Moireach air a mhilleadh

moireach air a mhilleadhBha againn ri feitheamh seachdad bliadhna’s a seachd mus do bhuannaich Breatannach an tiotal mòr aig Wimbledon a-rithist, ach a-nis, feumaidh sinn cunntadh bhon toiseach aon uair eile.

A h-uile duine còmhla, 1…

 

Le Calum MacConaill

Madainn an-dè, bha cùisean a’ coimhead math dha Anndra Moireach. Bha a’ chiad sheachdain aige cho furasta ’s a bha e a-riamh dha aig Wimbledon, agus rinn e a’ chùis air a’ chluicheadair mhòr Kevin Anderson gun strì feasgar Diluain. Ach an-dè, bha cluicheadair òg air fàire, cluicheadair nach do chaill geama air feur am-bliadhna. Mura robh sibh eòlach air an ainm Grigor Dimitrov ro làimh, bidh fios agaibh cò a th’ ann a-nis, is tha mi an amharas nach e sin an turas mu dheireadh a chì sinn Dimitrov a’ buannachadh an-aghaidh Moireach.

Bha am bràmair aig Maria Sharapova tòrr na b’ fheàrr na bha Moireach air an latha, ach ’s truagh nach do chluich Moireach cho math ’s a chluich e anns a’ chiad cheithir geamannan. Bha seachd mearachdan deug air fhichead aig Moireach gun Dimitrov a’ toirt buaidh air, is còig cearban dùbailte (double faults) cuideachd. Nan dèanadh cluicheadair sam bith na h-uibhir sin de mhearachdan, bhiodh e uabhasach doirbh dhaibh geama a ghlèidheadh. ’S e seo a’ chiad dùbhlan ceart a bh’ aig Moireach aig Wimbledon am-bliadhna, is gu mì-fhortanach, dh’fhàillig e. Is ged a tha mi a’ càineadh Moireach, feumaidh mi Dimitrov a mholadh air sgàth ’s gun do chluich e uabhasach math, is esan a bha airidh air àite san iar-chuairt dheireannach.

Ged a tha mi air Moireach a chàineadh rud beag, feumaidh sinn cuimneachadh gur e neach-spòrs iongantach a th’ ann. Seo balach òg a dh’fhàg an dachaigh aige ann an Alba nuair nach robh e ach còig bliadhna deug a dh’aois airson sgoil teanais a fhrithealadh ann am Barcelona. Seo duine a dh’fhàs na b’ fheàrr is na b’ fheàrr thar nam bliadhnaichean gus an robh e cho math ri Nadal, Federer agus Djokovic. Seo cluicheadair a chùm a’ dol ged a chaill e a’ chiad cheithir cuairtean deireannach anns an robh e aig farpaisean-mòra. ’S e duine dealasach, proifeiseanta, tàlantach a th’ ann, is neach-spòrs Breatannach cho fiot ’s a chunnaic mi a-riamh.

lendl

http://www1.skysports.com/tennis/news/12110/7881375/lendl-key-to-murray-run

Bha aon rud eadar-dhealaichte aig Wimbledon am-bliadhna ge-tà. Cha robh cudeigin cudromach an làthair, is ’s e sin an seann choidse aige, Ivan Lendl. Tha mi a’ smaoineachadh gum b’ e sin an t-adhbhar a bu mhotha a chaill e an-dè. Aon rud a chuir iongnadh orm, ’s e sin gun robh Moireach a’ fàs feargach leis fhèin air a’ chùirt is le mar a bha e a’ cluich. Chan fhaca sinn Moireach coltach ri sin airson iomadach bliadhna, is tha mi cinnteach nan robh Lendl ann, a’ cumail sùil gheur air, bhiodh modh Mhoirich gu math diofraichte. Mar chluicheadair, nan cluicheadh tu buille (shot) dhona, is gum faiceadh tu Lendl a’ coimhead ort gun sgur air cùl nan speuclairean dorcha aige, chluicheadh tu na b’ fheàrr airson an ath phuing. ’S e caractar stòlda a th’ ann an Lendl, a bha an-còmhnaidh na shuidhe mar ìomhaigh-chloiche aig na geamannan. Thug e buaidh mhòr air Moireach, is chanainns’ gu bheil sin a dhìth air an-dràsta.

Chan urrainn dhomh a ràdh nach eil Amelie Mauresmo (an coidse ùr aig Moireach) a’ toirt buaidh air an aon dòigh gu cinnteach, ach chanainns’ nach eil. ’S e deagh chluicheadair a bh’ ann am Mauresmo gun teagamh sam bith, is bheir i deagh chomhairle dha Moireach nuair a dh’iarras e oirre i. ’S e obair mhòr a bhios ann a’ feuchainn ri brògan Lendl a lìonadh, is chan eil fhios a’m a bheil coidse sam bith ann an-dràsta as urrainn dha sin a dhèanamh.

Cò tha a’ dol a bhuannachadh a-rèiste? Chan eil ach ceathrar air fhàgail, is ’s iad:

Roger Federer (Seed 4) – Tha Federer a’ feuchainn ri ochdamh tiotal aig Wimbledon a ghlèidheadh. Cha do bhuannaich fear sam bith barrachd air seachd tiotalan singilte aig Wimbledon, is abair euchd a bhiodh ann nan dèanadh e a’ chùis. Tha e air a bhith a’ cluich uabhasach math gu ruige seo, agus ’s dòcha gur e seo a’ bhliadhna anns an dèan e an dearbh rud.

Milos Raonic (Seed 8) – Rinn Raonic a’ chùis air Nick Kyrgios sa chairteal-chuairt dheireannach an-dè (Kyrgios am fear aig 144 san t-saoghal a bhuannaich an-aghaidh Rafael Nadal sa cheathramh cuairt), is bhuail e naoi aces deug air fhichead sa gheama ud. Chan eil am fear à Canada riamh air a bhith ann an iar-chuairt dheireannach aig co-fharpais mhòr, is ma dh’obraicheas an dìoladh (serve) an-aghaidh Federer san ath gheama, ’s dòcha gum bi cus aige. ’S esan a’ chiad fhear Canadach a tha air a bhith anns na h-iar-chuairtean deireannach aig Wimbledon airson naochad bliadhna ’s a h-aon!

Grigor Dimitrov (Seed 13) – Mar a tha fios againn a-nis, bhuannaich Dimitrov an-aghaidh Moireach ann an trì seataichean, ach rinn e a’ chùis aig Wimbledon am-bliadhna mar-thà air cluicheadairean sònraichte eile leithid Alexandr Dolgopolov agus Leonardo Mayer. Tha mi cinnteach gum buannaich Dimitrov tòrr thiotalan mòra thairis nam bliadhnaichean a tha romhainn, ach an e seo an t-àm aigesan?

Novak Djokovic (Seed 1) – Dè as urrainn dhomh a ràdh nach deach a ràdh mar-thà mu Djokovic? ’S e cluicheadair eagallach math a th’ ann, cumhachdail leis a’ bhuille-thillidh (return) as fheàrr sa gheama. Bha beagan thrioblaidean aige an-dè an-aghaidh Marin Cilic, ach thàinig e tron gheama ann an còig seataichean. Ged nach do bhuannaich e tiotal mòr airson ochd mìosan deug, chan urrainn dhuinn an cluicheadair seo a sheachnadh.

Tha e doirbh ro-fhios a bhith agam air, ach ma bhios an dìoladh aig Raonic cho math an-aghaidh Federer ’s a bha e an-aghaidh Kyrgios an-dè, tha mi a’ smaoineachadh gum bi e ro mhath dha. Chanainns’ gun cluich e an-aghaidh Djokovic sa chuairt dheireannach, ach air sgàth ’s gur e a’ chiad chuairt dheireannach a bhios ann dha Raonic, ’s dòcha gum bi cus uallach air. Mholainn Djokovic airson tiotal Wimbledon am-bliadhna.

Farpais nam Bàn

Ann am farpais nam bàn, tha e fiù ’s nas dorra tomhas a dhèanamh air cò a bhios soirbheachail am-bliadhna. A-rithist, tha ceathrar air fhàgail, is ’s iad:

Simona Halep (Seed 3) – Tha bliadhna sgoinneil air a bhith aig Halep, is an-dràsta, tha i aig àireamh a trì san t-saoghal. Ged a chaill i an-aghaidh Sharapova sa chuairt dheireannach aig co-fharpais na Frainge beagan sheachdainean air ais, tha e coltach nach eil sin a’ cur dragh oirre tuilleadh. Fhuair i blas air cuairt dheireannach, is tha i ag iarraidh ceum eile a ghabhail a-nis airson ’s gum bi na làmhan aice air an duais.

Eugenie Bouchard (Seed 13) – Co-fharpais shoirbheachail airson Canada le tè òg sna iar-chuairtean deireannach cuideachd. Chan eil Bouchard ach fichead bliadhna a dh’aois, ach tha i air a bhith anns na h-iar chuairtean deireannach aig an fharpais Astràilianach agus an fharpais Fhrangach am-bliadhna mar-thà. Bidh i aig àireamh a h-aon san t-saoghal gun teagamh sam bith ann am beagan bhliadhnaichean, ach saoil an urrainn dhi a’ chiad tiotal fhaighinn am-bliadhna?

Lucie Safarova (Seed 23) –  ’S e seo an tè air nach eil sinn cho eòlach, is seòrsa de dh’iongnadh ann gu bheil i air an ìre seo a ruighinn. ’S e seo a’ bhliadhna as fheàrr a bh’ aice riamh, is tha i air gluasad suas san rangachadh (rankings) gu mòr. Cha do chaill i seat (set) fhathast am-bliadhna, ach bidh an ath gheama tòrr nas dorra dhi.

Petra Kvitova (Seed 6) – Tha beagan a bharrachd eòlais aig Kvitova na tha aig na cluicheadairean eile anns na h-iar chuairtean deireannach. Bhuannaich i a’ cho-fharpais air ais ann an 2011 nuair a rinn i a’ chùis air Maria Sharapova gun trioblaid sam bith. Air sgàth ’s gu bheil i air an tiotal a ghlèidheadh ron seo, tha fios aice dè tha roimhpe, is tha sin na chuideachadh mòr dhi.

Mar a thuirt mi, tha e doirbh a ràdh cò bhios a’ buannachadh farpais nam bàn am-bliadhna. Tha mo chridhe ag ràdh Bouchard, ach tha mo cheann ag ràdh nach fhaigh i seachad air Halep san ath chuairt. Chanainns’ gun coinnich Halep is Kvitova sa chuairt dheireannach, is glèidhidh Halep a’ chiad tiotal mòr aice.

novak djokovic is simona halep

Novak Djokovic is Simona Halep a’ togail dhuaisean

http://www.si.com/tennis/beyond-baseline/2013/11/04/report-card-novak-djokovic-simona-halep?eref=si_tennis

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach