Obair le Duais | Teagasg Àrd-sgoile

A bheil sinn a’ dèanamh gu leòr airson na Gàidhlig? Tha Eòghan Stiùbhart air a bhith a’ beachdachadh air sin, agus esan den bheachd nach fhaighear dreuchd nas fheàrr na teagasg san àrd-sgoil.

drawings-on-wallIs urrainn do dhaoine tighinn gu foghlam aig aois sam bith. Tha sin cinnteach. Bidh mi a’ smaoineachadh air caraid m’ athar, Jock, agus mar a bha e na mheacanaig fad bhliadhnaichean, ach a nochd ùidh ann an eachdraidh nuair a dh’fhàs e searbh a chàradh chàraichean. Thug e a-mach ceum agus an uairsin for-cheum, agus tha e a-nis na òraidiche.

Is urrainn do dhaoine tighinn gu Gàidhlig aig aois sam bith cuideachd. Ge b’ e dè aois a tha cuideigin, cho fad ’s gu bheil an dìoghras, an dealas, an dìcheall agus, gu cudromach, an tìde aca, tha an cothrom ann fileantachd a ruighinn. Bidh inbhich an-còmhnaidh ann airson mion-chànanan a thogail agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh.

Aig a’ cheann eile, ged nach eil am fàs cho mòr, tha àireamh nach eil beag de chloinn a’ dol a-steach do dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chan eil an siostam foirfe, ach tha an àireamh sin air cur ri luchd-labhairt na Gàidhlig gun teagamh, agus tha e air obraichean Gàidhlig a chruthachadh cuideachd.

Chan eil ach aon àireamh cudromach dhomh an ceartair ge-tà, agus ’s e sin nach bi tidsear Gàidhlig aig ìre àrd-sgoile a’ tighinn a-mach am-bliadhna. Mur eil tidsearan àrd-sgoil’ ann, tha an siostam airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ tuiteam às a chèile, ach nas miosa buileach, nam bheachd-sa, tha an cothrom aig deugairean air Gàidhlig a thogail a’ crìonadh cuideachd. Thòisich mi fhèin a’ togail Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Is ann anns an àrd-sgoil a tha mi a’ dèanamh bith-beò. Chan eil feum ann a bhith a’ brosnachadh Gàidhlig aig a’ bhun ìre no aig àrd-ìre ma tha a’ mheadhan-ìre a’ fulang dearmad.

Mar Jock aig toiseach mo litreach an-seo, chan eil an àrd-sgoil a’ freagradh ris a h-uile duine. Ach innsidh mi seo dhut eadar an dà shùil, chan eil àite sam bith san t-saoghal, no uair sam bith eile nad bheatha, far am faighear caochladh cho farsaing de chuspairean agus de dh’eòlasan fad chomhair, saor ’s an-asgaidh agus uile ann an aon àite. Ri linn seo, is e àrainneachd air leth torrach airson daoine a thàladh chun na Gàidhlig, air neo ìomhaigh a’ chànain a stèidheachadh ann an inntinn nan daoine a th’ ann.

Is i a’ cheist a chuireas mi orm fhèin fad na h-ùine “A bheil mi a’ dèanamh gu leòr airson na Gàidhlig?” Chan eil mi cinnteach an urrainn dhomh freagairt a thoirt seachad, ach gu bheil mi an dòchas gu bheil mi a’ dèanamh mo dhìchill sin a dhèanamh. Ach, chanainn, ma tha thu airson feuchainn ri ar cànan a ghleidheadh mar chànan beò, chan fhaighear dreuchd nas fheàrr na teagasg san àrd-sgoil.

Tha gach tidsear math ann an Alba dhan aithne gur e tidsear a tha annta, a’ seasamh còraichean an cuspair fhèin. Ach chan eil cuspair eile san dùthaich a tha ann an cunnart a’ dol à bith uile gu lèir mar a tha Gàidhlig. Tha an gainnead de thidsear sam bith a tha a’ tighinn a-mach às na colaistean na dhiteadh air Bòrd na Gàidhlig.

Chan e nach eil na daoine no an t-airgead ann airson a thighinn a theagasg. Tha airgead gu leòr ann airson Sgeama nan Oileanach agus An Cùrsa TBH, agus tha gu leòr an-sàs annta. Cha dèan mi dìmeas air duine sam bith a tha a’ dèanamh an dìchill ann an leasachadh, sna meadhanan air neo sna h-ealain. Is dòcha gu bheil saoghal nam meadhanan a’ tarraing dhaoine a chionn ’s gun creid iad gum bi e math a bhith cruthachail, agus ’s aithne dhomh iomadh duine cruthachail ann. Ach tha saoghal nam meadhanan cheart cho cruaidh air daoine cruthachail is a tha teagasg, agus sin gun a bhith a’ toirt luaidh air a’ chultar de chùmhnantan sealach, geàrr-ùine. Mura bi sinn a’ dèanamh teagasg tarraingeach dha cuid de na daoine sin, cha bhi ach cùmhnant geàrr-ùine aig a’ Ghàidhlig fhèin.

Gu dearbh, tha dùbhlain ann, uaireannan nì a’ chlann tàire ort, ach nach eil beatha làn dhùbhlain, nach eil daoine fàsta a’ dèanamh tàire oirnne? Ma tha thu measail air daoine, bidh thu measail air sgoilearan. Tha a’ mhòr-chuid dhiubh laghach is gasta, dìreach mar tha a’ mhòr-chuid de dhaoine. Agus a thaobh cruthachaidh, feumar cruthachadh ùr a bhith ann gach latha san àrd-sgoil. Obair thrang dha-rìribh, ach a bheil sinn ro thrang airson ar cànan a chumail beò?*

Chan eil a h-uile duine freagarrach airson teagasg sna h-àrd-sgoiltean, agus ma tha aon rud nas miosa na dìth thidsearan, ’s e droch thidsear. Cuiridh mi geall ge-tà, gu bheil fada a bharrachd thidsearan math a-muigh an-sin na tha thu a’ smaoineachadh. Is dòcha gu bheil thusa nam measg. Is e a’ chiad cheum a dh’ ionnsaigh deagh theagaisg dealas a bhith ort dhan chuspair agad; ’s aithne dhomh an dealas sin anns a h-uile tidsear Gàidhlig air a bheil mi eòlach, agus tha mi ga aithneachadh ann an iomadh oileanach, òg agus “leth-òg”, ris an coinnich mi.

Ma tha thu a’ dèanamh Ceiltis no Gàidhlig ann an Glaschu, no Dùn Èideann, no Obar Dheathain, no aig UHI, tha dearg-fheum ort an-dràsta sna h-àrd-sgoiltean. Ma tha thu eòlach air cuideigin le Gàidhlig a rinn ceum ann an cuspair eile, thoir brosnachadh dhaibh a dhol an-sàs ann a bhith a’ teagasg a’ chuspair. Is ann anns na h-àrd-sgoiltean a thèid an cath a chur, agus ’s ann anns na h-àrd-sgoiltean a thèid am blàr a chall mura bi tidsearan àrd-sgoile ann.

Tha an làrach seo a’ toirt fiosrachadh dhut mu ciamar a nì thu tagradh airson cùrsa teagaisg na h-àrd-sgoile.

*BTW, tha na làithean-saora sgoinneil cuideachd!

– Eòghan Stiùbhart

Chaidh an dealbh gu h-àrd a thogail bho làrach-lìn teagasg.com.

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach