Moroco

Bho chòmhnardan a’ chosta an iar gu bailtean mòra nan laighe eadar callaidean bheann ’s fàsach loisgte gu ruige dùintean gainmheach na Sahara, tha Moroco na dùthaich air leth aig a bheil measgachadh sònraichte de dh’àrainneachd agus eachdraidh.

Ali Ben Youssef; oilthigh Quaranach às an 11mh linn

Ali Ben Youssef; oilthigh Quranach às an 11mh linn

‘S ann a chaidh mise agus caraid dhomh don dùthaich aig tòiseach na Samhain, dar a bha cosgaisean itealain aig prìs shaor agus na dròbhan de luchd-turais an ìre mhath seachad. Tha cuimhne a’m a bharrachd am blàths tioram gam bhualadh aon uair ’s gun do landaig sinn aig port-adhair Mharrakesh, fiù ’s aig an àm sin den bhliadhna.

Chuirte na ciad làithean seachad am Marrakesh fhèin, ’s abair ùpraid! ‘S e gach duine air a shon fhèin a bh’ ann gun teagamh; sgonsairean air gach taobh a’ feuchainn ri d’ airgead fhaotainn ’s faram nam bùithtean ’s ar n-aineolas gar cur troimhe-chèile.

‘S gann gu bheil cruth seana bhaile Mharrakesh air atharrachadh thar nan linntean agus e na mhaze de shràidean agus ceàrnagan gun rian sam bith. Feumaidh tu bhith leagte ri bhith a’ dol air chall fad uairean a thìde – agus sin le mapa nad làimh! Ach, air do chall an teis-meadhan baile eireachdail eachdraidheil co-dhiù.

2012-11-06-514

Essaouira, far an robh iad a’ clàradh ‘Game of Thrones’; sean phort Portagaileach.

Bhon sin, chaidh sinn don chosta, do bhaile dom b’ ainm Essaouira, a thòisich mar bhaile ceart ri linn nam Portagaileach agus a bha na thuineachas hippie sna 70an. Do na daoine a bhitheas a’ coimhead ‘Game of Thrones’, ’s e seo aon de na h-àiteachan far an deachaidh fhilmeadh (agus àiteachan eile air an turas leithid Ourzazate, no Oullaidh-wood, mas as fheàrr a dh’aithnichear air feadh an t-saoghail e). Chaidh sinn a mharcach air muin eich air an tràigh aig dol-fodha na grèine, rud a chòrd rium fuathasach math.

Chaidh sinn an uair sin don taobh an ear, a’ lùbadh tro bheanntan Atlais, far a bheil crìochan na dùthcha a’ leaghadh do dh’fhàsach mòr Sahara.

Dar a chaidh sinn air muin nan càmhal gu ruige àite-campaidh na h-oidhche, ’s ann a thòisich fras ri sileadh. Ghabh mise iongnadh de seo, ach ’s ann a thuirt am fear-iùil gum b’e sin a’ chiad uisge a chunnaic esan ann an trì latha ; chan fhaic iad ach 4 làithean de dh’uisge sa bhliadhna, agus sinne cho ‘fortanach’ an cothrom sin fhaotainn. Àidh, abair fortan!

Co-dhiù, dhìrich sinn dùintean gainmhich ceud gu leth meatair a dh’àirde an dubhar na h-oidhche… ’s e aon de na rudan às fheàrr a rinn mi riamh a bhith a’ faicinn sholasan a’ priobadaich agus fuaim fèis-chiùil ag èirigh bhon bhaile as fhaisge oirnn bho mhullach an dùin a b’ àirde.

Ach a-mach bho na dùintean fhèin (Erg Chebbi), cha tèid mòran luchd-turais don cheàrn seo. Bha cuid mhath den t-sluagh aig nach robh fiù ’s Fraingis sna bailtean seo agus iad uile a’ bruidhinn Berber nan Tuareg. Ach, abair gun robh na daoine cho bàidheil coibhneil ris na Gàidheil fhèin! Tillidh mi don cheàrn seo de Mhoroco uair eile, ’s cinnteach.

2012-11-07-529

Port Essaouira

Bha e doirbh dhomh soraidh a leigeil le Rissani agus am bus-oidhche a ghabhail 7 uairean a thìde gu ruige Fhez, seann bhaile mòr eile thairis air na beanntan Atlais a-rithist. Bha seo glè choltach ri Marrakesh ann an iomadach dòigh ach le seallaidhean eadar-dhealaichte agus ballachan-baile na bu mhò.

Aig an ìre seo, thòisich sinn ri fàs tinn oir cha robh sinn cleachdte ri a leithid seo de shiubhal. Aon rud mu Mhoroco, tha thu dol a dh’fhàs tinn (thoir leat tòrr ghlanadairean-làimhe agus feuch gun a bhith cleachdadh nan uidheam-ithe).

Ach, a dh’aindeoin tinneis, fadachd nam busaichean, ùpraid nam bailtean mòra, ’s e Moroco an t-àite as fheàrr don deachaidh mi gu ruige seo. Tha seallaidhean agus fidridhean (experiences) cho ùr grinn agus (a-mach bho na bailtean) tha a’ mhòr-chuid den t-sluagh cho còir ’s a ghabhas don neach-turais. Tha cuimhn a’m a’ dol gu taigh airson cupan tì ann an Rissani agus fear no dhà iarraidh oirnn dhol a choinneachadh am màthair airson srùbag eile a ghabhail a-staigh aca fhèin. Gu dearbh fhèin e, feuch gun tèid thu seachad air Tangiers gus fìor bhlas fhaighinn de Mhoroco.

2012-11-09-592

Erg Chebbi san ear.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach