Moladh Bana-Ghàidheil an Latha an-Diugh 

Le Alasdair Paul, Eilean Arainn

Mo bheannachd oirbh, a chaileagan na croite
Caileagan coileanta a fhuair an àrach bu dhìriche
Bileagan feòir eadar òrdagan ur casan rùisgte
Guth binn na h-uiseig is na cuthaig nur cluasan
Ùir for n-ìnean is toit na mòna nur falt
Bleoghann is buain, crodh is caoraich
Is cearcan san iodhlann

Mo mhìle beannachd oirbh, a chaileagan a’ bhaile mhòir Le cead Creative Commons

Mo mhìle beannachd oirbh, a chaileagan a’ bhaile mhòir
Caileagan grinn a chuir cùl ris a’ chroit
Cabhsair cruaidh a’ gliogadaich for sàilean àrda a-nis
B’eòlach ur seanmhair a leithid de dh’fhaoineas
Bhàirnis air ur n-ìnean is dath air ur falt
Boltrach is bùthan, dreasa theann is a-mach gu lunch
Is botal Proseco sa fridge agaibh a-staigh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach