Òrain na Mìosa

Tha Calum MacConnail air ais le beachdan air na h-òrain, an luchd-ciùil agus a’ chlàr a bu mhotha a thàinig am follais sa mhìos seo a dh’fhalbh.

THE DECEMBERISTS – Make You Better

Ged a thàinig an t-òran seo a-mach greiseag air ais a-nis, tha mi fhathast ag èisteachd ris gun sgur. ’S e seo aon de na h-òrain as coimeirsealta a rinn na Decemberists a-riamh, ’s dòcha, agus le Nick Offerman a’ nochdadh sa bhideo-chiùil, tha e follaiseach gu bheil iad a’ feuchainn ri an luchd-èisteachd aca a leudachadh a-mach. Ach, chan eil sin a’ ciallachadh nach e òran math a tha seo, is na faclan aig Colin Meloy cho geur ’s a bha iad a-riamh.

Bha mi a’ dèanamh fiughair ris a’ chlàr ùr aca a chluinntinn, ach nam bheachdsa, tha e caran lag. Ma bhios iad ag amas air àireamh nas motha de luchd-leantainn, feumaidh iad dèanamh cinnteach gu bheil an ceòl làidir gu leòr, is feumaidh iad a bhith faiceallach nach caill iad an luchd-leantainn a th’ aca mar tha.

Ma sgrìobhas Meloy barrachd òrain mar Make You Better, bidh iad taghta.

MARIKA HACKMAN – Bath is Black

Tha ainm caran eadar-nàiseanta air an tè a tha seo, ach ’s ann à Sasainn a tha i (’S ann às an Fhionnlainn a tha a h-athair). Tha i a’ cluich ceòl agus a’ sgrìobhadh òrain bho aois òg, agus chruinnich i còmhlan-ciùil cuide ri Cara Delevingne fhad ’s a bha i fhathast anns an sgoil. Chuir i a’ chiad chlàr aice air bhog an t-seachdain ’s a chaidh, We Sleep At Last.

Ged nach eil an t-òran seo air a’ chlàr sin, ’s toil leam gu mòr e. Tha Lauren Laverne air a bhith a’ cluich cuid de na h-òrain aig Hackman air a’ phrògram aice air Radio 6 Music, is rinn i seisean còmhla rithe o chionn ghoirid. ’S e Hackman aon de na seinneadairean ùra a tha a’ cluich ceòl folk, ach a tha a’ feuchainn ri bhith dèanamh rudeigin eadar-dhealaichte leis. Ann an saoghal far a bheil tòrr sheinneadairean cho coltach ri chèile, feumaidh tu rudeigin ùr is diofraichte a dhèanamh. Tha Hackman ga dhèanamh gu dearbh.

Na coimhead air a’ bhideo ma tha ur pàrantan faisg ort ge-tà. Annasach.

HOT CHIP – Huarache Lights

Chan eil Hot Chip a’ coimhead mar chòmhlan-ciùil idir idir. Tha iad nas coltaiche ri geeks a tha air am beò-ghlacadh le teicneòlas, daoine a bhiodh na bu chofhurtaile ann an seòmar dorcha an àite a bhith nan seasamh air beulaibh nam mìltean de dhaoine agus a’ cluich òrain. Agus sin an rud a bhios iad a’ dèanamh nuair a thèid iad air chuairt thairis air na mìosan a tha romhainn.

Sna làitheans’, tha Hot Chip aithnichte mar aon de na còmhlain-chiùil electronaigeach as fheàrr ann am Breatainn, agus cha do thachair thar aon oidhche. Thoisich iad ann an 2000, is dh’fhàs iad na bu mhotha is na bu shoirbheachaile bhon uair sin. An rud a tha a’ còrdadh rium mu dheidhinn Hot Chip, tha susbaint anns na faclan aig Alexis Taylor. Cha robh aig an toiseach, ’s dòcha, nuair a bha iad a’ seinn mu dheidhinn peeling potatoes agus sonic alligators. Ach tha a-nis. Chan e seo an t-òran singilte as fheàrr a bh’ aca riamh, ach saoilidh mi gum biodh e math nan cluinneadh tu beò e às dèidh pinnt no dhà.

Bidh sin ri fhaighinn air an t-siathamh clàr aca, Why Make Sense?, a bhios a’ tighinn a-mach sa Cheitean.

MODEST MOUSE – The Ground Walks, with Time in a Box

Tha Modest Mouse air a bhith air falbh fada ro fhada. Ochd bliadhna ro fhada. Thàinig an clàr mu dheireadh aca a-mach an 2007, an clàr fìor mhath We Were Dead Before The Ship Even Sank, agus mu dheireadh thall, tha iad air ais le clàr ùr, Strangers to Ourselves. Thig e a-mach an ath mhìos.

Seo dìreach Modest Mouse cho math ’s a bha iad a-riamh. Na giotàran a’ cluich fonn air leth, na drumaichean a’ sparradh an òrain air adhart, agus an seinneadair Isaac Brock a’ cumail smachd air a h-uile rud leis a’ ghuth ùghdarrasail aige. Dh’fhaodadh e a bhith ag èigheachd, dh’fhaodadh e a bhith a’ bruidhinn, agus dh’fhaodadh e a bhith a’ seinn gu sàmhach ann an guth socair. Ge be dè nì e ge-tà, bidh thu an-còmhnaidh airson èisteachd. Chan eil tòrr sheinneadairean eile ann a tha a’ stiùireadh chùisean cho math ri Brock.

Tha an clàr seo gu bhith sgoinneil. Gun teagamh sam bith.

SORREN MACLEAN – Way Back Home http://www.clashmusic.com/videos/premiere-sorren-maclean-way-back-home

’S e neach-ciùil air leth talantach a th’ ann an Sorren MacIlleathain, agus duine uabhasach fhèin trang. Bidh e a’ cluich le Roddy Woomble uabhasach fhèin tric, agus chunnaic sinn e a’ cluich aig a’ chonsairt-cuimhneachaidh airson Martyn Bennett aig Celtic Connections o chionn ghoirid.

Ach, tha an t-àm ann a-nis airson ceòl a chluich a-rithist na aonar. Cuiridh e EP air bhog air an naoidheamh latha den Mhàirt leis an aon ainm a th’ air an òran seo. Òran uabhasach snog le MacIlleathain a’ cuimhneachadh air an dachaigh aige (’s ann à Muile a tha e), is dè tha e a’ ciallachadh dha.

Tha MacIlleathain air gu leòr ionnsachadh bho luchd-ciùil talantach an leithid Woomble. Feumaidh e a-nis an t-slighe cheart a ghabhail gus am fàs sinn nas eòlaiche air mar neach-ciùil leis fhèin.

NEACH-CIÙIL NA MÌOSA – ROBYN STAPLETON

Aig toiseach na mìosa, chaidh a’ cho-fharpais Neach-Ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna a chumail mar phàirt den fhèis-chiùil Celtic Connections. Mar a tha a’ tachairt a h-uile bliadhna, cuiridh co-fharpaisich iarrtasan a-steach, is gearraidh na britheamhan an liosta sìos gu dà dheug, is geàrraidh iad sìos a-rithist i gu sianair. Am-bliadhna, bhuannaich an seinneadair Albannach Clare Hastings, agus ’s i a bha airidh air an urram.

Aig a’ chuairt dheireannach, chluich a h-uile co-fharpaiseach airson cairteal na h-uarach, ach mus do dh’ainmich iad cò bhuannaich an duais am-bliadhna, thàinig tè air an àrd-ùrlar a bha sinn eòlach oirre bho cho-fharpais 2014. ’S e Robyn Stapleton a ghlèidh an duais an-uiridh, agus tha bliadhna air leth soirbheachail air a bhith aice bhon a bhuannaich i. Thàinig i air ais dhan cho-fharpais airson trì òrain a sheinn, is cha robh neach-ciùil sam bith na b’ fheàrr na Stapleton air an àrd-ùrlar an oidhche sin.

Chan eil mi airson cur sìos air na co-fharpaisich eile idir. Tha iad uile tàlantach, ach tha rudeigin sònraichte mu dheidhinn Stapleton. Tha i a’ dèanamh ceangal ris na h-òrain, agus tha guth cho binn aice. Ma gheibh thu cothrom èisteachd a-rithist ris an òran Up and Awa’ Wi’ the Laverock a sheinn i, tuigidh sibh na tha mi a’ ciallachadh.

Ma bhios tu a’ dèanamh ceòl aig oilthigh, neo fiù ’s dìreach ag ionnsachadh bho thidsear-ciùil, bidh iad ag innse dhuibh gum feum thu èisteachd ris na tha na cluicheadairean eile a’ dèanamh. Ged as e Stapleton an seinneadair, tha e follaiseach gu bheil i a’ tuigsinn sin. Tha an guth aice an-còmhnaidh ag obair cho math leis na h-ionnsramaidean-ciùil.

Seo clàradh de aon de na h-òrain eile a sheinn i aig a’ chuirm sin, The Two Sisters.

CLÀR NA MÌOSA

FATHER JOHN MISTY – I Love You, Honeybear

Aig deireadh na bliadhna an-uiridh, nochd Father John Misty air a’ phrògram telebhisean Late Night Letterman anns na Stàitean Aonaichte. Sheinn e aon de na h-òrain ùra aige, Bored in the USA (ceangal gu h-àrd). Thòisich e na shuidhe aig piana, ach às dèidh leth-mhionaid, thionndaidh e dhan a’ chamara ach chùm am piana air a’ cluich. Nuair a thòisich an còrr den chòmhlan air cluich, leum e air mullach a’ phiana, is sheinn e fhad ’s a bha e na laighe air. Agus aig deireadh an òrain, bha laughter track ri chluinntinn nuair a bha e a’ seinn mu dheidhinn an fhoghlaim mhì-fheumail a thug na Stàitean Aonaichte dha, agus an subprime loan a th’ aige, agus a bhith a’ lìonadh a-steach am prescription aige air sgàth ’s nach urrainn dha stad a bhith a’ gabhail philleachan.

Nuair a thàinig an t-òran gu ceann, cha robh fios aig an luchd-èisteachd dè dhèanadh iad, ach às dèidh diog no dhà de shàmhchair neònach, chuir iad na làmhan aca ri chèile, ach bha iad leth-choma. Cha robh Letterman tòrr na b’ fheàrr. Tha e air a bhith a’ lìbhrigeadh a’ phrògraim seo nas fhaide na deich air fhichead bliadhna, ach bha e air a bhreisleachadh. Cha robh faclan aige.

B’ àbhaist Father John Misty a bhith a’ cluich na drumaichean sa chòmhlan Fleet Foxes, ach aon uair ’s gun do dh’fhàg e an còmhlan, chuir e clàran a-mach fon ainm aige fhèin, Josh Tillman. Dìreach o chionn dà bhliadhna, thòisich e a’ cleachdadh an t-ainm Father John Misty. Dh’aithnich e fhèin gu bheil seo a’ ciallachadh gu bheil e a’ faireachdainn nas coltaiche ri caractar, is faodaidh e a bhith nas onaraiche nuair a thig e gu ceòl. Agus ’s e sin an rud mu dheidhinn a’ chlàir seo, I Love You, Honeybear. Tha e onarach, tha e èibhinn, tha e fiadhaich ann am pàirtean. Ach, ’s e sàr-sgrìobhadair a th’ ann an Tillman, is tha e gad ghreimeachadh le òrain mhìorbhaileach leithid Chateau Lobby #4, True Affection agus I Went To The Store One Day. Chan eil aon òran lag air a’ chlàr idir. Ged a tha a’ bhliadhna fhathast òg, chanainns’ gu bheil deagh theansa gum bi e faisg air mullach nan liostaichean de chlàran na bliadhna aig deireadh 2015.

Dh’fhàg e Letterman às aonais fhaclan, ach shaoilinns’ nach bi e fada gus an toisich a h-uile duine a’ bruidhinn mu Father John Misty.

https://www.youtube.com/watch?v=caMfvhKIgBo – ceangal ris a’ chlàr

Cuirmean

……

DiC 4mh Màrt aig 7:00f

ADMIRAL FALLOW @ Electric Circus, Dùn Èideann – £6 (bidh thu a’ dèanamh math ma gheibh thu tiocaid ge-tà…..)

DiC 4mh Màrt aig 7:30f

HUNTER AND THE BEAR @ The Tunnels, Obar Dheathain

DiH 6mh Màrt aig 8:00f

HUNTER AND THE BEAR @ The Ironworks, Inbhir Nis

DiL 9mh Màrt aig 7:00f

TUNE-YARDS @ The Art School, Glaschu – £15.50

DiH 13mh Màrt aig 7:00f

LUCY ROSE @ The Art School, Glaschu – £14

– Calum MacConaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach