Murt Air A’ Bheinn

North Goatfell

Sgeulachd oillteil inntinneach à Eilean Arainn le Alasdair Paul

Air latha samhraidh an 1889 thog dithis fhireannach orra a shreap Gaoda Bheinn, a’ bheinn as àirde ann an Eilean Arainn. Cha do thill ach aonar. Nuair a lorgadh corp fo chloich gu h-àrd air a’ bheinn is e brùite briste le comharraidhean an fhòirneairt air b’ e cùis-mhuirt a bh’ann. ‘S ainneamh a dh’èireadh cùis-eucoir ann an eilean beag mar Arainn, gun luaidh air muirt is chuir na thachair a t-uabhas air muinntir an àite. Lorgar san sgeulachd a h-uile rud a bu chòir a bhith aig sàr sgeul mhuirt eadar inbhe sòisealta, feis, eud, ainm fuadain, àrd-ùrlar sònraichte is eucoireach fon choill. Chan iongnadh e gur e cuspair a thogas ceann air corra uair chun an latha an-diugh.

Bha am mortear, fear d’ am b’ainm Mgh Laurie, is am fear a mhort e, Mgh Rose, am measg nam mìlltean de dhaoine a thigeadh dhan eilean air bòrd an iomadh bàta smuid a fhrithealadh puirt a’ Chluaidh. B’ e àm fèill Glaschu a bh’ann is bhiodh na bàtaichean gu sònraichte trang ’s iad a’ cur thairis le daoine sunndach le grunn làithean air falbh bho smùid is cuingealachad nam bailtean mòra san amharc dhaibh. B’ e Rose a chuir eòlas air an fhear a bha gu bhith cur às dha an toiseach air bòrd a’ bhàta Ivanhoe is iad air an slighe eadar Eilean Bhòid is Arainn. Dè dìreach a thug iad còmhla, tha e duilich a radh, oir bha iad gu math eadar-dhealaichte bho chèile. Bha Rose na Chlèireach a bhuineag don mheadhan-bhuidheann às frith-bhaile Lunnainn. Bha Laurie na neach obrach ann am factaraidh a thogadh trèanaichean smuid às Cill Mheàrnaig. Ach bha taobh eile gu pearsa an dithis. Bha Rose na ghilmean, fear a bha dèidheil air a bhith air èideadh gu spadeil is a bhith a’ tarraing aire dha fhèin. Is cinnteach gun seasadh e a mach bho chàch a bha air bòrd a’ bhàta na sheacaid teanais dhonn is gheal, ad gheal bursaid air le stais mholach a’ còmhdachadh a bhile uachdaire. Air a thaobhsa bha cliù aig Laurie airson dol a-mach mì-chneasta is goid. Bha e a’ siubhal fo ainm fuadain, rud a bheir oirnn smaoineachadh gun robh mì-ghnìomh air choireigin fa-near dha.

A reir choltas fhuair iad air adhart glè mhath. ‘S dòch gur e na diofaran eatorra a tharraing iad ri chèile no, mar a bhiodh na fathannan a’ cur an cèill na b’ fhaide air adhart, b’ e tarraing feise a bh’ann. No ’s dòcha gum faca Laurie cothrom brath a ghabhail air a’ charaid ùr a bha gu follaisach nas beartaiche na esan.

Chòrd an turas riutha cho math ’s gun do chuir iad romhpa tilleadh a dh’Arainn. An ath latha bha iad air ais air an eilean is iad a’ sireadh àite-còmhnaidh airson nam beagan laithean a bha air fhàgail de na làithean-saora aca. Leis cho trang ’s a bha an t-àite cha d’fhuair iad ach bothan beag fiodha air cùl taigh-aoidheachd le aon leapaidh na bhroinn. Bha caraidean do Mgh Rose a sìor fhàs nas amharasaiche mu Laurie is thug iad earalas dha gun a bhith a’ gabhail gnothach ris, ach bha e ro anmoch. Bha an sgeul air a chur air bhonn, is cha robh ann ach an oillt a bhith air a choileanadh. Thugadh an aire do dhol a mach neònach Laurie is e a’ spaidsearachd air ais is air adhart taobh a-muigh an taigh-aoigheachd a’ brunndail ris fhèin. A bharrachd air seo bha an dèideadh air a dh’fhàg e an triom fhrionasach, ghruamach.

