Òran an t-Srùbain | Liam Alastair Crouse

‘S e srùbain as fhèarr le Liam, mar a th’ aige san òran bheag aotrom seo mu bhith togail an t-srùbain ann an Uibhist a Deas. Tha fonn ùr air, ma dh’fhaighnicheas tu snog air, ’s dòcha gun seinn e dhut e.

Òran an t-Srùbain

Le Liam Alastair Crouse

’S e srùban ’s e srùban ’s e srùban a b’ fheàrr
Bho shìos air a’ Chàrnan gu Bàgh Mòr Ghleann Dàil
’S e srùban ’s e srùban ’s e srùban a b’ fheàrr
Gur mise bhiodh sunndach ’g iarraidh shrùban gach latha.

Gur ann an Rhode Island a thòisich mi òg
Falbh chun a’ chladaich ‘s dol timcheall nan stròm
A’ togail a’ mhaoraich le saoirse gu leòr
Bucaid is ràcan ’s nam bhòtannan mòr’.

Tha strùban cho blasta is furasta buain,
Fo uachdair a’ ghainmhich an cladach a’ chuain,
Lem ràcan de mhaidean is tàirnean bhios buain
Togaidh mi srùbain air iomall nan stuagh.

Tha muirsgein is breallaich is faochagan mòr’,
’S ged as blasta a’ chreachainn tha gleusta na dòigh,
Tha rionnaich is liùgha is iasg de gach seòrs’,
Ach ’s e srùban as fhasa ‘s as blasta mar fheòil.

Nì mi clam cakes is chowder mar bh’ agam ’s mi òg
Neo gan cur ann am pana le uisge rin goil
Gam fraidheadh am breadcrumbs le splaiseag den òl’,
Neo gan sauté le pasta mar fra diavólo.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach