Òran A’ Mhuncaidh

Muncaidh

Bu tric a chluinnte aig aon àm naidheachdan mu mhuncaidhean a chaidh a thoirt a dh’Alba le seòladairean air tilleadh bho ceàrnan cèin. Tha an storaidh seo a’ tarraing air cuid a chuala mi fhèin. An seo s’ e am muncaidh a gheibh an cothrom an sgeulachd aige fhèin innse.

Oran a’ Mhonkey (Dàn a chaidh a thional leis a’ chananaiche Shuainach Nils Holmer ann an Arainn 1938)

Oidhche banais Sheònaid
Bha uisge beatha gu leòir ann,
‘S chuir iad deur sa’ sgròban;3
‘S ann a thòisich iad air damsadh.

Na’m faiceadh thu mar steppadh e,
‘Null ’s a nall mar settadh e,
Bha Teàrlach air a mhaslachadh,
‘S e treis anns a’ sgoil damhsaidh.

‘S e Teàrlach òg Mac Alastair
A chuir ’san toba teàrradh e,
Far an d’fhauir e bàs gu ath-ghoirid,
Air m’earail (?) cha b’ e an call e.

3 Scil.into the monkey’s throat; they gave it a dram

Cumaibh cluas ri claisneachd is bheir mi dhuibh sgeulachd mo bheatha, ged is truagh agus is goirid an sgeul i, (agus mi a-nis far grèim uallaichean mo bheatha). Seo am beatha a fhuair mi aig làmhan nam muncaidhean mòra, maola; no cinne-daonna mar a chanas iad riutha fhèin. Sin sibhse a tha nam èisteachd, tha mi an dùil. Is iomchaidh sin oir s’ ann ribhse a tha bhuineas teachdaireachd mo sgeòil.

Ach tòisicheamaid aig an toiseach. Is beag mo chuimhne air làithean tràtha mo bheatha. Na làithean suaimhneach ud a fhuair mi gu domhain ann an dlùth-choille aig cridhe na h-Afraga. Ach tha cuimhne agam air sìth is sonas mus tàinig am muncaidh maol, mòr a thug air falbh mi gu baile nam muncaidhean maola. Chan iongnadh e dhomh gum biodh munciadhean mar sin fo nàire mu na bodhaigean aca is gun robh iad uile air am falach fo chòmhdachadh clòtha.

Thugadh an sin mi gu màthair ùr: muncaidh maol geal; fear tapaidh le feusag air. Cha tug esan ach corra phìos meatailt cruinn orm. Bu shuarach leam gur e siud luach mo bheatha, ged a bha iad air an snaidheadh gu grinn. Thug a’ mhàthair ùr mi thar uisge gu coille bheag air bhog, le a crainn lom is an geugan dìreach far an deach mi nam phàirt de threud de mhuncaidhean maola, mòra, geala. B’e an rud a bu neònaiche dhomh mar nach robh sgeul air muncaidh boireann no pàiste anns a’ choille ud. Chòrd rium luasgadh sèimh na coille is a bhith a cliseadh tro na crainn is na ròpannan a chuir nam chuimhne lianas an t-seanna dhachaich agam. Rinn ur gnè gàirdeachas orm, aig an toiseach co-dhiù, agus chum iad biadh is a h-uile dìth a bha agam rium chun na h-ìre is nach robh adhbhar gearain ann. Aig amannan ’s ann a bhiodh iad fiù s a’ cluich leam is dhìreadh iad na crainn còmhla rium.

Ach nuair a dh’fhàs na duilleagan mòra geala air na crainn is a ghlac iad a’ ghaoth bhon àird a deas, b’ann an uair sin a chiadh mo bheatha sìos an rathad. Chaidh luasgadh sèimh na coille na tulgadh garbh, is chaidh mo sgiùrsadh le uisge saillte is gaothan fiadhaich. Chuireadh mi a-nis fon ùrlar gu uamh uaigneach dhorcha. Chan fhaicinn a’ chòrr de mo threud ach air an oidhche is iad nan cadal nan leapannan crochte. Chan fhaighinn an uairsin ach corra fuighal bidh a bha air fhàgail aig càch. Agus bu truagh am biadh sin; gun sgeul air na measan milis a bu dùil dhomh, ach planntrais gun bhlas, is duilleagan cruaidh saillte. Ach, a shìorraidh, an rud a bu mhiosa buileach, b’ e sin am fuachd, fuachd nach b’ fhiosraich do mo leithidsa roimhe.

Ach fhuair mi gu tìr chèin le m’ anail nam chraiceann fhathast. Agus bho sin chaidh mo thoirt air triall a-rithist le fear na feusaige, thar tìr is muir, gus an d’ràinig mi tìr bheag lom air a chuairteachadh le cuan, far nach robh aona chraobh san t-sealladh dhomh. An seo chaidh mi nam phàirt de threud eile, an turasa le boireannaich is pàistean ann. Ged a chuir mi clisgeadh air na boireannaich is na pàistean sin an toiseach dh’fhàs iad cleachte rium ann an ùine nach robh fada. An uair sin; nach iad a bha gam bhrìodal is gam shlìobadh gun sgur gus an do dh’fhàs mi sgìth dheth. Ach dh’fhàs is iadsan, gus an e dearmad as motha a rinneadh orm.

Leis an tìde a thugadh dhomh mar sin fhuair mi cothrom meòrachadh air staid cinn-daonna. ‘S e an rud a bu mhotha a mhothaich mi mur deidhinn nach robh soarsa agaibh mar a bh’againn; gun robh mic an duine air an cuingealachadh eadar and dà chuid an obair agus an dia. Sia èirigh na grèine coisrigte do shaothair is aonan coisrigte do Dhia. B’ e sin; an seachdamh latha; an latha a thigeadh iad cruinn còmhla ann an uamh cheart-cheàrnach bhon tigeadh guth àrd an fhir mhòir is bhon dh’èireadh guthan càich air corra uair ann an co-sheirm dhòrainneach. Ach cha rachainn ann; cha d’fhuair mi cuireadh. Chaidh iadsan a chruthacadh an ìomhaigh an Dia ach cha deach mise.

‘B e sin an latha a rachainn seachran nam aonar mu thimcheall an àite. Là a bha suid chuir mi rohmam a dhol dhan bhocsa mheatailt air cul balla nan clach far an cuireadh fear na feusaige na feasgaran seachad is bhon tigeadh an uair sin gliongadaich is glagadaich; rud a thog m’aire. Bha mi air mothachadh na bu tràithe san latha gun deach am pios fiodha a b’abhaist a laighe thar fosgladh a’ bhocsa a leigeil fosgailte. Shnàig mi a-steach, is abair annas a fhuair mi mu mo choinneamh! B’ e sin craobh bheag, is i air a sgeadachadh gu grinn le snàithean ioma-dhathte, a chuir nam chuimhne eigeachan na sean choille. Fhios agaibh; b’ e seo a’ chiad chraobh air an do laigh mo shùil bho thàinig mi dhan àite is cha bu bheag an gàirdeachas a rinn mi rithe. Cha b’urrainn dhomh stad a chuir orm fhèin bho bhith a’ dol a-steach innte a chluich, ged a bha amharas agam gun tigeadh seo gu droch-bhuil. Agus gu dearbh cha b’fhada gus an robh mi an sàs anns na snàithean gun dòigh agam faighainn a-mach às.

Chuir mi seachad ùine mhòr nam èiginn a’ strì gun stà ris na snàthan gus an do bhrìs a’ ghràisg a-steach. Reub iad mi bho na snàithean is dh’èigh iad orm a’ cur às mo leth gur e creutair mì-naomha a bh’anam agus gun robh mi air laghannan an Dè a bhriseadh. Bho seo a-mach dh’fhàs fear na feusaige na bu ghruamaiche is na bu ghruamaiche is e a’ fàghail orm nach robh mi gu feum dha is nach robh annam ach culaidh ullaich dha.

Dh’fhàs an aimsir na bu ghruamaiche cuideachd is na bu dorcha is na b’ fhuaire. Shearg na làithean gus nach robh annta ach greiseag de sholas doilleir. Ach thachair an uair sin rud a thug beagan sòlais dhomh air na seachdainean a bha gu bhith, gun fhiosta dhomh, nan seachdainean mu dheireadh de mo bheatha. B’e sin gun tigeadh na daoine còmhla air na h-oidhcheannan, saor bhon obair is saor bhon Dia. Gheibhinn cuireadh a dhol ann an sin agus chunnaic mi rud a chuir mòr-iongnadh orm. Chuireadh cuid seòrsa de chochall trìd-shoilleir don sgòrnan is dheoghaileadh iad an cungaidh dhìomhair asta a thugadh orra dol air ais gu bhith nam muncaidhean ceart. Gun uallach orra bhiodh iad a’ braoisgeil, is a’ seanchas is a’ dannsadh.

Gu dearbh b’e sin a thachair air an oidhche mu dheireadh de mo làithean air talamh. B’e sin deireadh latha àraid, nuair thàinig sluagh mòr còmhla bho air feadh a’ cheàrna. Bha càraid aig teas meadhan a’ ghnothaich an turasa is iad air an èideadh gu neònach, ise ann an geal, easan ann an dubh. Agus am biadh a dh’ith iad a Dhia! Bu mhòr na co-chreutairean bochd agam a dh’aom an cinn an latha ud, is a bha air an sgapadh thar a’ bhùird. Chuir e clisgeadh orm mar a chaidh a’ chuideachd an sàs annta mar bhiastan cìocrach. Agus nuair a thòisich cuid aca air a’ chungaidh a ghabhail, b’ iadsan a chaidh nan caoch buileach. Chuireadh am botail dhan bheul agam fhìn le fear dhiubh is dh’fhairich mi an steall losgach a’ dol sìos mo sgòrnan; sìos gu mo mhionach. An uair sin lìon mo bhodhaig le blàths, is bha mi nam muncaidh am measg muncaidhean an treud agam, is sinn uile a’ dannsadh is a’ leum.

Abair toileachas; gus an deach mi an laigse. Ach b’oillteil an dòrainn a thàinig às a dhèidh. Thàinig mi thugam leis a’ ghrèin a’ losgadh tro m’fharbhailean is fàileadh an òraisg agam fhèin gam thachdadh. Agus gu sealladh orm; mo cheann; bha e na ghaoir, is e a’ plosgadh gun tròcair. Bha fhios agam gun robh an cungaidh air toirt orm a dhol nam cheann daonna aig an deireadh is uallachan an t-soaghail orm.

Os mo chionn sheas sgàil sglèothach fear na feusaige le aogas air a bha cho mosach, greannach a coimhead, is fearg na shùilean. ‘Is tusa an culaidh-nàire dhomh, a chreutair shuaraich a tha thu ann’ dh’èigh e orm. Leis a sin thug e grèim air gaoiseadan mo dhruim, is thog e mi mar gun robh mi nam luideag. Thug e a mach mi gu far an robh togsaid na seasamh a bha làn uisge dubh, tiugh. Mus robh tìde agam m’anail a ghabhail bha mi-a staigh ann is cròg an fhir gam phutadh na bu doimhne is na bu doimhne. An t-uabhas! An oillt! ‘S iad seo ur smaointean tha mi an dùil. Ach cha b’e siud a bh’ann dhomhsa. B’ e faochadh a bh’ann dhomhsa. An tearr gam shuaineadh mar mhàthair a’ suaineadh pàiste agus am bàs gam ghiùlain gu àite eile.

Nuair a bha fear na feusaige cinnteach gun deach mo lùths is m’anail a smàladh thog e mi bhon bharaill is ghiùlain e mo bhodhaig sìos an leithid dhan chidhe, gun for aige dhan tearr a bha a’ ballachadh aodach. Aig ceann a’ chidhe thilg e a-mach mi le uile neart dhan mhuir gharbh.

Cha tug e fada gus an robh mo chorp air a sguabadh air ais dhan chladach far an do laigh mi greis beul fhodha le mo spadagan a’ sluisreadh gu sèimh leis an t-suail. Thàinig boireannach òg an uair sin le eallach air a druim. Nuair bu lèir dhi mis’, thuit i gu a glùinean, ’s i a’ rànail is ag ochanaich. ‘Mo Thruaghain, a chreutair bhochd gun ciont, a leanaibh. Dè rinn sinn dhut?

Ach nam biodh fìos aice air an truas a dh’fhairich mi dhise.

– Alistair Paul

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach