Ann an 1765 chaidh dealbh a pheantadh dhen teaghlach aig a’ mharsanta tombaca
John Glassford. Lorgar fìor bhrìgh na h-ìomhaighe anns na rudan nach fhaicear.
Naoi aodannan aibhseach
Air an aiseig ann am frèam òir
Sùilean nan dubh linneachan
Gun annta fiamh aigne
Ìomhaigh dhachaigheil
A roghnaicheadh dhomh
Tro faileasan fada tìm
Teachdaireachd sheòlta
Aig gach suathadh-bruis mìn
Soirbheachas bheatha
Torrachas: toirbheartas
Saoibhreas: sealbhachas
Ach, cò an sgeul nach deach innse
A tha am falach anns an duibhre?
Cò na taibhsean nach do nochdadh
Ag èigheachd gu sàmhach an sgeòil?
Maoidheadh fhiachan is misge
Cagar mnà is cloinne a dh’eug
Cràdh-chaoineadh thràillean
An cuimhne air ìobairt do bhreug