Na cuibhlichean a’ tionndadh

bike shadowsAn ath mhìos, thèid sgeama rothaireachd a chur air bhog ann an Glaschu. Coltach ris na Baidhseagalan Boris a th’ aca ann an Lunnainn, bidh 400 rothair ri fhaighinn air mhàl tron sgeama, aig 31 àiteachan sa bhaile, ’s a’ mhòr-chuid dhiubh ann am meadhan a’ bhaile agus san Taobh an Iar. Rè ùine Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis, bidh na rothairean ri fhaotainn aig 6 àiteachan a bharrachd, a bhios faisg air goireasan nan Geamaichean. (Seo mapa de na h-àiteachan far am bi na rothairean ri thogail.)

Tha sgeamaichean rothaireachd mar seo glè chumanta san Roinn Eòrpa, gu h-àraidh san Spàinn, san Eadailt, san Fhraing agus sa Ghearmailt (far a bheil a’ chompanaidh a bhios a’ lìbhrigeadh sgeama Ghlaschu, nextbike, stèidhichte). Mar sin, ged a tha sinn ann an Alba beagan air dheireadh leis an sgeama seo, dhomhsa, ’s e rud fìor mhath a bhios ann.

Nuair a thàinig mi a dh’fhuireach ann an Glaschu an dèidh dhomh dà bhliadhna a chur seachad air ais sa Ghàidhealtachd, reic mi an càr agam, ’s chuir mi romham an rothair a chleachdadh cho tric ’s a b’ urrainn dhomh. Ged nach eil am bun-structair rothaireachd ann an Glaschu faisg air na th’ aca san Òlaind no sna dùthchannan Lochlannach, b’ fheàrr leam a bhith air an rothair seach ann am bus fàileanta le draibhear gruamach. Bha agam ri miotagan rothaireachd a cheannach sa gheamhradh ceart gu leòr, ach a bharrachd air sin, cha robh an aimsir na trioblaid dhomh; cha robh ann ach latha no dhà thar na bliadhna far an robh an t-uisge cho trom ’s gun robh agam ris an rothair fhàgail aig an taigh.

Ma bhios daoine a’ cleachdadh an sgeama ùir seo, fàsaidh a h-uile duine ann an Glaschu nas cleachdte ri bhith a’ faicinn rothairean air sràidean meadhan a’ bhaile, an dà chuid draibhearan, a bhios nas mothachail orra, agus coisichean, a bhios a’ smaointinn mu dheidhinn rothaireachd mar roghainn eile dhaibh fhèin. ‘S ann mar sin a thachair e ann am Baile Àtha Cliath, far a bheil fear de na sgeamaichean rothaireachd as soirbheachaile san Roinn Eòrpa.  Nuair a bha mi fhìn, agus an rothair agam, ann am Baile Àtha Cliath ann an 2011, chuir e iongnadh orm an uiread de dhaoine eile a bha air rothair, agus cho furasta ’s a bha e rothair a chleachdadh sa bhaile. Bidh a’ Chomhairle ann an Glaschu ag amas air an aon ìre de shoirbheachas.

Gu dearbh, bidh barrachd rothaireachd na bhuannachd mhòr do Ghlaschu, baile a tha gu tric a’ nochdadh aig bonn clàran lìge a thaobh slàinte agus dùil-aoise. A rèir stiùireadh slàinte, bu chòir do dh’inbhich 30 mionaid de dh’eacarsaich a dhèanamh, còig tursan san t-seachdain. Ma bhios daoine a’ cleachdadh rothair ’s iad a’ dol don àite obrach aca, no a’ dol do na bùthan, ’s e dòigh furasta a bhios ann an t-amas sin a choileanadh. Gu follaiseach, cha bhi an sgeama ùr a’ coileanadh feuman slàinte a’ bhaile leis fhèin, ach bidh e a’ togail aire ann an Glaschu a thaobh rothaireachd.

Red blue bikesAch ma tha a’ Chomhairle airson tòrr a bharrachd dhaoine fhaicinn air rothairean – boireannaich, clann, daoine nach eil buailteach a bhith a’ dèanamh eacarsaich, agus daoine le teachd a-steach ìosal nam measg – feumaidh iad tòrr a bharrachd a dhèanamh a thaobh goireasan agus rathaidean. Feumaidh sinn an ìre a ruigsinn far a bheil e a cheart cho furasta ’s cho luath rothair a chleachdadh son turais ghoirid na tha e dòigh-shiùbhail eile a chleachdadh. Gu dearbh, tha deagh eisimpleirean ann a thaobh seo; Copenhagen agus Amsterdam aig mullach an lìge, mar a bhiodh dùil, ach bailtean eile leithid Baile Àtha Cliath agus Lyon san Fhraing a tha air a bhith a’ dèanamh gu fìor mhath a thaobh rothaireachd bhon a chaidh na sgeamaichean aca a thoirt gu buil.

Thug mi seachad beagan làithean ann an Amsterdam san fhoghar. Bha mi a’ fuireach còmhla ri caraid às an Òlaind, agus bhiodh sinn a’ cleachdadh nan rothairean againn gach latha. Cha mhòr nach biodh e neònach a bhith a’ coiseachd, an àite a bhith air an rothair. Gu dearbh, tha an Òlaind gu math rèidh, eu-coltach ri Alba. Cuideachd, tha àiteachan pàrcaidh sa bhaile eagalach cosgail. Ach ’s e na rathaidean a tha a’ dèanamh an diofar nam bheachd-sa. Tha slighean fa leth ann do rothairean ri taobh nan rathaidean agus solasan-trafaig fa leth ann. Air rothair ann an Amsterdam, tha thu a’ faireachdainn gu bheil a cheart uimhir de chòir agad a bhith a’ cleachdadh nan rathaidean ’s a th’ aig na càraichean – fiù ’s barrachd, aig amannan, oir tha barrachd dhaoine mun cuairt ort air rothair na tha ann an càraichean.

Ann an Glaschu, ged a tha an àireamh de dhaoine a tha a’ cleachdadh rothairean air fàs – suas bho 3000 duine ann an 2008 gu 7000 duine ann an 2013, a rèir na Comhairle – bidh thu fhathast a’ faireachdainn air an iomall ann an dòigh, a’ dèanamh rudeigin caran annasach. Ann an Amsterdam, tha a h-uile duine air rothair – boireannaich ’s fireannaich, sean ’s òg, reamhar ’s tana. Tha e cho àbhaisteach ’s a ghabhas.

A rèir na tha Comhairle Baile Ghlaschu ag ràdh, tha rothaireachd cudromach dhaibh. A bharrachd air adhbharan slàinte, tha rothaireachd math don àrainneachd, agus ’s ann an Glaschu a tha an t-sràid as miosa a thaobh truaillidh.  Agus bhon a chaidh an “Cycling Csar”, an comhairliche Frank McAveety, a chur san dreuchd ùr dà bhliadhna air ais, tha e air a bhith a’ bruidhinn aig tachartasan rothaireachd air na bu chòir a bhith a’ tachairt a thaobh slighean rothaireachd fa leth agus eile, gus Glaschu a dhèanamh cho math a thaobh rothaireachd ri Copenhagen no Amsterdam. Ach aig a’ cheart àm, chan eil a’ Chomhairle air sgillinn a chosg air bun-structar rothaireachd sa bhaile, cha mhòr. Ged tha a’ Chomhairle ag ràdh gu bheil iad air £15m a chosg air rothaireachd, gu tric tha sin a’ ciallachadh gun do chosg iad airgead air rathad àbhaisteach do chàraichean, ach gun deach loidhne a pheantadh ri a thaobh le dealbh rothair air. Chan eil na “slighean rothaireachd” sin air an glèidheadh airson rothaireachd idir; tha e ceadaichte do chàraichean pàirceadh orra.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson ’s gum bi 10% de thursan air an dèanamh air rothair ro 2020, ach tha luchd-iomairt rothaireachd a’ gabhail dragh nach tèid an t-amas a choileanadh gun mhaoineachadh no dealbhadh ceart. Aig deireadh na mìos seo, bidh tachartas rothaireachd ann an Dùn Èideann, Pedal on Parliament (PoP). Tha an iomairt air manifesto rothaireachd fhoillseachadh, ’s i ag iarraidh air an Riaghaltas gealladh a thoirt don t-sluagh gun tèid adhartas a dhèanamh air a’ chùis.

Leis na Geamaichean a’ tighinn a Ghlaschu as t-samhradh, ’s e deagh àm a th’ ann son ath-bheothachadh rothaireachd a thòiseachadh sa bhaile. A bharrachd air piseach shlàinte agus an airgead a thèid a shàbhaladh an sin, tha fianais ann bho na Stàitean gu bheil barrachd rothaireachd ann am bailtean math do ghnìomhachas, cuideachd.  Chan eil càil againn ri chall – seach punnd no dhà – ach tòrr ann ri bhuannachadh.

Bidh Pedal air Parliament a’ gabhail àite ann an Dùn Èideann, Disathairne 26 An Giblean, bho 11:30m. Barrachd fiosrachaidh an seo.

Rhona NicDhùghaill

Share

One thought on “Na cuibhlichean a’ tionndadh

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach