Na mile gnìomh

gandalf-2Tha Eòghan a’ cur roimhe gealladh na Bliadhn’ Ùir – tha an t-àm ann airson na mìle gnìomh – dè nì thu fhèin airson Gàidhlig anns a’ bhliadhna a tha romhainn? Cuir car. Cuir cath.

O chionn còig bliadhna deug, rinn mi mo shlighe dhan taigh-dheilbh ann am Pàirc Champerdown ann an Dùn Deagh.  ’S ann an sin a chunnaic mi The Fellowship of the Ring, agus on uairsin, bha buaidh aig sgrìobhaichean JRR Tolkien orm. (Nach mi a rinn mo dhìcheall a’ chiad leabhar a leughadh mus faca mi e, agus bu mhòr an t-iongnadh a bha orm nuair a fhuair Sean Bean bàs! Ged nach eil mòran iongnaidh mu dheidhinn Sean bochd a’ faighinn bàs ann am film na làithean-sa.)

Ma ’s e aon charactar as fheàrr leam on legendarium Tolkieneach, ’s e Gandalf a chòrd rium riamh, mar a bhiodh e air allaban, a’ dol an-sàs ann an gnothaichean ach a’ feuchainn ri buaidh a thoirt air cùisean ann an dòigh shocair no fharamach a-rèir iarrtas an t-suidheachaidh, agus mar a bhiodh Tolkien ga chleachdadh airson na beachdan is luachan aige fhèin a chur an cèill. ’S ann anns an Hobbit a chanas e:

“Creididh feadhainn gur e cumhachd mhòr a–mhàin a chumas smachd air olc, ach cha d’fhuair mise sin. ’S e na gnìomhan beaga làitheil aig na daoine a chumas smachd air an dorchadas. Gnìomhan beaga de choibhneas agus gràdh.”

Nach ann a-mach air gnìomhan beaga coibhneil a bha a’ chailleach Ghearmailteach ud le taigh taobh Siorrachd Obar Dheathain cuideachd na teachdaireachd Nollaig? ’S ann tro na mìle gnìomh beag a thèid ar cànan a chumail beò. Tha an abairt sin “na mìle gnìomh” air a bhith air  m’ aigne on a chleachd a’ Bhan-Ileach ghasta, Iseabail Nic an t-Sagairt, i ann an còmhradh air loidhne. Deagh thiotal airson iomairt choimhearsnachd. Gnìomh coimhearsnachd.

’S ann mar sin a dh’fheumas sinn ar slìghe a dhèanamh a-nis. Tha barrachd ghearraidhean a’ tighinn, bidh an sporan poblach cho teann ’s a bha e fad linntean. Bha àite riamh ann airson buidhnean ann an Gàidhlig, agus na poitean airgid aca is bidh gu bràth. Buidhnean oifigeil, buidhnean farsaing, buidhnean beaga, buidhnean coimhearsnachd. Ach ’s e na buidhnean beaga a bhios sinn fhèin a’ cruthachadh nar measg fhèin, ’s iadsan na buidhnean a bheir a’ bhuaidh as motha air cor na Gàidhlig.

Neart an dùirn, gean a’ chridhe, fallas a’ ghnùis. Cuidich caraid le bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bruidhinn ri cuideigin as aithne dhut aig a bheil Gàidhlig ach leis nach bi thu ga cleachdadh. Tòisich cearcall còmhraidh san taigh agad le triùir no ceathrar eile. Cuir romhad e. Sgrìobh sìos e àiteigin agus feuch e a thoirt gu buil. Dhomh fhìn, thug suirbhidh air-loidhne a rinn mi an latha eile buaidh orm nuair a mhothaich mi gun robh mi a’ dol a ghluasad on rangachd aois 25-34 gu 35-44 gu math aithghearr. Thug sin orm smaoineachadh air a’ chion chothroman agus cultar cleachdadh na Gàidhlig do dhaoine òga 18-34. Mar sin, tha mi air Buan a chur air dòigh a’ feuchainn ri cothrom cleachdaidh a chruthachadh dhan rangachd sin anns a’ Bhliadhn’ Ùr.

’S mathaid gu bheil thu a’ leughadh seo agus tu am measg an fheadhainn a bhios a’ sgaoileadh is a’ toirt “likes” dhan a h-uile rud Gàidhlig air FaceyB. Mo bheannachd ort. Ach ma bhios na seann laochain a’ sgaoileadh an rud am measg a chèile a-mhàin gun a bhith a’ sineadh ar làmhan a-mach dhaibhsan a dh’fhuiling dìth-mhisneachd no call a thaobh an cuid Ghàidhlig, cha tig dad às. Ma tha thu air an aon rud a dhèanamh fad bhliadhnaichean agus tha thu mì-riaraichte, feuch rudeigin ùr no feuch an seann rud a dhèanamh ann an dòigh eile. Feumaidh sinn am builgean a sgàineadh – feumaidh sinn lasgan a dhèanamh.  Feumaidh sinn Gàidhlig a chumail beò agus làn-bheatha. Aig deireadh an latha, cha d’fhiach càil ach sin dhomhsa.

’S e am beul a labhras, ach ’s e an gnìomh a dhearbhas. Na mìle gnìomh beag. Dè nì thu? Ge b’ e dè nì thu, dèan rudeigin, dèan soilleir e agus gun èirich leat.

Bidh Buan a’ ruith ann an Inbhir Nis 21 Am Faoilleach, 4 An Gearran agus 25 An Gearran 2017 Barrachd Fios aig facebook.com/daingeann

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach