Bàrdachd | Purpaidh

Seo agaibh dàn lurach le Mikaela Carmichael, 16 bliadhn’ a dh’aois, aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig.

PURPAIDH

Tha oisean beag ann,

Eadar mo sgamhanan is mo chnàmh-droma

Is an sin tha lus a’ fàs.

Brùthadh beag ann an cumadh cròcais.

Leis gach anail a ghabhas mi

Fàsaidh a’ phurpaidh nas dùmhlaiche

Is gach cnap

A’ fàgail faileas air na duilleagan.

Air gach deò mhì-chinnteach

Sgaoilidh na sìolan dubhach, muladach,

Ceistean a’ ballachadh mo chneas,

Purpaidh ag aoidion bho chuislean òigh.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach