Òrain na Miosa|MacConaill

Tha Calum MacConaill air ais le taghadh den cheòl as fheàrr a tha air a bhith a’ toirt tlachd dha o chionn mios.

Crushed Beaks – Feelers

Ma dh’èisteas sibh ri Radio 6 Music, tha a h-uile teans gu bheil sibh air cluinntinn mu Crushed Beaks. Thàinig a’ chlàr aca a-mach nas tràithe dhen bliadhna, ach ’s ann dìreach an-dràsta fhèin a tha iad a’ fàs nas mòr-chòrdte.

Feumaidh mi aideachadh, chan eil sìon a dh’fhios a’m dè tha an seinneadair a’ seinn mu dheidhinn, is tha mi air èisteachd ris an òran ceudan de thriopan a-nis. Uaireannan, ’s e droch rud a tha sin. Ach, chan eil a’ cur cus dragh orm leis cho math ’s gu bheil am fonn a’ còrdadh rium.  Còmhlan òg sgoinneil eile à Lunainn.

A Tribe Called Red Ft. Buffy Sainte Marie – Working for the Government

Chaidh an t-òran seo a chlàradh an toiseach ann an 2008, agus bha e ri cluinntinn air a’ chlàr Running for the Drum aig Buffy Sainte-Marie, iomairtiche sòisealta à Canada.

’S e ath-measgachadh a tha seo aig a’ chòmhlan A Tribe Called Red, còmhlan à Canada cuideachd, aig a bheil beachdan caran coltach ris na beachdan aig Sainte-Marie. Ath-measgachadh sgoinneil a th’ ann a thòiseachadh na casan a’ dol air an làr-dannsaidh.

Sink Ships – Keep Me Standing

’S e Sink Ships an cruth ùr a th’ air a’ chòmhlan a bh’ aig Dònald MacDhòmhnaill agus na h-Eileanan ron a seo. Tha iad air tòiseachadh a’ cluich beò a-rithist o chionn ghoirid, agus cha chuala mi iad riamh cho math ’s a tha iad an-dràsta.

Chan eil ach ceathrar sa chòmhlan, ach bidh iad a’ dèanamh fuaim mhòr. Nam bheachdsa, ’s e seo an t-òran as fheàrr aca, làn fhaclan làidir is smaoineachail. Tha am bass is na drumaichean a’ dol còmhla uabhasach math, agus deagh chrìoch air an òran fhad ’s a tha e a’ fàs nas socraiche. Sònraichte math.

sinnkships

Songhoy Blues – Soubour

Nan robh Stevie Wonder à Afraga, seo an seòrsa ciùil a bhiodh e a’ cluich. Tha am fonn caran coltach ri Superstition ann an dòigh, ach tha Songhoy Blues air cliù a chosnadh dhaibh fhèin.

Tha a’ chòmhlan air a bhith an sàs leis a’ phròiseact ciùil Africa Express, agus thar nam bliadhnaichean, tha iad air obrachadh le luchd-ciùil mar Damon Albarn agus Nick Zinner às a’ chòmhlan Yeah Yeah Yeahs.

’S ann à Mali a tha iad, agus chan eil cùisean air a bhith furasta dhaibh san dùthaich sin. Dh’fheuch reubalaich Islamach stad a chur air ceòl duthchasach san dùthaich, ach cha do chuir sin stad air Songhoy Blues. Chùm iad a’ dol, is tha iad a’ faicinn beagan soirbheachas a-nis. ’S iad a tha airidh air.

Craig Finn – Maggie I’ve Been Searching for our Son


’S e Craig Finn aon de na sgrìobadairean as inntinniche san t-saoghal ciùil. Bidh e a’ sgrìobhadh mu dheidhinn caractaran is daoine air a bheil e eòlach, agus tha e air a bhith a’ dèanamh sin airson iomadach bliadhna, an toiseach le Lifter Puller, agus sna làitheans’ le The Hold Steady.

Ach leis gu bheil The Hold Steady a’ toirt beagan nas fhaide eadar clàran a-nis, tha Finn a’ clàradh nan òran aige fhèin. Nochdaidh an t-òran seo air a’ chlàr ùr aige, Faith in the Future, a thig a-mach air a’ chiad latha deug dhen t-Sultain.

’S e òran rud beag nas socraiche na bhios The Hold Steady a’ cluich, agus ’s e fonn snog a th’ ann mu dheidhinn boireannach a th’ aig deireadh a beatha, agus ’s i a tha a’ coimhead air ais air a beatha, agus an t-àm a chuir i seachad air talamh.

Clàr na Miosa

Rachel Sermanni – Tied to the Moon

Beagan bhliadhnaichean air ais, chluich Rachel Sermanni cònsairt aig Sabhal Mòr Ostaig. Aig deireadh a’ chuirm, ghluais i air falbh bhon microfòn, agus sheinn i òran na h-aonar. Chùm a h-uile duine sàmhach fhad ’s a lìon Sermanni an talla leis a’ ghuth àlainn aice.

Bhruidhinn mi ris an neach-ciùil Andy Thorburn nuair a bha a’ chuirm deiseil, is thuirt e gun robh sinn air rudeigin uabhasach sònraichte fhaicinn an oidhche ud. Chan eil tòrr sheinneadairean ann a dh’fhaodadh aire an luchd-èisteachd a chumail mar a rinn ise. Feumaidh mi ràdh gun do dh’aontaich mi leis a h-uile facal a thuirt Andy.

Tha Sermanni a-nis air ais leis a clàr ùr, Tied to the Moon, is ged a tha an ceòl rud beag eadar-dhealaichte bhon cheòl a bha ri chluinntinn air a’ chiad chlàr aice, tha e fhathast sgoinneil. ’S e clàr rud beag nas duirche na bha Under Mountains, agus tha Sermanni a’ cluich giotar electronaigeach ann am pàirtean, mar air na h-òrain Run agus I’ve Got A Girl.

Ach, saoilidh mi gu bheil Sermanni rud beag nas làidire air na h-òrain far a bheil giotar fuaimneach na làimh. ’S e òran breàgha a th’ ann am Ferryman gu h-araid.

Chan eil fhios a’m dè cho mòr ’s a bhios Sermanni ann an deich bliadhna eile. Ach cho fad ’s gum bi i fhathast a’ leughadh leabhraichean agus a’ sgrìobhadh òrain mun deidhinn, ’s e sin gu leòr dhomhsa.

Seinneadair

C Duncan


’S ann à Glaschu a tha C Duncan, agus ’s e fear a tha air a bhith air a chuairteachadh le ceòl bho aois òg. ’S e luchd-ciùil clasaigeach a th’ anns na pàrantan aige, agus thig sinn tarsaing sa cheòl aige.

Ach, chan e dìreach ceòl clasaigeach a chluinneas sibh sa cheòl aig C Duncan ge-tà. Mìnichidh mi e mar ceòl folk ann an nòs ùr, le seinn breàgha eadar e fhèin agus an dithis eile a bhios a’ cluich còmhla ris sa chòmhlan. ’S e sin an rud as fheàrr mun cheòl. Nan robh sibh air a’ chòmhlan a chluinntinn airson a’ chiad turas, cha chreideadh sibh gur e balaich òga a th’ annta. Chan eil C Duncan ach còig air fhichead bliadhna a dh’aois, ach tha e mar gu bheil iad air a bhith seinn còmhla airson còrr is còig air fhichead bliadhna.

Chaidh a’ chiad chlàr aca, Architect, a chur air bhog o choinn ghoirid. Mholainns’ e gu duine sam bith a tha measail air còmhlain mar Fleet Foxes. ’S urrainn dhuinn a bhith pròiseil gu bheil an uiread de chòmhlain mar C Duncan againn ann an Alba.

– Ceilirich aig Calum @cmmconnell14

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach