Prìs na dighe: ro àrd no ro ìosal?

© Alex Pink

© Alex Pink

Dh’fhaoidte nach tug sibh an aire nach deach Achd na Dighe (Prìs as Ìsle) a chur an gnìomh fhathast, ged a chaidh a ghabhail fon lagh san Ògmhios 2012. Mas e uisge-beatha an deoch as fheàrr leat – no rud sam bith seach Frosty Jack’s agus a leithid – ’s cinnteach gu bheil thu mar-thà a’ pàigheadh barrachd air 50 sgillinn gach aonad dighe. Cuideachd, mas ann sna taighean-seinnse a bhios tu ag òl mar as trice, ’s ann glè ainneamh a gheibh thu deoch sam bith aig prìs nas ìsle na sin co-dhiù. Ach, faisg air dà bhliadhna an dèidh don bhànrigh a h-aonta a chur ris an lagh ùr seo, tha bùithtean air feadh Alba fhathast a’ reic deoch làidir aig prìsean nas ìsle na 50s/aonad.

Tha e follaiseach carson a tha Riaghaltas na h-Alba airson an lagh seo a thoirt a-steach. Tha sinn ag òl barrachd na dùthaich sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte, agus barrachd na a’ mhòr-chuid de dhùthchannan san t-saoghal. Tha barrachd dhaoine ann an Alba a’ bàsachadh le caitheamh a’ ghrùthain na tha ann an dùthaich sam bith eile san RE, seach an Ungaire. A rèir an Riaghaltais, tha Seirbheis Nàiseanta na Slàinte (SNS) a’ cosg £405 millean gach bliadhna air seirbheisean co-cheangailte ri deoch làidir. A’ fuireach ann an Alba bho latha gu latha, tha droch bhuaidh na dighe gu math soilleir aig ìre phearsanta, cuideachd; gun teagamh, tha seo fìor sa Ghàidhealtachd, far a bheil tinneas na dighe na leòn air iomadh teaghlach ’s coimhearsnachd.

Tha e car tàmailteach, ma-tà, gur e Comann Uisge-beatha na h-Alba (CUA) a tha aig cùl na dàlach leis an lagh ùr seo. Cha bhi an lagh a’ bualadh air prìs uisge-bheatha, ach ’s i a’ buidheann a th’ air a bhith a’ sabaid an aghaidh an Riaghaltais agus an aghaidh an lagh’ ùir ann an Cuairt an t-Seisein ann an Dùn Èideann. Air 30mh latha den Ghiblean, fhuair an CUA cead a dhol gu Cuairt Ceartas na h-Eòrpa ann am Luxembourg, a’ feuchainn ri cur às don lagh ùr. Tha sin a’ ciallachadh gum bi mu dhà bhliadhna de dhàil a bharrachd ann mus tèid an Achd a chur an gnìomh (ma thèid idir).

Tha an CUA ag ràdh gu bheil àireamhan a thaobh òil a’ dol sìos mar-thà, agus nach dèan prìs as ìsle diofar do dhaoine a’ fulang le tinneas na dighe. Tha iad cuideachd a’ gabhail dragh, a rèir coltais, mu na daoine as bochda ann an Alba, a bhios a’ call a-mach ma thèid prìs na dighe suas. Ach a bheil e dha-rìribh na bhuannachd do dhaoine bochda ma tha deoch làidir leithid Frosty Jacks no super lager nas saoire na sùgh orains, nas saoire na greim bìdh uaireannan? Gun teagamh, a bharrachd air an Achd ùr, feumaidh sinn tòrr a bharrachd a dhèanamh mun neo-ionnanachd a th’ againn ann an Alba – a’ gabhail a-steach còraichean cànain agus còraichean fearainn, cuideachd – ach tha e doirbh a chreidsinn gum bi an CUA aig cridhe na strìthe.

‘S e cnag na cùise gu bheil a’ mhòr-chuid de na taighean-staile ann an Alba fo smachd companaidh mòr na dighe, leithid Diageo (Talisker, Lagavulin, Caol Ila, Oban, Dalwhinnie…), Edrington Group (Highland Park, Macallan) agus Beam Inc (Laphraoig, Admore). Tha na companaidhean sin cuideachd a’ reic deochan eile, leithid vodka ’s schnapps – agus sin far am bi iad a’ faireachdainn buaidh an Achd. A bharrachd air sin, tha eagal air na companaidhean mòra ud gum bi dùthchannan eile san RE aig a bheil trioblaid le deoch làidir a’ stèidheachadh lagh mar Achd na Dighe againne, agus gum bi sin a’ bualadh air an àireamh de reicean aca.

Tha an CUA a’ creidsinn nach urrainn do riaghaltas cleachdaidhean dhaoine atharrachadh tro lagh mar seo. Ach dh’fhaodadh tu ràdh gur e sin dìreach na thachair leis a’ Chasg Smocaidh. Nuair a bha an Casg Smocaidh ga dheasbad, bhiodh cuid ag ràdh, “Ma bhios daoine airson smocadh, bidh iad a’ smocadh.” Agus bithidh, gun teagamh – ach chan eil e cho furasta no cho tlachdmhor dhaibh leis a’ chasg. An rud as cudromaiche, tha an Casg Smocaidh a’ toirt teachdaireachd làidir do dh’òigridh a thaobh smocaidh, agus sin a’ toirt buaidh air na cleachdaidhean acasan bho aois òg. Nach bi an aon rud a’ tachairt le Prìs as Ìsle na Dighe?

Sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, tha barrachd meanbh-ghrùdairean (microbrewers) air fhosgladh ann an Alba ’s cuid de dhaoine a-nis ag òl leann ann an dòigh eadar-dhealaichte – quality, not quantity, mar a their iad. Tha sin fìor gu h-ìre a thaobh uisge-bheatha – na braich (single malts), co-dhiù, a tha gu math daor – ach eu-coltach ris a’ mhòr-chuid de thaighean-staile, tha na meanbh-ghrùdairean mar as trice gan ruith le companaidhean beaga, stèidhichte ann an Alba.

Chan eil a h-uile taigh-staile fo bhratach na baddies aig an CUA ge-tà. Tha taigh-staile Bruach a’ Chladaich ann an Ìle neo-eisimeileach, agus gu math pròiseil ma dheidhinn. Tha iad a’ diùltadh feallsanachd nan companaidhean mòra a tha a’ cur prothaid air thoiseach air rud sam bith eile. Tha iad cuideachd a’ diùltadh cultar na dighe far am bi daoine ag òl an rud as saoire, agus tòrr dheth, gun a bhith a’ smaointinn mun deoch fhèin, a h-eachdraidh, no dè mar a chaidh a dhèanamh. Tha iad a’ creidsinn gu bheil luach anns na rudan sin, agus gum bu chòir dha sin a bhith mar phàirt den adhbhar gu bheil daoine ag òl an uisge-bheatha aca.

Gu dearbh, tha gu leòr nar n-aghaidh ann an Alba. Tha i fliuch ’s fuar cuid mhath den bhliadhna agus chan eil cultar apéro againn mar a th’ aca san Fhraing no san Spàinn, far am bi daoine a’ dol a-mach mu 7f no 8f agus a’ coinneachadh ri caraidean son deoch no dhà, le tapas air choireigin na cois. Ach fhathast, dh’fhaodadh lagh ùr mar seo deagh bhuaidh a thoirt air cultar na dighe ann an Alba, gu h-àraidh do dhaoine òga. Cha dèan e a’ chùis e fhèin, ach ’s fheàrr leam rudeigin fheuchainn seach a bhith a’ coimhead air na droch staitistigean againn bliadhna an dèidh bliadhna, gun a bhith a’ dèanamh càil. Gu mì-fhortanach, sin a tha sinn a’ dèanamh, fhad ’s a tha companaidhean an CUA a’ cur bacadh air adhartas an lagha.

Tha 25 dotairean ’s eòlaichean slàinte air sgrìobhadh chun an CUA sna Herald, ’s iad a’ càineadh na tha a’ bhuidheann a’ dèanamh. Cuideachd, tha an sgrìobhadair Alex Renton air ath-chuinge (petition) a thòiseachadh an agaidh an CUA. Agus ma tha thu fhèin airson rudeigin beag a dhèanamh, sin furasta gu leòr: an ath thuras a bhios tu anns a’ bhàr, gabh tè bheag Bruach a’ Chladaich.

– Rhona NicDhùghaill

Share

2 thoughts on “Prìs na dighe: ro àrd no ro ìosal?

  1. Cha chreid mi gum bi prìs as ìsle feumail do dhuine sam bith ach iadsan sa mhargaid dhubh, agus ’s e an “teachdaireachd” a tha mise a’ cluinntinn “faodaidh sibh òl gu leòr ach feumaidh sibh a bhith beartach, oir ’s ann sìobhalaichte a tha daoine beartach agus plebs fiadhaich a tha sna daoine bochda”, ach chan e sin rud ùr, sgrìobh Chesterton mu dheidhinn ceud bhliadhna air ais ann an The Flying Inn. Co-dhiù, chan e seo ach am beachd agam, cò aig a tha fios dè tachair ann.

    Ach: ciamar a tha Bruach a’ Chladaich “neo-eisimeileach” nuair a tha iad aig Rémy Cointreau (Metaxa amsaa)?
    http://www.bruichladdich.com/news/laddie-news/bruichladdich-remy-cointreau-agreement
    http://www.remy-cointreau.com/group/activities/our-brands/liqueurs-spirits/
    Dè an diofar eadar seo agus iad sin a dh’ainmich sibh na b’ àirde?

    • Tha thu ceart, tha a h-uile taigh-stala fo smachd nan companaidhean mòra, a rèir coltas. Fhad ’s a tha sinn a’ tuigsinn, chan eil Bruach a’ Chladaich an sàs ann an iomairt an SWA an aghaidh an lagh ùr, ge-tà.

Freagair Donnchadh Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach