Poileasaidh-stàite an Latha: Leth-oireachas?

An Trumpach, Balla Mòr Mheagsago, NATO… tha Liam a’ toirt sùil fharsaing air poileataigs nan Stàitean agus mar a tha leth-oireachas (isolationism) a’ gabhail làmh an uachdar air ciall is co-obrachadh.

Leth-oireachas nan Stàitean Aonaichte

Tha an Trumpach air thoiseach sna cunntasan-beachd a-nis, 44% gu 39%, a rèir CNN. Leis gach mìos ga gearradh sìos, chan eil Balla mòr Mheagsago ach a’ tighinn nas fhaisge air bith. Cò eile tha a’ faireachdainn gu bheil sinn san fhiolm ‘Runaway Train’?

TrumpachSeadh, chan aithne dhomh Albannach sam bith a shaoileas gu bheil poileasaidhean an Trumpaich ciallach, reusanta, ach air an taobh thall, tha mi a’ faicinn dhaoine a’ nochdadh an siud ’s an seo gus taic a chur ris. ’S e na poileasaidhean leth-oireach (isolationist) as motha tha còrdadh ri daoine: cuir stad air na h-in-imrichean, na bi a’ searmonachadh ri dùthchannan cèine mu chuirean-fodha stàite (coups d’État) nuair nach eil Na Stàitean seasmhach, Dèan Aimeireaga Uaibhreach A-Rithist.

The-Simpsons-vs-Fox-News-1Bidh leth-oireachas a’ nochdadh nuair a dh’fhàsas muinntir dùthcha sgìth de bhith a’ cluich ‘gheamaichean’ an t-saoghail. Seadh, nuair a thàinig an Roinn Eòrpa gu buillean sa Chogadh Mhòr, cha robh aig Na Stàitean ach ‘leig leotha am marbhadh fhèin’ (cha b’ ann gus an tàinig an Cogadh gar n-ionnsaigh, leis an teileagram Zimmerman, a dhùisg sinn le èiginn às ar suain).

Chanainn gur e sin a tha a’ dol an-dràsta – airson fada ro fhada bha Na Stàitean gan suidheachadh fhèin mar fhreiceadan an t-saoghail. Gu math no dona – bidh sin mar a bhitheas e, tha a-nise muinntir nan Stàitean ag ràdh ‘foghnaidh na dh’fhoghnas, cha tig sinn a-steach air gnothach sam bith ach nuair a bheanas e rinne’. Tha ISIS na dheagh eisimpleir… (thèid an t-ideòlas radaigeach sin a bhomadh air ais gu Linn na Cloiche, a rèir an Trumpaich… agus Clinton).

NATO

Ach tha cunnartan mòra leis an fheallsanachd leth-oireach. Mar eisimpleir, tha an Trumpach den bheachd nach e a th’ anns na Dùthchannan Aonaichte (UN) – buidheann a chaidh a stèidheachadh ann an 1945 an dèidh sgrìos an Dàrna Cogaidh – ach ‘gèama poileataigeach’: seasamh a chòrdas ri deannan Aimeireaganaich. Nas cunnartaiche buileach, tha an Trumpach den bheachd gu bheil NATO ‘gun fheum’. ’S e an argamaid a th’ aig an Trumpach gur e toll airgid a th’ ann dha Na Stàitean agus nach eil na buill eile a’ cur an cuid fhèin ris. Agus tha e ceart, gu h-ìre, an sin agus Na Stàitean a’ pàigheadh còrr is 70% den t-suim iomlan. Seadh, chan eil fiù ’s Breatann, a bhitheas a’ cosg an dara ìre as àirde às dèidh nan Stàitean, a’ teannadh air 10% de na bhitheas Na Stàitean a’ cosg.

Fo chead CC 3.0

Dùthchannan NATO | Fo chead CC 3.0

Ach an cunnart le NATO, a chaidh a stèidheachadh ann an 1949 coltach ris an UN, dh’fhaodadh tèarainteachd na h-Atlantaig mu Thuath tuiteam na spealgan ma thèid a chur dhan dara taobh. ’S e aon de na h-eisimpleirean as fhèarr san latha an-diugh den fheallsanachd a bh’ aig Roosevelt (a bhitheas Aimeireaganaich òga uile ag ionnsachadh san sgoil): ‘bruidhinn gu socair agus thoir leat bata mòr’ – .i. na dèan cus sgalartaich ach dèan cinnteach gu bheil arm mòr fo d’achlais.

’S e NATO am bata mòr san Roinn Eòrpa, seach an t-Aonadh Eòrpach (AE). Ged a tha riaghladairean Bhreatainn ro dheònach sgaradh ris an AE, cha sgaradh iad idir – Alba nam measg – ri tèarainteachd NATO. Seadh, cha bhiodh e ceàrr a ràdh gu bheil buill Westminster den bheachd gur e ùrachadh Trident iad-san a’ coileanadh pàirt den chùmhnant aca do NATO.

An Ruis

Ach tha dùbhlan na Ruise fhathast ri thighinn. Saoilidh mi ged a tha am Putineach air a bhith sàmhach fad treis on a ghabh an Ruis an Criom thairis (2014 chun an latha an-diugh), tha barrachd san amharc aige. Mar eisimpleir, fad bhliadhnaichean a-nise, tha itealain-cogaidh is eile air a bhith a’ dèanamh ionnsaighean neo-armaichte air dùthchannan NATO. Rinn iad fiù ’s ionnsaigh-deuchainne niùclasach air an t-Suain ann an 2013. ’S e gnothach iomagaineach a th’ ann agus às aonais bata mhòir NATO, bhiodh am Putineach saor gu rud sam bith a thogras e dèanamh, amhail mar a bha Hitler sna 1930an. Agus dh’fhaodadh gu bheil e fìor nach eil an ciùineachadh (appeasement) seo ach a’ dèanamh ghnothaichean nas miosa.

Riof Subi | Raon Phoblach

Riof Subi | Raon Phoblach

Ach tha an suidheachadh seo uile cuimsichte san Roinn Eòrpa – tha dùbhlain nas motha na ’n Ruis aig Na Stàitean – is bidh fios aig an Trumpach air sin. ’S e sin Sìona, a tha air a bhith fàs cus nas bragaile. Tha an Sìona fiù ’s a’ togail bàbhan gainmhich sa mhuir gus dion a chur riutha ma thig e gu buillean cogaidh sa Chuan Sèimh. ’S e seo as adhbhar do bheil Na Stàitean air a bhith a’ gluasad an Airm agus a’ Chabhlaich chun an taobh sin den t-saoghal (agus chan e Coiria a Tuath mar a tha Washington a’ cumail a-mach).

‘Bi an Ruis aig na h-Eòrpaich’, canaidh na h-Aimeireaganaich, ‘tha Sìona againne’.

– Liam Alastair Crouse

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach