Na biodh ann an càs ’s nach cuimhnich thu ormsa

Nan rachadh film euchd no gaisge, uabhais, àbhachdais, gaoir, msaa. a chur ann an riochd gàidhealach, dh’fhaodamaid tarraing à pailteas sgeulachdan, ach cuideachd à òrain, bàrdachd agus dàin de dh’iomadach seòrsa.

Tha na filmichean Hollywood as soirbheachaile a’ gabhail brath air na rudan as aithnichte ann an cultar na Beurla, agus a’ toirt caochladh orra ann an diofar dhòighean, a bharrachd air a bhith a’ filleadh abairtean is ràdhan eirmseach, drùidhteach, èisgeil, msaa. a-steach aig amannan iomchaidh gus smuain, gàire, uabhas, mulad no aoibhneas a chur air an luchd-amhairc.

Dh’fhaodadh filmichean mòra gàidhealach an dearbh rud a dhèanamh. Tha stòras luachmhor de dh’abairtean aig a’ Ghàidhlig, agus gu dearbh, dh’fhoghaineadh an cruinneachadh de bheul-aithris aig Iain Òg Ìle a-mhàin airson tobar mòr beartach de ghnàth-fhaclan a bhith aig sgrìobhadair anns an oidhirp.

Mar sin dheth, dè na ràdhan, abairtean is gnàthfhaclan no seanfhaclan Gàidhlig a chuireadh sibhse air na filmichean dìleabach, ùirsgeulach as cuimhneach leinn o ar n-òige?

Can, nam biodh postair-sanasachd no trèilear ann le ràdh-suaicheantais air a tharraing às an fhilm, dè a’ Ghàidhlig a bhiodh agaibh air?

Uill, seo taghadh bhuamsa a dh’fhaodamaid cur gu feum gus craiceann eile a chur air na filmichean Hollywood as fhèillmhoire a bh’ ann agus a th’ ann agus a bhios ann.

  1. Saoghal fada is soirbheas

Is e seo na chanadh Spock à Star Trek nam biodh Gàidhlig aigesan agus aig na Vulcans. Gu dearbh, tha tionndaidhean dhen abairt seo ann an iomadach teanga air feadh an t-saoghail.

  1. Na biodh ann an càs ’s nach cuimhnich thu ormsa

Uill, ged nach eil cuimhn’ agam a bheil ràdh ann buileach co-ionann ri seo anns na h-eipicean gaisge aig Hollywood, is iomadh sàr-churaidh no gaisgeach Ameireaganach a dh’fhaodadh an gnàth-fhacal seo a thoirt seachad ’na dhreach ghàidhealach, leithid Clark Kent ann an Superman, Batman, Spiderman, msaa.

Shaoil mi fhìn gur ann à beul Superman a b’ fheàrr a fhreagradh e !

Cò an diùlnach eile a bheireadh spleuchdadh air crann-mheatailt le a làimh, no a shadadh dreag mhòr air falbh bhon Talamh gun ach neart a dhà ghualainn? Chan urrainn fiù ’s don Hulk Do-chreidsinn sin a dhèanamh, agus cha chreideadh e ann e co-dhiù.

Na biodh ann an càs ’s nach cuimhnich thu ormsa
  1. Cuireamaid clach air an càrn

Buinidh gnàth-fhaclan dhen leithid seo ri filmichean cogaidh is cuimhneachain – tha iad dlùth-chàirdeach. Film cogaidh sam bith sa bheil neach no daoine as t’fhiach cuimhneachadh airson an treubhantais. Taisgibh sin nur cuimhne agus smaoinichibh air fear math san rachadh an loidhne thiamhaidh seo a thoirt seachad. Is dòcha le Steven Spielberg.

  1. Huch!

 

A dh’aindeoin ’s gur e seo fuaim a tha dannsairean a’ leigeil a-mach air ceann gach cuairt de phort gàidhealach, nach ann a thàinig Top Gun a-steach orm an-dràsta. Chuirinn e ris na fo-thiotalan aig Tom Cruise agus e a’ dèanamh “Huch!” san dol seachad anns an itealan-cogaidh aige.

Ge-tà, ged a b’ e Top Gun a thàinig a-steach orm sa chiad dol a-mach,  b’ fheàrr leam dha-rìribh  a bhith ga chluinntinn aig Iain “Mac an t-Sliomaire” Travolta ann an Dirty Dancing bhon a tha deagh ghailleag aige air na fuinn a-cheana.

Dannsadh Salach, ach chan eil ròs air Travolta
Sin nas fheàrr…. “huch”!
  1. Cha robh cus air a bharrachd ’s a bhith beò.

Seo gnàth-fhacal fìor ghàidhealach a bu mhath leamsa a bhith a’ cluinntinn le blas math Nuaidh Eadhairc no Chicago aig aon de na geangstairean ann am film Scorcese no De Niro.

  1. Nan do sheas e nad amhaich, bhiodh cuimhne na b’ fheàrr agad air!

Is iomadh film Hollywood anns a bheil deagh throd eadar càraidean, leithid duine is bean-chèile, dithis leannan, dithis charaidean no dithis cho-obraichean, msaa. Tha m’ inntinn a’ toirt dealbh an seo air sealladh-film sa bheil boireannach a’ trod ri fear air choireigin, agus esan a’ gròcail freagairt air ais rithe.

Uill, se deagh abairt a th’ ann airson còmhradh sam bith sa bheil iad a’ cur a-mach air a chèile. Tha mi a’ buileachadh an urraim air Eastenders, san rachadh a chleachdadh gach dàrna loidhne dhen sgriopt a h-uile feasgar .

  1. A’ tarraing a’ bhuairidh.

Bha mi riamh dèidheil air a’ ghnàthas-cainnt seo agus tha loidhne shònraichte ris am freagair e dhomhsa. Mel Gibson, ’s e ag ràdh ann am Braveheart ro thoiseach Blàr Shruighlea “Is mithich dhuinn a bhith tarraing a’ bhuairidh.” (It’s time tae pick a fight)

  1. Cha do chuir e a làmh a thachais a thòn.

Tha seo a’ ciallachadh nach tug cuideigin làmh-chuideachaidh sam bith, air neo ann an suidheachadh eile, nach tug e tabhartas sam bith, airgead ann no às. Dè na filmichean as aithne dhuibh anns a bheil leisgear? Sgròbaibh ainm nam film ud air an duilleag Facebook againn. Dhomhsa dheth, seo na chanadh bean Rab C. Nesbitt ri a caraid ma dheidhinn a cèile gasta, còir.

9. Nach eil dòigh air bith gu dol às againn?

“Is there no way outta here”? Indiana Jones, The Mummy, Star Wars … filmichean gun àireamh far a bheil na pearsachan a’ toirt oidhirp teichidh à daingneach mòr no cùil chumhaing.

10. An robh dùil agaibh ri deich?

Is mairg a theireadh (no a bheireadh) a shàr fhacal.


Le Steaphan Mac Risnidh

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach