Cleachd I No Caill I! Ach Ciamar?
Seo sia beachdan bho Alistair air mar a chuireas tu gu feum a’ Ghàidhlig ghaolach agad.
Seo sia beachdan bho Alistair air mar a chuireas tu gu feum a’ Ghàidhlig ghaolach agad.
Diluain 15mh Iuchar bidh Gàidheil XR agus daoine bho air feadh na dùthcha a’ togail fianais ann an Glaschu ann an dlùth-chomann le fògarraich na gnàth-shìde. Bidh sinn ag iarraidh air an riaghaltas rudeigin a dhèanamh gus stad a chur air briseadh-sìos na gnàth-shìde a tha ag adhbhrachadh fulangas air feadh an t-saoghail an-dràsta.
Seann sgeul air a h-innse iomadh uair, bidh an sgeulachd a’ gabhail car le gach innse ach a’ fuireach cho fìor ’s a bha i riamh aig a’ bhrìgh. Seo sgeulachd Mac Deichtine air ath-innse le Eòghan againne.
Tha e doirbh a chur ann an aon artagail a’ bhuaidh a tha air a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba air an dùthaich ach nuair a dh’fhosgail i as ùire, bha an dùthaich làn de chothroman. Bha Eòghan againne ann mar sgoilear aig an Fhosgladh Oifigeil agus tha e a’ toirt sùil air ais air…
Tha taisbeanadh ùr aig Taigh-tasgaidh na h-Alba a tha a’ cnuasachadh mar a thàinig ìomhaigh romansach na h-Alba gu bith – sgeul a tha gu mòr a’ buntainn ri cultar nan Gàidheal. Thadhail Gille-chrìost MacGill’Eòin air an taisbeanadh air an t-seachdain seo, agus seo agad an lèirmheas aige dhen taisbeanadh.
Bha tiocaidean an-asgaidh a’ dol aig Féile na Gealaí – fèis-chiùil Ghaeilge – do Ghàidheil na h-Alba gus na bannan a neartachadh eadar Gàidheil òga dà thaobh Sruth na Maoile. Seo Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, a fhrithealaich an fhèis, ag aithris.
Dè nì thu leis an t-samhradh seo a laochain? Eòghan a’ cur dùbhlan ro oileanaich òga na Gàidhlig as t-Samhradh seo.
Chaidh Gàidheil XR a ‘Die In’ aig Taigh-tasgaidh Kelvingrove gus an cunnart a th’ ann an atharrachadh na gnàth-shìde do dhaoine, do chànain agus do chulturan a shealltainn. Tha Catrìona Mulholland, a tha na ball den iomairt, ag aithris.
Bidh gu leòr ga sgrìobhadh is ga ràdh mu dheidhinn Uilleam MacNèill, fear Celtic gu a smior, sgiobair Leòghainn Lisbon agus fear a bha na fhuamhaire ann am ball-coise na h-Alba, ach chan eil agam ach sgeulachd bheag mar chlach air a chàrn.