A dh’aindeoin nan droch shamhlaidhean thug iad a’ bheinn orra is chunnacas iad a’ dol dha h-ionnsaigh ’s iad air an slighe tron choile foidhpe. Mar bu ghnàth dha, bha Rose air èideadh gu spaideal an turasa na dheise Clòtha Hearach, bonaid air a cheann is bata na làimh, cleas an fhìor Gentleman Climber. Bha Laurie air toiseach air, mas fhìor na neach iùil beinne. Chunnacas iad na b’fhaide air adhart air a’ mhullach is iad a’ dèanamh air taobh cas creagach na beinne. Anmoch air an fheasgar thug cìobair an aire do Laurie is e na aonar a-nis. Bha e a’ teàrnadh gun ruige baile Sannaig air taobh thall na beinne le coltas riaslach, claoidhte air.

Rose

Bho seo a mach cha robh sgeul air Laurie ann an Arainn tuilleadh. B’ e fògarrach a bh’ann a-nis. Ach a reir nadar an duine b’ e teicheadh no-choileanta, cearbach a chuir Laurie an gnìomh. Chaidh fhaicinn an toiseach air ais air Eilean Bhòid ’s e a’ cosg an dearbh sheacaid striopach, dhonn is gheal a bha air Rose an latha a thachair e ris. Bha e greis ann an Liverpool far an do dh’fhàg lèintean geala aig Rose leis an ainm aige fhèin air a stampadh orra. Rè allabain sgrìobh e dà litir gu pàipearan naidheachd. Ann an litir dhan North British Herald mhaoidh e gun cuireadh e às dha fhèin. ‘S dòch an oidhirp na fathannan ma chomhair ghnèitheasach a mhuchdadh thug e cuideachd iomradh air leannan ris an robh air ùr-dhealachadh. Air ais ann an Alba sgrìobh e don Ghlasgow Herald a dh’aideachadh gur esan a ghoid bho Rose ach nach b’ esan a chuir às dha. Fhuaireadh grèim air mu dheireadh thall ann an coille taobh a-muigh Hamilton. Bha amhaich air a gearradh, mas fhior ann an oidhirp gus làmh a chuir na bheatha fhèin, ach cha robh an sgor a dh’fhàg e domhain gu leòr airson moran cron a dhèanamh air. Cleas faoin eile aig an duine.

Ann an cùirt-lagha a ghlac aire a’ mhòr-shluaigh is a’ lìon cholbhan nam pàipearan naidheachd fhuaireadh ciontach e is fhuair e binn-bhàis. Ach bha gu leòr mì-chinnt an cois na cùise is gun do thogadh ath-thagradh às a leth. Chaidh aontachadh an uairsin gun robh an duine às a chiall is chuir e seachad a’ chòrr de a bheatha ann an diofar phrìosanan is ionadan son eucoirich le trioblaidean inntinn.

Bha car beag eile dhan sgeul a cheanglas e le dualchas nan Gàidheal. Nuair a chiadh corp Rose a lorg thug na poilis ionadail na brogan bhuaithe is thìolaich iad air a’ chladach iad fo bheul an làin. Nuair a chaidh an ceasnachadh mun ghnìomh dhiùlt iad mìneachadh a thoirt seachad. Ach dhan fheadhainn aig an robh beagan eòlais air cleachdaidhean saobh-creidmheach b’ e an adhbhar air a chùl, stad a chuir air anam bruailleanach Rose bho bhith a’ sìor-dhol ànrach air uchdar na talmhainn.

Agus sin e; an sgeul cho fad ’s a tha e againn. Ach ’s e sgeul neo-iomlan a th’ann a dh’fhàgas sinn an-fhoiseil, lan tuill is uireasbhaidhean. Chan urrainnear a radh le cinnt fiù ’s gur e murt a bh’ann seach tubaist. Mas e murt; dè an rùn a dh’adhbharaich e; eud no sannt, no dìreach caoch aithgheàrr? Tha an fhirinn ri lorg sna na beanntan is glèidhidh iad an rùn-dìomhar gu sìorraidh, gu h-àrd am measg nan creagan uaigneach, sglèothach.

– AP

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach