Na Fir-chlis “a’ seasamh gu saor” a-rithist mu dheireadh thall

template

Tha sgioba Obar Dheathain air gu leòr fhulang fad cha mhòr fichead bliadhna gun duais mhòr a ghlèidheadh.

Bha neach-taic Obar Dheathain, an neach-ciùil Eòghann MacEanraig, an làthair airson latha eachdraidheil a chaidh leotha ann an Ceann an Ear Ghlaschu.

Bha Cuairt Dheireannach Cupa Lìog na h-Alba ga cumail aig Ceann na Pàirce, pàirc Celtic air an 16mh den Mhàrt. Bha mo sgioba-sa, Obar Dheathain a’ dol a chluich Inbhir Nis Caledonian Thistle ’s e air a bhith naoi bliadhna deug bhon a thog sinn an dearbh dhuais seo, Cupa Lìog na h-Alba, ann an 1995.

Bha a’ chuairt dheireannach mu dheireadh againn ann an 2000, nuair a chaidh peirceall Jim Leighton a bhriseadh sa chiad mhionaid ann an Cupa na h-Alba aig Hampden. Chanainn gu bheil e air a bhith a cheart cho pianail ri sin a bhith a’ coimhead air Obar Dheathain aig amannan. Tha gu leòr làithean dorcha, làn briseadh dùil air a bhith ann thar nam bliadhnaichean sin. Bha sinn air grunn mhath iar-chuairtean deireannach a chall, gun ghuth ri ràdh mu dheidhinn a bhith a’ call ri sgiobaidhean bho na lìogaichean ìosal.

Mar sin, dh’èirich mi gu math tràth air madainn a’ gheama leis cho iomagaineach ’s a bha mi. Ged a bha mi a’ dèanamh fiughar ris fad na seachdain, nuair a thàinig an geama fhèin bha dragh uabhasach orm nach rachadh cùisean gu math dhuinn. Choinnich mi ri cuid dem cho-oghaichean ann an taigh-seinnse air Rathad Lunnainn ’s ghabh sinn dram no dithist gus an do dh’fhàs sinn na bu mhisneachdaile mu dheidhinn na bha romhainn. An uairsin, rinn sinn air Ceann na Pàirce far an robh mo bhràthair, Ailean, a’ feitheamh rinn, ’s e air còrr ’s 20 luchd-leantainn Obar Dheathain a thoirt a-nuas à Lochabair air bus airson a’ gheama.

AberdeenBha e na shealladh àraidh a’ coiseachd sìos Rathad Lunnainn, a’ dèanamh air Ceann na Pàirce ’s na miltean de Dandies ann, ’s a mhòr-chuid dhiubh nan èideadh dearg! Bha fuaim mhòr eagalach anns an stèideam fhèin leis na Dandies air trì taobhan agus muinntir Chaley aig aon cheann den phàirc.

Chun a’ gheama fhèin, ’s truagh mar a chaidh e do Jonny Hayes aig an toiseach. Às aonais Hayes ’s Peter Pawlett (nach d’fhuair cuidhteas de leòn ron gheama), cha robh roghainn aig na Dons ach a bhith a’ cluich an t-seòrsa geama a chòrdas ri Caley gu mòr ’s mar sin, cha robh mòran tlachd anns a’ chiad leth idir. Bha aon chothrom math aig ar sgiobair, Ruiseal MacAnndrais, a bhuail am post, ach tha e ag innse an sgeòil fhèin nuair a bhios an cothrom as fheàrr aig cluicheadair-dìon.

Cha chanainn gu robh an dara leth idir na b’fhèarr! Mar a b’ fhaide a chaidh an geama gun tadhal, ’s ann na bu theinne a dh’fhàs an dà sgioba. Cha robh mòran ball-coise ri fhaicinn! Bha muinntir Chaley a’ dèanamh tagradh airson breab-peanais anns na mionaidean mu dheireadh den gheama ach cha do dh’èist an rèitire. Mar sin air adhart gu ùine a bharrachd, agus an dèidh leth-uair a thìde eile gun sgòradh sam bith, chaidh an geama gu crannchar nam breaban-peanais.

Leis gun deach sinn dà bhreab-pheanais air thoiseach orra cho luath, bha mi a’ faireachdainn na bu chomhfhurtaile mun deidhinn na bha dùil agam. Shaoil mi gu robh coltas gu math misneachdail air na cluicheadairean againne ’s dh’fhairich mi gun robh sinn a’ dol a bhuannachadh. Nuair a thog Ruiseal MacAnndrais an cupa anns an aon dòigh a thog Willie Miller Cupa nan Cup Winners ann an Gothenborg ann 1983, bha e anabarrach math!

photo 2Bha mi ann am fìor dheagh thrum às dèidh a’ gheama. Dh’fhan sinn ceithir uairean a thìde ann an taigh-seinnse air an robh fìor choltas grod ach anns an robh meall Dandies ’s feumaidh mi a ràdh gun do chuir muinntir uaine an àite fàilte bhlàth oirnn uile, mura robh an fheadhainn ghorm cho toilichte gar faicinn! Rinn sinn gàirdeachas fad na h-oidhche, ’s sinn air ar dalladh leis an dà chuid, toileachas agus seiridh.

‘S dòcha nach robh an geama a’ sealltainn cho math ’s a dh’fhaodas an SPFL a bhith (on tha sgioba no dhà air a bhith sgoinneil aig amannan am-bliadhna) ach, a’ coimhead mun cuairt air 40,000 Dandies ’s 10,000 de muinntir Inbhir Nis aig cuairt-dheireannach ann an Glaschu, bhiodh e follaiseach do dhuine sam bith gu bheil an geama beò fhathast agus, ’s dòcha, nas làidire a-nis ’s na sgiobaidhean a b’ àbhaist a bhith soirbheachail (leithid Obar Dheathain ’s Dùn Deagh United) a’ tighinn gu bàrr a-rithist agus sgiobaidhean nas ùire (leithid Caley agus Ross County) a’ dèanamh beagan eachdraidh dhaibh fhèin cuideachd.

 –  Eòghainn MacEanraig

S ann à Loch Abar a tha Eòghainn MacEanraig. Bidh e a’ cluich na fìdhle, a’ seinn na pìoba agus a’ seinn don Bhattlefield Band agus do Mhànran. Tha e air cuairt anns na Stàitean Aonaichte an ceart uair. 

 

Obar Dheathain ron gheama

Obar Dheathain ron gheama

An sgioba leis a' Chupa

An sgioba leis a’ Chupa

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach