Òran na Cloiche-gràin: Lèirmheas

Seo film neo-àbhaisteach ann an Gàidhlig na h-Èireann mun t-seinneadair neo-àbhaisteach Seosamh Ó hÉanaí a thog cliù dha fhèin son a chuid seinn san t-seann-nòs.

‘S tachartasan dathach, togarach as motha a tha sinn a’ sireadh aig an àmsa dhen bhliadhna, a dh’fhàgas blàths nar cridhe. B’ ann air a’ chaochladh a bha am filmsa agus ’s beag an t-iongnadh gun robh an seòmar deilbh cha mhòr falmh. Film dubh is geal mu seinn san t-seann-nòs le fo-thiotalan; bha e follaiseach nach b’ e seo film a bha ag amas air a’ mhòr-shluagh.

Cha deach ar giùlan tron sgeul san dòigh àbhaisteach, le stòraidh ga fhuasgladh dhuinn tro tachartasan is còmhradh. Dh’fhosgail am film gu sealladh farsaing de speur is tìr le Seosamh Ó hÉanaí a’ coiseachd troimhe is e na bhalach bheag. Bho seo a-mach b’ e sreath de dh’ìomhaighean a chaidh a thabhainn dhuinn le Seosamh Ó hÉanaí mar phàirt dhiubh is a thug sinn gu diofar amannan na bheatha. B’ ann mar gun robh sinn a’ dol tro chruinneachadh de sheann chairtean-phuist le caractaran a’ carachadh nam broinn. Cha robh sinn a’ faighinn ìomhaighean tro ar sùilean a-mhàin ach na bha sinn a’ faighinn tro ar cluaisean a cheart cho cudromach. Bha gu leòr seinn ann a shàsaicheadh sinne a tha tìtheach air ceòl traidiseanta, mar a bhiodh dùil, is bha seo air a shnìomh le bàrdachd, seanchas, fuaimean nadair is seann chlàraidhean bho tasglannan a bharrachd air a’ chòmhraidh a bha gann.

San dòigh seo chruthaich am fìlm tapais a dh’fhighe a-steach dualchas, dùthchas, is na daoine. Ged a shiubhail Seosamh fad is farsainn gu Sasainn, Alba is Eabhrag Nuadh mhair e mar snàth sa bhrat seo. B’ esan an snàth a cheangail e fhèin do bhile feòir ann an Gaillimh aig toiseach an fhilm is don thill e aig an deireadh.

‘S e an ìomhaigheachd neart an fhilm agus ’s fhiach fhaicinn air a sòn, ach aig an aon àm b’ e film le coltas rud beag aonranach, uaigneach ri linn. Tha sinn a’ faireachdainn mar gur e eilean a bh’ann an Seosamh ann an cuan farsaing. ‘S dòch’ gur ann mar sin a dh’fhàirich e fhèin, ach bha e ceangailte le daoine eile na bheatha. Rugadh do theaghlach e is thogadh ann an coimhearsnachd e, is fhuair sin grad-iomradh air an teaghlach a bha aige fhèin is a thrèig e. Bhithinn fhèin rud beag nas riaraichte mas e ’s gun d’fhuair sin beagan a’ bharrachd soillearachaidh air na dàimhean seo is mar a thug iad buaidh air an duine a dh’èirich asta.

‘S e film mall a th’ann an Òran na Cloiche-gràin a dhrùidheas a-steach oirnn is a bheir sinn gu saoghal eile. Rach is faic e ach ’s fheàrr a bhith san t-sunnd cheart arison film a tha tiamhaidh is smaoineachail.

Air mo shònsa cha chreid mi nach tèid mi gu pantomime a- nis: O yes I will!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach