Mar deidhinn

Chaidh a’ chiad artaigil againn fhoillseachadh air làrach-lìn Dàna sa Mhàrt, 2013.

Seo na h-amasan a bh’ againn:

  • cha robh iris Ghàidhlig sam bith ann, mar sin bha sinn airson a bhith a’ lìonadh beàrn le rudeigin snasail ’s spòrsail
  • bha sinn airson a’ Ghàidhlig àbhaisteachadh, gu h-àraidh air-loidhne
  • bha sinn airson cothroman cleachdaidh a chruthachadh a thaobh na Gàidhlig san fharsaingeachd
  • bha sinn airson leughadh agus sgrìobhadh na Gàidhlig a bhrosnachadh gu sònraichte

‘S e iomairt shaor-thoileach a th’ ann an Dàna.  Bidh iomadh duine a’ sgrìobhadh pìosan don iris, agus sgioba bheag de cheathrar ga stiùireadh agus ga deasachadh.  Seo sinne:

Rhona NicDhùghaill às an Òban

Steaphan MacRisnidh à Dun Dèagh

Eòghan Stiùbhart, à iomadh àite

Alistair Paul, san Eilean Arainn

Gheibh thu grèim oirnn air post-d an seo: fios@danamag.org

FacebookTwitterGoogle+Roinn

11 thoughts on “Mar deidhinn

  1. Hi a Liam,

    Tha mi air mo dhòigh an iris ùr seo fhaicinn!

    Eil thu a’ lorg sgrìobhadairean fhathast?

    Bhithinn deònach airtigilean cunbhalach a dhèanamh gach mìos no dhà nam biodh ùidh agaibh.

    Chan eil fhios agam dè seòrsa cuspair a bhiodh agam – na h-ealain san fharsaingeachd? Litreachas? Bàrdachd? Dràma? Sin an seòrsa eòlas is foghlam agam.

    Ma tha thu feumach air CV is eiseamplairean sgrìobhaidh, leig fios is cuiridh mi rudeigin thugad.

    Dd,

    Marcas

    PS Cuiridh mi leth-bhreach ‘Deò’ sa phost dhuibh ma tha cuid airson lèirmheas a dhèanamh air 😉

    • Halò a Mharcais

      Tha thu di-beathte rudeigin a sgrìobhadh dhuinn agus a chur thugainn uair sam bith. Aig an ìre sa, cha bhi pàigheadh an lùib a’ ghnothaich, tha sinn uile ga dhèanamh gu saor-thoileach. Ach, bhiomaid ro thoilichte do chuid sgrìobhaidh chruthachail, no rudeigin co-cheangailte ri cultar, no artaigeal eile fhaighinn bhuat.

      leis gach deagh dhùrachd

      Steaphan MacRisnidh

      PS. Meal do naidheachd an leabhar agad fhoillseachadh.

  2. Is math a fhaicinn iris às Gàidhlig seach iris mun Ghàidhlig!

    Bhithinn ana thoilichte a dheanamh leir-mheas air Deò. Tha mi air mo dhoigh glan, gun d’ainmich Marcus cruinneachadh bhardachd airson a’ chu-chaoraich agam. Biardaidh a th’ innte! 😀

    • Taing mhòr a Pheadair. Bhiodh fàilte gu deimhinne air sin, agus leirmheas sam bith eile a bharrachd! A bheil leth-bhreac agaibh-se mur-thà dheth? Liam

  3. Tha mi glè thoilichte gu bheil iris/blog Ghàidhlig mar Dàna ann. Tha theatre companaidh beag Gàidhlig agam an-dràsta – ’s e Theatre Gu Leòr a t-ainm a th’ air. Tha e air lèth dhoirbh lèirmheas Ghàidhlig cheart fhaighinn aig ìre pròifeiseanta, nuair a tha sinn a’ chuir pìos drama Ghàidhlig air an àrd-ùrlar. Tha sinn ag obair gu cruaidh an-dràsta air adaptation de Shrapnel,nobhail le Tormod a’ Bhocsair, ’s ’s e Catrìona Lexy Chaimbeul, nighean aig Tormod a tha ga sgrìobhadh an-dràsta. Tha Frances Poet (’s e dramaturg sònraichte math a th’innte, ach gu mì-fhòrtanach chan eil Gàidhlig aice) ag obair còmhla ri Catrìona an-dràsta. Tha mi an dochas gum bidh Leabhraichean Beaga a’ chuir Shrapnel (an dealbh-cluich) a-mach air clò, ’s cuideachd tha sinn an dochas gum biodh sinn a’ chuir Shrapnel air an àrd-ùrlar aig an Tron Theatre ’s cuairt as-dèidh sin as fhoghair 2015. Tha barracuda fiosrachaidh ri fhaighinn air an làrach line againne theatreguleor.co.uk – tha mi an dochas gum biodh ùidh aig cuid den sgioba agaibhse, tighinn ’s lèirmheas a’ sgrìobhadh ag an àm sin! Gur math their Leibh le Dàna! Muireann Kelly – Stiùiriche Theatre Gu Leòr

    • Hallo, a Mhuireann. Ciamar a tha dol dhuibh aig Theatre Gu Leòr? Thug mi sùil air an làrach-lìn agaibh. Cheannaich is leugh mi an leabhar Shrapnel nuair a thàinig e a-mach an toiseach. Nuair a chuireas sibh Shrapnel air an àrd-ùrlar, bidh mi ro thoilichte dhol a choimhead air. Mur urrainn dhomhsa, tha mi cinnteach gun tèid aig fear no tè eile dhen sgioba againn a dhol ann.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach