig mi a-mach an dìomhair aice!). Thuirt mi ri na nigheanan gun robh e cho math dhuinn coiseachd, cha toireadh e ach 15 mionaidean aig a’ cheann thall. Uair a’ thìde as deidh sin agus bha sinn fhathast a’ coiseachd nuair a fhuair sinn a-mach gun do ghlèidh Eilidh a’ cho-fharpais. Bha mi cho moiteil. Bha Caitlin cho sgìth. Bha Katie dìreach làn fearg leamsa nach robh i air an fharpais fhaicinn – oops! Chan robh mi air an rathad sin a choiseachd airson ùine mhòir…sin an leisgeul a thug mi dhith co-dhiù!

Dh’fhuirich sinn an uair sin airson dithis de na farpaisean aig na còisirean dùthchail a’ chluinntinn. Chan eil càil còltach ri bhith ‘g èisteachd ris na còisirean aig a’ Mhòd. Chòrd iad uile rinn gu mòr. Bha e gu sònraichte math nuair a dh’fhalbh na britheamhan às an t-seòmar agus thòisich na còisirean uile seinn còmhla. Cha robh mi air càil mar sin a chluinntinn roimhe aig farpais. Tha e sealltainn dhut nach ann dìreach mu dheidhinn buannachadh a tha e. Ged a tha daoine ag ràdh seo fad na h-ùine; tha a bhith gabhail pàirt gu math cudromach!

Air an oidhche shuidh sinn san t-seòmar-shuidhe làn dòchais gun gleidheadh an Cormack eile, Ruairidh, an fharpais aige, Bonn Òr an t-Seann Nòis. Bha e doirbh a chreidsinn gun do dhiochuimhnich cha mhòr a h-uile fear am faclan. Tha mi làn bheachd gun robh buidseachd air choireigin air tachairt air an àrd-urlar an oidhche sin. Bha sinn fhìn còltach ri bana-bhuidsich nuair a bhuannaich e. Chan eil fhios a’m carson nach do nochd am poileas aig an doras leis an sgreuchail a rinn sinn uile! Chaidh sinn an uair sin mun chuairt taigh-seinnse neo dhà (neo trì). Chan ann gu deireadh na h-oidhche a thòisich am pàrtaidh gu ceart. Chaidh Ian Mac a’ Ghobhainn à Tiriodh airson a’ bhogsa aige agus nuair a dhùin na taighean-seinnse uile, bha cèilidh againn air an t-sràid. Bha oidhche làn ghàireachdainn againn uile. Chruinnich mu thrithead san t-sràid airson dannsa, seinn agus spòrs. ’S e amannan mar seo a tha dèanamh a’ Mhòid cho sònraichte.

Bha craic ann am pailteas ann an Inbhir Nis!

Bha craic ann am pailteas ann an Inbhir Nis!

Ràinig deireadh-seachdain a’ Mhòid agus abair gun robh feum air! Bha sinn cha mhòr nar coiseachd marbh leis cho sgìth ’s a bha sinn. Tron latha chaidh sinn air ais airson na còisirean eile fhaicinn. Nuair a’ chrìochnaich an fharpais chaidh sinn uile dhachaigh gus faighinn deiseil son a’ chèilidh. An toiseach chaidh sinn a choimhead air Hò-Ro ’s an uair sin gu na h-Ironworks airson Skipinnish. Cha eil feum ann dhomh bhith ’g innse dhuibh gun robh iad dìreach sgoinneil mar as àbhaist.

Chan ann dìreach mu dheidhinn nam farpaisean a tha am Mòd. Ged a tha sin na phàirt gu math mòr, feumaidh daoine faicinn gu bheil taobh gu math sòisealta ann cuideachd. Tha mi dhen bheachd gun tug Inbhir Nis tòrr chothroman do dhaoine an taobh sin fhaicinn cuideachd leis an uabhas de cheòl a bh’ aca air feadh a’ bhaile. Cha mhòr nach eil thu taingeil às dèidh làimhe gu bheil e seachad.

Ach, bha sinne a’ fuireach aig an taigh agamsa. Cha dèanadh sinn dearmad air oidhche eile a-mach Disathairne! Bha an geama iomain ann ri fhaicinn cuideachd…oh oh.

 

  • Shannon Cowie
Share

3 thoughts on ““Mòdley Crùe” ann an Inbhir Nis

Freagair Eoghan Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach