Òran Br-fhàgail Brònach

Seo agaibh duanag a’ toirt geàrr-iomradh air cùisean mòra Brexit ann am beagan fhaclan a-rèir nam beachdan is a’ bhreithneachaidh as motha a chluinnear ma dheidhinn sna naidheachdan.

Ma tha cuid agaibh airson a gabhail os làimh ron ath-Mhòd Nàiseanta, ’s ann ris an fhonn “Chuir iad mis’ a dh’eilean leam fhìn” a tha i air a duanadh! Is dòcha gun còrd e ri Eurovision cuideachd.

Chuir iad sinn a dh’eilean leinn fhìn
Chuir iad sinn a dh’eilean leinn fhìn
Chuir iad sinn a dh’eilean leinn fhìn
Eilean mara fad’ on mhòr-thìr.

Is toigh le Jeremy Theres’ againn fhìn
Is toigh le Jeremy Theres’ againn fhìn
Is toigh le Jeremy Theres’ againn fhìn
Is toigh le Theresa silidh a’ chlòimh’-liath.

Is toigh le Èirinn fois agus sìth
Is toigh le Èirinn fois agus sìth
Is toigh le Èirinn fois agus sìth
Cha toigh le Theresa siubhal gun chrìch.

Cha ghabh Sturgeon ris a-muigh no a-mach
Cha ghabh Sturgeon ris a-muigh no a-mach
Cha ghabh Sturgeon ris a-muigh no a-mach
Suidh sìos, èist agus dùin do chab.

Chuir iad sinn a dh’eilean leinn fhìn.
Chuir iad sinn a dh’eilean leinn fhìn.
Chuir iad sinn a dh’eilean leinn fhìn.
Eilean mara fad’ on mhòr-thìr.

le Steaphan MacRisnidh

Share

One thought on “Òran Br-fhàgail Brònach

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach