Obair-oidhche NW a’ soillseachadh an latha | Lèirmheas

12034416_878789608842622_6776447904836421771_o
An t-Eilean! (Uill, An Clàr!) Mu dheireadh thall! Saoil am bu chòir dhuinn an haidhp mu NW le Niteworks a chreidsinn? Bu chòir.

DISCLAIMER: Anns a’ chiad dol a-mach, feumaidh mi aideachadh gu bheil dàimh làidir agam ris a’ chòmhlan air a bheil mi a-mach san alt seo. O chionn ochd bliadhna cha mhòr tha mi air a bhith a’ leantainn gu dlùth Obair Oidhche na gillean Niteworks às an Eilean Sgitheanach, ’s iad Ailean Dòmhnallach, Innes Strachan, Crìsdean MacNeacail agus Ruairidh Greumach. Ach mura robh mi a’ creidsinn gu daingeann anns na briathran a tha mi a’ dol a chur mur coinneamh an-dràsta cha bhithinn-sa ga dhèanamh. Eòghan.

Tha cuimhne agam a’ chiad uair a chuala mi na gillean Niteworks ann an 2008 is iad a’ cur taic ris na Peatbog Faeries ann am Port Rìgh aig tòiseach an t-samhraidh. Bha mi eòlach air a’ cheathrar gu h-ìre agus fios agam gum biodh iad a’ cluich ceòl ach cha robh mi ’n dùil ris na chuala mi an oidhche-shamhraidh sin.

Mar fhear a bha thall ’s a chunnaic nuair a bha Bennett, Shooglenifty agus an leithid (Peatbogs nam measg) nuadh anns na 90an, feumaidh mi ràdh nach robh mi air ceòl ùr dùthchasach a chluinntinn a bha air tlachd cho mòr a thoirt dhomh o chionn bhliadhnaichean ron oidhche sin.

Bha e ùr-nòsach ach susbainteach, agus seach a bhith gleansach, bha e sradagach, le buille-cridhe ann a thog an spioraid agus chunnaic mi air feadh an ùrlair an oidhche sin, daoine a’ freagairt ris san aon seagh.  Thuig mi sa bhad gun robh rudeigin cudromach a’ gabhail àite air mo bheulaibh. Bha mi air mo bheò-ghlacadh on uairsin.

Tha mi toilichte a ràdh gun robh mi ann aig a’ chuirm as ainmeile ac’, HebCelt 2011, nuair a ràinig iad aire a’ mhòr-shluaigh airson a’ chiad uair agus gun do choisinn iad cliù dhaibh fhèin. Tha iad air nochdadh aig fèisean leithid Belladrum, Celtic Connections agus Rock Ness, agus fhuair iad an cothrom tilleadh gu HebCelt airson an treas uair gus fichead bliadhna den fhèis chliùiteach sin a chomharrachadh. Tha oidhche còmhla ri Niteworks aithinichte mar dheagh oidhche de dhannsa agus de dhibhearsan. Tha e doirbh gu leòr a chreidsinn nach bi an ceathrar aca ach ag obair pàirt-ùine air a’ chòmhlan.

Ged ’s e laigse a tha sin, nach urrainn dhaibh a dhol air tursan mòra air feadh na h-Alba tha e na neart dhaibh cuideachd, ceathrar charaid tha gu fìreannach nan “còmhlan”, ag obair ann obraichean eile agus a’ cluich airson spòrs agus mire le dìleas làidir càch a chèile agus airson dà rud shònraichte: an ceòl eileagtronaigeach as fheàrr san t-saoghal agus an cànan agus an cultar on a thàinig iad. ’S e seo còmhlan a bhios a’ cleachdadh a’ chànain, a h-uile fear aca le claiginn agus beul làn Ghàidhlig agus gun eagal orra a bhith ga cleachdadh.

10934003_767571509964433_981222121339338373_n
Ach ’s e sin an còmhlan. Nam b’ e cànan a bu chudromaiche, bhithinn air band a chur ri chèile ’s Gàidhlig aig a h-uile duine dhiubh, agus innsidh mi dhut bhiodh e sgràthail! ’S e ceòl cnag na cùise agus leis gu bheil sinn air a bhith a’ feitheamh ceithir bliadhna on a thàinig an EP – Obair Oidhche a-mach, a bheil sinn air a bhith a’ feitheamh gun fheum?

A’ smaoineachadh air clàran a bha an dùil airson bhliadhnaichean, an e Compton le Dr Dre no Black Messiah le D’ Angelo a tha ann an NW, an clàr a tha sinn air a bhith a’ feitheamh o chian nan cian? Air neo a bheil e nas coltaiche ri Chinese Democracy le Guns ’n’ Roses? Uill gu deimhinne, tha e anns a’ chiad rang – clàr beòthail, iongantach, raidigeach, cunnartach – mar gu bheil spioraid Recovery aig Runrig air a dhùsgadh airson a’ Chiad Linn air Fhichead.

Tha e a’ tòiseachadh leis an fhonn Beul na h-Oidhche, mar gu bheil gaoth is gleadhraich a’ tighinn thar a’ Chuilthionn agus a’ Ghealach ag èirigh os a chionn, a’ togail oirre dha na speuran le drumaichean a’ Ghreumaich a’ bualadh a-steach (coltach ris na drumaichean o Theme from Baywatch chanainn) le ruitheam a sheasadh mus tig Ailean (a thig on teaghlach pìobaireachd ainmeil,Dòmhnallaich Ghleann Ùige), a’ seinn na pìoba gu binn.

Nuair a thig an oidhche, bidh na rionnagan a’ nochdadh agus gu dearbh, tha Niteworks air na speuran a lìonadh leotha – Alasdair MacIlleBhàin, Kathleen NicAonghais, Laura Donnelly, Dòmhnall Dòmhnallach agus Deirdre Ghreumach. (Tha Ellen NicDhòmhnaill air deagh obair a dhèanamh còmhla riutha thar an t-samhraidh, a’ gabhail àite Kathleen is Deirdre aig fèisean). A dh’aindeoin nan seinneadairean ceòlmhor reultach a tha seo, chan eil fèin-aithne Niteworks ga mùchadh, ’s iadsan fhathast Gealach Sgitheanach na h-Oidhche aca fhèin.

A’ leantainn tro NW, tha measgachadh de Ghàidhlig agus Bheurla ann, is seann òrain agus fonn ùr gan snìomh ri chèile gu h-ealanta, MacNeacail agus Greumach a’ toirt grunnd domhainn ri cluiche Strachan agus an Dòmhnallaich. Tha amannan socair ann cuideachd le Aiseag Maol Rubha agus tha sinn a’ faighinn mix eile air Eilean a’ Cheò on fhear a nochd anns An Drochaid. Tha Somhairle ga ainmeachadh mar thiotal an ochdamh orain agus leis gu bheil buntanas làidir aig Ailean is Crìsdean dhan Bhràighe, tha e iomchaidh gu bheil am bàrd ga aithneachadh san t-seagh seo agus e ag aithris eachdraidh nan Gàidheal mar gum b’ e Chuck D a bh’ ann thar meur-chlàr os-nàdarrach. Bu chòir do gach sgoilear ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig èisteachd ri faclan Shomhairle gus an tuig iad carson a tha iad cho cudromach ri aiseirigh ar cànain agus dè buileach a chaidh a dhìth.

Tha an dà chuid solas agus dorchadas ri chluinntinn air a’ chlàr agus tha sinn a’ tighinn gu crìch leis an bhuille-dhùbailte Obair Oidhche agus Coming Down, a’ chèilidh dhealanach anns an talla-choimhearsnachd agus sinne nar suidhe air an starsaich le botail uisge-beatha agus deagh charaid ri ar taobh a’ coimhead air èirigh na grèine ann am beul an latha.

Chaidh clach mhòr a chur air càrn Martyn Bennett anns an Fhaoilleach leis a’ chonsairt Grit aig Celtic Connections, a’ comharrachadh deich bliadhna on a dh’eug an ceòladair iongantach ud, ach ’s mathaid gur e a’ chlach a bu mhotha a bha riamh aig Bennett na briathran aig Hamish Henderson nuair a chuala e Grit an tòiseach “Abair ceòl dàna ùr.” – ’S urrainn dhomh a ràdh gu daingeann gu bheil na dearbh bhriathran fìor mu dheidhinn a’ chiùil ùir iongantaich a tha seo.

’S e seo an clàr air a bheil Gàidhlig feumach. Tha e na chlach-mhìle agus comharra-iùil dhuinn uile.

    • Tha Niteworks a’ cluich SWG3 ann an Glaschu, Disathairne 24 An Damhair. Bidh NW ri fhaotainn goirid as deidh sin.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach