Mòds & Rockers | “Nar n-aghaidh agus leinn”

Anns an artagail dheireannach aige mar dheasaiche Dhàna, tha Eòghan a’ coimhead ris an rathad air adhart.

“Oir ge b’ e neach nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.” Marc 9:40

Tha e coltach gu bheil an saoghal air a dhol bun-os-cionn agus an ceòl air feadh na fidhle. Mòd Madness. Anns na seann làithean, cha bhiodh ach deasbad air a thòiseachadh le Ailean The Whaler mu dheidhinn an robh feum sa mhòd tuilleadh, ach a-nis tha daoine air a dhol an-sàs ann an deasbad mu sheimeantaigs a thaobh cò th’ ann an Gàidheal. Cha do dh’adhbhraich seo aiteamh bhleideagan ach èiginn gnàth-shìde na Gàidhlig, le cuid de dhaoine a’ lasadh mar grian mhì-nàdarrach theth an Dàmhair, cuid eile a’ leaghadh air falbh agus aonan no dithis a’ dol fodha mar Micronesia ann an ceann deich bliadhna.

Luchd-ionnsachaidh, tùsanaich, luchd-labhairt ùra, co-chaidreabhaich, daoine aig an robh a’ Ghàidhlig on ghlùin, Mòds, Rockers, Gàidheil, Albannaich. Tha na facail seo a’ ciallachadh rudeigin. agus ge b’ e cho cudromach ’s a tha an ciall is a’ bhrìgh a tha agamsa orra, tha ciall eile aig daoine eile orra cuideachd. Agus uaireannan, fiù ’s leis an aon chiall againn, tha sinn a’ togail brìgh eile nuair a leughas sinn iad air loidhne gun ghùht gan lìbhrigeadh aghaidh ri aghaidh. Sin agaibh cànan. Mar a tha gasta a’ ciallachadh luath ann an Èirinn, agus àlainn ann an Alba.

Bha mi a’ smaoineachadh air na facail o Iosa a tha aig mullach na duilleige nuair a bha mi a’ smaoineachadh air an t-suidheachadh ghòrach seo. Tha mise coma, ’s a bha riamh, cò às a thàinig cuideigin cho fhad ’s gun robh iad deònach le neart an dùirn, fallas an gnùis agus deagh ghean an cridhe a chuir ri ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Ge b’ e dè label a bha iad airson sadail orra fèin, air neo ge b’e dè ro-riochdair, chan e a’ cheist “An e Gàidheal a th’ annad?” ach “An e deagh neach a th’ annad?” a bu chòir dhuinn a bhith a’ faighneach.

Mar a thuirt mi ri cuideigin an latha eile, tha craic os cionn cinnidh an-còmhnaidh. Cleas Mhàrtainn Luther King Jr, an aisling aige gum biodh a cheathrar chloinne beò ann an dùthaich far nach biodh iad gam breithneachadh air sgàth dath an craicinn, ach air sgàth sùsbaint an caractair. Saoil an robh an t-Urramach a’ feuchainn ri ràdh “Craic os cionn craicinn” ’s mathaid?

Chan eil sin ag ràdh nach eil na rudan sin cudromach dha na daoine sin, tha buaidh aca oirnn uile – tha sinn uile a’ tighinn às ar dualchas, às ar n-eachdraidh, às ar creideamhan – agus tha e cunnartach a dhol ro fhada bhuapa a dh’aona-ghnothaich. Chì sinn a’ bhuaidh a tha air a bhith aig eileachadh o chultar is chànan air a’ mhòr-chuid de dh’Alba. Fiù ’s nuair a tha daoine a’ feuchainn ri tèicheadh o chultar air sgàth ealain no adhbharan eile, ’s ann air a’ chultar sin a tha iad a’ stèidheachadh an tèichidh, leithid Iain C. Mac a’ Ghobhainn. Ach tha na rudan sin uile – cinneadh, cultar, creideamh, gnè, seòrsa, cànan – tha iad uile nas lugha na tha caractar. Feumaidh sinn a bhith comasach freagairt a thoirt ceart cho math ri Quo Vadis? ’s a tha sinn ri Cò às a tha thu?

Airson strì na Gàidhlig chan eil ach dà cheist a dh’fheumas freagairt mu dheidhinn nan daoine a tha thu airson obair còmhla ris: A bheil iad airson obair airson maith na Gàidhlig agus am bu toigh leat a bhith nan cuideachd? Ma ’s e tha agus bu toigh. na freagairtean a tha agad, uill chan fheum thu an còrr. Chan obraich iomairt sam bith airson na Gàidhlig gun a bhith a’ coimhead aig an uile gu lèir, ag obair gu h-iomlanach. Feumaidh sinn coimhead ri dòighean gus na sgìrean dùthchail a neartachadh leis na àiteachan bailteil, agus vice versa. Sin cnag na cùise. A h-uile duine ag obair còmhla. Na tha mise a’ faicinn, rinneadh tòrr cròn gun cus adhbhar. Tha a’ mhòr-chuid air aithneachadh sin, agus chan eil e idir ro anmoch còmhraidhean is càirdeas a chumail an àird gus tilleadh dhan cho-obrachadh a tha deatamach son àm ri teachd.

Mar a thuirt an neach eile an latha eile air Twitter, àite far a bheil an dearbh rud seo fìor an-còmhnaidh “a bheil seo uile air a bhith mu dheidhinn a bhith a’ dèanamh phùingean ceart san dòigh cheàrr?” Chanainn gu bheil. Chanainn gu bheil. Chan eil an neach eile ceàrr ro thric.

Eòghan

“‘S e seo an colbh bheachd mu dheireadh a bhios agam airson Dàna, ged a tha mi an dòchas a bhith a’ foillseachadh rosg bho àm gu h-àm fhathast, oir às dèidh còrr is còig bliadhna, bidh mi a’ seasamh sìos on bhòrd dheasachaidh leis gu bheil mi a’ gluasad gu dreuchd ùr, ach tha e air a bhith na urram mhòr dhomh a bhith an-sàs le Dàna on fhìor thoiseach, a’ toirt spionnadh mhòr do sgrìobhadh na Gàidhlig agus a’ foillseachadh ghùthan ùra treun a chuir gu mòr ris an deasbad mun chànan. Bu mhath leam mo thaing a thoirt do Steaphan, Liam, Rhona, is Dòmhnall Iain a thòisich an turas iongantach còmhla ri chèile, Alasdair a thàinig nar lùib air an t-slìghe, agus a h-uile sgrìobhadair a thàinig air cuairt còmhla rinn agus a thig fhathast. Gràdhaichibh a chèile. Chan eil càil nas cudromaiche na sin. Eòghan Stiùbhart.”

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach