Òran Beatha | Rab Noakes

Thadhail an seinneadair Rab Noakes air Eilean Arainn gus consart is bùth obrach air sgrìobhadh òrain a chumail. Thug Alistair sgrìob dhan bhùth obrach. Dè fhuair e aiste?

 

Rab Noakes 2

Ma tha seinneadair Albanach ann a bha thall ’s a chunnaic, is esan Rab Noakes. Bho bha e na chnapach beag a’ seinn le clàran country is Albanach a phàrantan, is e a’ fàs suas ann an Cill Rimhinn sna 50an, tha e a-nis a’ comharrachadh 50 bliadhna bho nochd e air an àrd-ùrlar gu proifeiseanta son a’ chiad uair. San àm sin tha e air trithead clàran a thoirt a’ mach is òrain gun àireamh a sgrìobhadh. Tha e air gach car is lùb ann an eachdraidh ceòl pop, folk is country ann an Alba a shiubhal bhon tùsan sna 60an, is e a’ seinn na aonar no a’ cur taic ri leithid Barbara Dickson, Stealer’s Wheel, Gerry Rafferty is Lindisfarne. Ged nach do choisinn e a’ cheart uiread de dh’aithne a fhuair cuid dhiubh sin bha e a cheart cho buadhmhor.

‘S e fear seangarra a fhuair sinn air ar beulaibh le aogas glastaidh nach fhalaicheadh a chuid aodach dathach. Ged a laigh buaidh an leigheis a fhuair e airson aillse o chionn greis air a thur cha do laigh e air a spiorad. Bha a shùilean fhathast dealrach beòthail is a chainnt puingeil, eirmseach. As cudromaiche buileach, bha e fhathast a’ seinn is a’ sgrìobhadh òrain, rud a tha dhasan mar a bhith a’ tarraing anail dhan chòrr dhìnn. Bha an giotàr na uchd mar phàirt dheth. Bha e follaiseach gur ainneamh a bhiodh e fada bhuaithe is shruth an òraid gu nàdarra eadar cainnt is seinn is cluich a’ ghiotàir.

Ged a bha leigheasadh aillse na bhuille chruaidh dha b’ e an aon rud math mu dheidhinn gun deach aige air òran no dhà a thoirt a-mach às thuirt e; an snodha-gàire air aodann mas fhìor a’ magadh air a’ bhàs a mheall e. ‘S ann bhuaithe a thàrmaich an clàradh mu dheireadh aige ‘The Treatment Tapes’. ‘S e cuspair dòrainneach a th’ann ach chan ann mar sin a tha n h-òrain na chois. Chan eil sgeul air fèin-truas; an àite sin chleachd Rab na thachair dha mar dhòigh a bhith a’ tarraing air farsaingeachd de chuspairean a bhuineas rinn uile leithid; gaol, strì, eirmse is taic bho daoine eile. Sheinn e òran dhuinn bhon chlàradh air a bheil ‘Water Is Your Friend’ Sin an abairt a chleachdadh nurs ris gus impidh a chur air barrachd òl. Sheas na faclan an ceann Raib is fios aige gum faigheadh e òran às aon uair ’s gun tilleadh a neart. (Mar thoradh air buaidh nam faclan bha botal uisge maille ris fad na h-ùine bhon shluigeadh e gu cunbhalach). ‘S e seo, thuirt Rab, an seorsa teachdaireachd a chòrdas ris: far am faighear barrachd na an aon chiall; far an tèid aig an luchd eisteachd ciall a chruthachadh dhaibh fhèin.

Agus sin mar a ghineadh òrain Rab gu tric; air an togail air bunait beag; corra fhacal no ’s dòcha pàtaran de chòrdan. Uaireigin thigeadh na h-òrain gu h-ealamh, uaireigin gu mall. Uaireigin cha tigeadh iad idir is rachadh fhàgail le bloighean nach gabhadh rèiteachadh. Lean Rob air mar sin a’ feuchainn air mìneachadh a’ thoirt air na rudan a bheir buaidh air, a’ tarraing air diofar òrain a sgrìobh e na bheatha. Bha e air tràigh faisg air Barcelona nuair a mhisnich bòidhchead an àite òran. Thug sreath de chòrdan ga chuimhne a sheann charaid Gerald Rafferty is rinn e òran dha. Bha giotàr aige, thuirt e, a bha math air an àrd urlar, ach bhuaithe cha tigeadh òran. Bha seann ghiotàr eile aige bhon taomadh na h-òrain.

Agus poilitics. ‘S ainneamh a chluinnear luaidh air a’ chuspair an lùib ceòl pop san latha an diugh ach buinidh Rab dhan ghinealach dha nach robh e na chùis-nàire. Bha e fhathast cofhurtail le bhith a’ toirt seachad teachdaireachd phoilitigeach ged nach buaileadh e a-steach e ‘le òrd mòr’ mar a chuir e fhèin an cèill. Nuair a fhuair e coimisean o chionn greis gus òran a sgrìobhadh ann an Albais chleachd e an cothrom gus aire a thoirt do chor nan in-imrichean a bhios ag obair ann an ionadan glanaidh chàraichean. ‘S e cuspair a’ bhuail air nuair a mothaich mar a bhiodh buidheann mòr de dh’in-imrichean a’ nochdadh taobh a-muigh an ionaid a chleachdas e fhèin gach madainn ’s iad an tòir air obair latha, is bhon rachadh àireamh bheag a thaghadh. Anns an òran tha Rob a’ dèanamh coimeas eadar na chunnaic e is na seann fhèillean fastaidh àiteachais a ghabhadh àite aig aon àm air feadh na dùthcha. Gus cur ris an ìomhaigheachd chleachd e cainnt bho seann laoidhean bhothain is dàin a sgrìobh Raibeart Burns.

Chan e rud cho simplidh a th’ ann a bhith a’ dèanamh òrain a rèir seanchas Raib. Is beag an t-iongnadh sin. Bidh eanchainn an fhìor neach ealain ag obair ann an dòigh ioma-fhillte agus ’s e sin a chuireas iad fa leth bhon t-sluagh àbhaisteach. Bu bhuidhe dhuinn a bha aig a’ bhùth obrach gun d’fhuair sin soillseachadh air mar a dh’obraicheas inntinn neach ciùil Albannach ealanta is mar a bheir cruthachadh brìgh dha bheatha. Guma fada a chumas e air ris!

– AP

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach