“Na Reultan Uile” | Black Panther agus Gaisgich na Gàidhlig

Tha Black Panther air mòran òigridh air feadh an t-saoghail a dhùsgadh mu chultar is eachdraidh Afraga, dè an t-sradag a chuireas reultan ùra na Gàidhlig ma-tà?

O chionn mios, chaidh mi a dh’fhaicinn Black Panther, am film ùr o Mharvel agus am fear mu dheireadh mus bi Avengers: Infinity War ann.  Chòrd e glan rium mar fhilm den leithid, ach chòrd e rium airson iomadh adhbhar eile.

Bha e air a dheagh riochdachadh.  Tha Ryan Coogler na stiùiriche air leth comasach, ma tha thu air Fruitvale Station no gu dearbh Creed fhaicinn far an tug e spionnadh as ùire do shreath Rocky ann an dòigh ùr, annasach, tha e follaiseach gu bheil talant aig an duine.

Tha na cluicheadairean uile glè èifeachdach, Chadwick Boseman mar T’ Challa/Black Panther, Michael B. Jordan mar Killmonger,  Lupita Nyongo’o. Angela Bassett, Daniel Kaluuya is eile, agus iad a’ nochdadh gu leòr de dhoimhneachd agus de dh’aotromachd aig na h-àmannan ceart.  Tha am film a’ coimhead brèagha cuideachd, le dealbhadh iongantach air Wakanda mar “Nuadh-Afraga” a tha a’ coimhead ùr-nodha ach eachdraidheil aig an aon àm..

Tha e coltach gu bheil am film air buaidh mhòr a thoirt air daoine air feadh an t-saoghail.  Tha e mu thràth (agus ’s mathaid gu bheil seo na shamhla air cultar grad, mìmeach a tha againn an-diugh) na chuspair adhbhachdais air Saturday Night Live. Airson a’ chiad ùr riamh math dh’fhaoidte, tha sàr-ghaisgeach Afraganach aig cridhe còmhraidhean cultaral (on a chaochail Madiba co-dhiù).

Tha mi eòlach gu leòr air eachdraidh nan daoine dubha ann an Ameirigea agus air feadh an t-saoghail gu bheil mi a’ tuigsinn dè cho cudromach ’s a tha am film seo dhaibh, a bhith gam faicinn fhèin ann am film mòr ann an dòigh nach eil blaxploitative, air neo nach eil an gaisgeach mar Blade no Django, ged a tha e glè chool, aig deireadh an latha a tha na aonar.

Tha am film a’ fuireach beò nad inntinn ann an dòigh nach bi mòran fhilmichean den leithid aig Marvel a’ dèanamh. (fiù ’s Thor Ragnarok a chuir fiamh a’ ghàire orm cho mòr, cha do dh’fhan e ro fhada nam chuimhne.) Ach tro chomas Coogler agus cleasachd nan cluicheadairean, tha sinn gar fàgail le sealladh as dèidh sealladh a bhios maireannach, agus chan eil càil nas cumhachdaile san fhilm ris an t-sealladh dheireannach.

Anns an t-sealladh seo  tha T’ Challa a’ tilleadh gu Compton, far an robh am plot ga thoiseachadh. An-sin, tha e mu dheireadh thall a’ nochdadh cò th’ ann, mar an rìgh ùr, am Panter Dubh, a’ nochdadh neart agus lùths Wakanda, mar ghaisgeach mòr dubh Afraganach agus gille òg dubh Ameirigeanach a’ coimhead ris, a shùilean ag at le iongnadh agus spèis, mar gun robh e airson a’ chiad uair a’ faicinn eisimpleir de ghaisgeach a tha coltach ris fhèin, agus a’ faighneach ceist shìmplidh “Cò thusa?” – agus an uairsin – BRAG! Tha sinn a’ cluinntinn Kendrick Lamar thairis air na creideasan aig an deireadh.

Tha mi air a dhol air ais dhan t-sealladh sin, uair as dèidh uair nam cheann on a chunnaic mi e. Tha mi glè dheidheil air a’ bheachd-smuain aig an neach-còidsidh Daniel Coyle a sgrìobh an leabhar ionmholta “The Talent Code”, far am bi e a’ bruidhinn air an “ignition”, an t-sradag a chuireas an teine ùr a bhrosnaicheas òigridh a bhith a’ leantainn slìghe a dh’ionnsaigh soirbheachas.

Càite a bheil sinn a’ cruthachadh nan cothroman sin anns a’ Ghàidhlig latha an-diugh?  A bheil gu leòr dhiabh ann? A bharrachd air obair ann an ceòl no anns na meadhanan, agus tidsearan dìcheallach, dealasach, dè tha sinn a’ dèanamh airson an ath ghinealach a dhùsgadh? Chan eil seo ga sgrìobhadh gus dimeas a dhèanamh air an fheadhainn air an tug mi luaidh an-sin, ach an urrainn dhuinn na h-èisimpleirean a chuireas sinn air beulaibh ar n-òigridh a neartachadh is a leasachadh?

Is e an rud a th’ ann, chan urrainn dhuinn seo a spàrradh orra, ach mar as motha de chothroman beàrtach, buadhmhor a chruthaicheas sinn, ’s ann as coltaiche a bhios e gun tig ginealach am bàrr a tha deònach an strì a leantainn.  A bheil gu leòr ùine ga chosg ag aithneachadh na h-òigridh, a’ toirt taic dhaibh coinneachadh ri chèile, ’s a’ toirt dhaibh na h-uidheamachd cheart a bhios a dhìth orra ma bhios iad airson a dhol air adhart gus an cànan aca a shàbhaladh?

Ann am Black Panther tha ceòl air a chruinneachadh is air a chlàradh le Kendrick Lamar deatamach dhan chùs, agus tha barrachd ri chluinntinn air a’ chlàr oifigeil.  Ach air a’ chiad chlàr mhòr aige, good kid, m.A.A.d city, rinn Rìgh Coinneach òran Black Boy Fly mu dheidhinn dithis ghaisgich on bhaile aige, Compton, a chaidh a-mach dhan t-saoghal mhòr a us a dhùisg rudeigin na bhroinn. (Arron Afflalo, cluicheadair ball-coise, agus Jayceon “The Game” Taylor, rapair eile.) Cò tha ann am Black Boy Flys na Gàidhlig?  Càite a bheil na sradagan againn a chuireas teine ùr na Gàidhlig?

Is e sin as còireach gu bheil mi a’ cur fàilte air an leasachadh ùr aig a’ Chomunn Ghàidhealach far a bheil iad ag iarraidh buidheann de dh’òigridh ghnìomhach a chruthachadh, tha mi a’ coimhead thar a’ chuain gu Alba Nuadh far a bheil iad a’ cruthachadh sgeama Na Gaisgich Òga, agus tha Sabhal Mòr Ostaig dìreach air seachdain chòmhnaidheach a chuir air dòigh do dh’òigridh Ghàidhlig o chionn ghoirid (leasachadh a bha a dhìth fad bhliadhnaichean nam bheachd).

Tha sinn dearg fheumach air barrachd den leithid agus ma bhios cùisean a’ gluasad uidh air n-uidh air an rathad seo, mar a bhios SZA a’ seinn san òran mhòr All The Stars o Bhlack Panther “Is dòcha gur e seo an oidhche a dh’innseas mo bhruadaran dhomh, tha na reultan uile nas dlùithe.”

  • Eòghan
Share

One thought on ““Na Reultan Uile” | Black Panther agus Gaisgich na Gàidhlig

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach