Oidhche ann am Berlin

Berlin clubbing

©Lillian3000

A bharrachd air a bhith na phrìomh-bhaile dhan a’ Ghearmailt, tha mi den bheachd (coltach ri iomadh neach eile) gur ann am Berlin a tha a’ bheatha-oidhche as fheàrr anns an Roinn Eòrpa.

Chan eil gainnead de bhàraichean is chlubaichean a tha fosgailte gu èirigh na grèine agus a’ tairgsinn a h-uile seòrsa de cheòl, bho techno gu rock is pop. Tha rudeigin ann a tha a’ freagairt gach blas is gach beachd.

Thug mi seachdain ann o chionn ghoirid, agus seo agaibh cuid de na rudan a dh’ionnsaich mi. Le seo, ’s cinnteach gun tèid leat gu math ma thachras dhut a bhith ann am Berlin a’ sireadh deagh oidhche a-muigh anns an àm ri teachd.

Na Clubaichean

Gu fortanach dhomhsa ‘s e ceòl ‘techno’ an seòrsa de cheòl as pailte ann am Berlin, a’ ciallachadh gum bi iomadh tachartas a’ dol gach oidhche den t-seachdain.Gun a bhith ann ach ùine ghoirid, cha d’ fhuair mi an cothrom a dhol chun nan còig clubaichean techno as fheàrr sa bhaile. A-mach de Berghain, Week-End, White Trash, Watergate agus Tresor chaidh mi dhan dithis mu dheireadh agus gun teagamh ma tha ùidh agad ann an ceòl techno, ‘s iad an dà chlub a bu chòir a bhith aig mullach an liosta agad. Ma thèid thu ann ge-tà, feumaidh gum bi thu ag ullachadh airson sreathan fada – ach ‘s fhiach feitheamh riutha, creid thusa mise!

Turas taighean-òsta

Mura bheil clubaichean a’ freagairt nam beachdan agad fhèin, carson nach tèid thu air turas nan taighean-òsta eadar-roghnach ann am Berlin leis an 666 Anti Pub Crawl ? Fhuair sinn a-mach ma dheidhinn bhon ostail againn ‘s cinnteach gum bi bileagan gu leòr ma dheidhinn anns a’ mhòr-chuid de dh’ostailean. Mholainn an turas do neach-siubhail òg sam bith a tha a’ sireadh spòrs is eòlasan ùra.

Berlin 5Chan eil am fear seo coltach ri turas taighean-òsta àbhaisteach air an robh thu riamh, air sgàth ‘s gum bi e gad thoirt do dh’ iomadh taigh-òsta diofraichte is neònach nach eil cho follaiseach mun timcheall air a’ bhaile. Le neach–treòrachaidh càirdeil, daoine ùra ann ri choinneachadh agus deochan an-asgaidh anns a h-uile àite, chan eil e coltach gu bheil a’ chosgais de 10 iùro cho dona idir, fiù ’s do dh’oileanaich a tha a’ sireadh oidhche shaor. Thèid thu ann air an ‘U-ban’ (na trèanaichean) agus bidh thu a’ tadhal air a h-uile seòrsa bàr. B’ e am fear a b’ fheàrr leamsa Dr. Pong, am ‘Ping Pong Bar’ – àite le bùird ‘table tennis’ far am b’ fheudar dhuinn uile geama ‘ping pong’ a chluich mus d’ fhuair sinn deochan bhon bhàr.

An deoch

Ge b’ an t-àite dhan tèid thu ann am Berlin, cha bhi thu a dhith deagh dheoch is biadh. Mholainn gun òladh tu leann tradaiseanta na Gearmailte nuair a bhios tu ann. Tha na Gearmailtich ainmeil airson leann agus tha e reusanta saor àite sam bith. Fhuair mi an t-ionnsachadh doirbh gu bheil rudan mar vodka ro dhaor dha oileanaich – ’s cinnteach nach eil e nas saoire na còig iùro ann an àite sam bith.

Currywurst

©Jessica Spengler

Am biadh

Aig deireadh na h-oidhche nuair a bhios tu a’ dol dhachaigh aig sia no seachd sa mhadainn ’s cinnteach gum faic thu iomadh àite-bìdh le ceòl a’ blosgadh bhuapa fhathast agus gad thàladh a-steach airson na ‘kebab’ is ‘curywurst’ as ainmeile th’ ann am Berlin. Tha iad cha mhòr riatanach airson neach-siubhail sam bith sa bhaile – agus dìreach na tha thu feumach air as dèidh oidhche fhada a’ dannsadh. As dèidh aon bhlas cha bhi thu ag ithe rud sam bith eile fad an turais agad! (Agus ma bhios tu a’ seachnadh feòil, na gabh dragh – tha falafel ri fhaotainn sa h-uile àite agus tha e fìor mhath, cuideachd!)

Àite-fuireach

Gun teagamh, ’s e deagh àite a th’ ann am Berlin do dhuine sam bith a tha a’ sireadh pàrtaidh. Ma dh’fhuiricheas tu ann an àite, fuirich ann an ostail air sgàth ’s gum bi sin na phàrtaidh mhòr fhèin. Bidh tòrr oileanaich is luchd-siubhail ann airson an aon rud is bidh iomadh cothrom ann a dhol a-mach còmhla ri daoine ùra is inntinneach à gach ceàrn den t-saoghal – abair spòrs!

A’ faighinn fiosrachadh

Tha aon trioblaid ann am Berlin – tha e cho mòr gu bheil e uaireannan doirbh lorg fhaighinn air na h-àiteachan a tha thu a’ sireadh. San àbhaist, cha bhi na bàraichean is clubaichean as fheàrr a’ dèanamh tòrr sanasachd is mar sin ’s fhiach beagan rannsachaidh a dhèanamh mus tèid thu ann. Mura bheil thu ann ach aon oidhche chan eil thu airson tìde a chaitheamh air seachran a’ lorg àiteachan mar a rinn mi air a’ chiad oidhche a bha mi ann. Tha an duilleag http://www.residentadvisor.net/ gu math feumail son beachdan.

Leis na clubaichean a’ dol gus a’ mhadainn ’s e an fhìrinn nuair a bhithear ag ràdh nach bi am baile na chadal uair sam bith. Tha beatha-oidhche Bherlin cho eadar-mheasgaichte ‘s fhiach sealltainn air gun teagamh!

– Georgina Jane Durie

‘S ann à Muile a tha Georgina. Tha i na h-oileanach Beurla is Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu is bidh i gu tric a’ siubhal na Roinn Eòrpa air toir ceòl techno nuair nach eil i ag obair air cùl bàr aig Òran Mòr.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach