Prince Rogers Nelson 1958 – 2016
Prionnsa. Marbh. Taigh na… uill leis gun do chuir an Duine Beag Purpaidh an aghaidh speuradh nuair a dh’fhàs e na bu shìne, cha chuir mi crìoch air an abairt sin. Bàs grad, ceangailte ri tinneas goirid le eug na bhun. Gun a bhith ach 57. Ro òg.
Iomradh-bàis eile air Dàna le Eòghan? Feumaidh mi aideachadh nach eil roghainn agam. Loved the guy. Loved the music. Chunnaic mi beò e. Chuir mi air dòigh latha imrich a dh’aon ghnothaich gum faighinn dhan Hydro aon fheasgar Diardaoin. Aon fheasgar air leth le trì mile deug luchd-leantainn eile. Gach neach air a ghlacadh le gach hit.
’S dòcha nach eil beachd agad ach air Purple Rain, Raspberry Beret no 1999. ’S dòcha nach tug thu for dha on uair a chaidh e na shamhla. Is e an fhìrinn nach do dh’fhalbh e riamh. Lean e air a’ cur a-mach ceòl, cuid a bha glè inntinneach, cuid nach robh sònraichte. Ach bha a bhuaidh ri fhaireachdainn air feadh ceòl pop is roc, agus beò, cha robh duine, fiù ’s Springsteen a chumadh ceann a’ mhaide ris. Chosg e fortan a choimhead ach fhuair thu luach an airgid.
Bha an còmhnaidh aon seudag ri fhaotainn air gach clàr. ’S e na trì nòtaichean as fhèarr a chosg mi air clàr riamh nuair a cheannaich mi “Emancipation”, an clàr trìpailte a rinn e nuair a bha e saor mu dheireadh thall on chùmhnant le Warner Bros. “One of Us”, cover as fhèarr a chuala mi riamh. Fiù ’s air feadhainn leithid Planet Earth, 20Ten agus Come, bhiodh òran no dhà ann a ghlac d’ aire. Cò eile a sgrìobhadh loidhne “From the heart of Minnesota, here come the Purple Yoda” mu dheidhinn fhèin?
Bha e prìobhaiteach ach chuireadh e fàilte ort dhan taigh aige airson consairtean. Bha e neònach ach bha e smaoineachail. Bha e bras ach bha e modhail. Bha e feòlmhorachd ach bha e cràbhach. B’e Little Richard, James Brown, Al Green, Jimi Hendrix agus Micheal Jackson a bh’ annsan ann an aon duine. ’S dòcha gur e rap agus hip-hop an aon dòigh-chiùil air nach d’fhuair e fhèin làmh an uachdair ceart riamh, ged a bhiodh a cheòl fhèin a’ toirt buaidh mhòr air gach duine o 2Pac gu Kanye West. Bha e dubh agus bha e moiteil às. Rinn e iomairt gu socair sàmhach agus leis nach do bhruidhinn e tric, nuair a dh’fhosgail e bheul fhuair e èisteachd.
Mar sin tha e freagarrach agus gur e tomhas de inbhe agus chliù gun tug a’ chiad Cheann-suidhe dubh luaidh air a bhàs, a’ cleachdadh nam faclan aige fhèin “’Sreapaidh spioraid làidir os cionn riaghailtean’, ars Prince uaireigin – agus cha robh spioraid duine eile cho làidir, cho dàna no cho cruthachail.” Chan urrainn dhomh a dhol às àicheadh sin.
Chuir e sluagh-gairm air còmhdach Purple Rain “May U Live 2 C The Dawn”. Chan eil sion a dh’fhios agam dè tha sin a’ ciallachadh ach tha mise cuideachd an dòchas gum mair sibh fhèin gus am faic sibh a’ Chamhanaich.