Oidhche An Sgoil Eòlas Na h-Alba

Shèid oiteag analach

tron trannsa

a’ togail gu h-aotrom
pàipearan bho
bhallachan
a’ dol na caochan
a’ cur dust gu dannsadh

Fhreagair gaoth
bho taobh a-muigh
Glagaran air na
h-uinneagan
Dìosgail chabaran
Brag phìoban
Caithris na h-oidhche
san dubharachd
Na dorsan glaiste
Guthan paisgte
leis na ballachan
Shuath an oiteag orra
gan dùsgadh
bhon cadal

Dhrùidh facal
facal cruinn
guth briste cailliche
B-h-a
Air fleòd
leis an aiteal
B-h-a m-i 
Dh’fhan e na aonar
Diog a chleòc
air a chùl
N-u-a-i-r a b-h-a
Casadiach
crochte san adhar
m-i ò-g

Dh’fhalbh an oiteag leis
a’ suathadh
a-mach na dhèidh
guth seinn
Bodach bràgail
bho taobh loch
Harport
Ochòin a chalinn
Cnacail an teip
a’ cur charan
A’ dol mu thimcheall
tha mi cianail
Rinn iad waltz
air an ioma-ghaoth
Còmhla

Bodach is cailleach
nan cuairt-shruth

Fhuair guth gallta
mu sgaoil
Neach-crainn
às na Crìochan
a gheàrr a-steach
air na Gàidheil
gu mì-mhodhail
To ploo doon snaa’ll
Eabar is dust na tuatha
na chainnt
hiv nae gain ava

Dhùisg a ghairm
sgioba cutadh
nan sgadan
bho cheann na trannsa
Sàl is èisg
air an teangannan
Geur-bhriathrach
Sogan is lachanaich
Giug an sgadain pronnaich
Sgadain-gharbh
Sgadain-ghoile

Thàlaidh an othail
na balaich a-mach
Croitearan is maraichean
tàillear, posta, polasman
fear càraidh nan rathaidean

Thàinig na guthan
nan tuil a-nis
Tè à Siadar an Rubha
Fear à Bràigh Loch Aillse
Muinntir nam bailtean
Sluagh nan slèibhtean
Cladaichean, bruachan
Gaothan nan ceithir àirdean
Mìle chagairean
a chaidh nan iolach
a bha còmhla
nan làn-ghèile

Ànradh fraochail
Briathran ceòlmhor
Naidheachdan brìoghmhor
Cuimhneachain chùbhraidh
a chaidh air dìochuimhne
Hoireann Ò
Ho-ri horò
An oidhch’ a dhùisg
na guthan Ò

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach