Rabhd na Bliadhn’ Ùir

Cead bho Creative Commons

”Tha aon chothrom eil’ agad gabhail ris a’ ghnàth-fhacal seo, ’s mur gabh…..”

An turas roimhe a bha mi fada a’ fuireach san Iapan, thill mi a dh’ Alba airson – mar a bha mi an dùil aig an àm – an uair mu dheireadh dhem bheatha. Bha mi a’ dol a-steach do dh’obair ùr daingeann sa Ghàidhealtachd, agus bha mi am beachd (ann am mòr-bheachd, a dh’innse na fìrinn), gur e seo cothrom nan cothrom dhomh a bhith nam fhìor Ghàidheal Gàidhealach.

Ciamar nach bithinn, ʼs mi air na h-uibhir de ghnàthsan-cainnte ionnsachadh thairis air na bliadhnaichean bho iomadh fìor Ghàidheal Gàidhealach – agus bha cuimhn’ agam air an ainmean, cho math ʼs gum b’ urrainn dhomh luaidh orrasan a thug dhomh gach gnàth-fhacal is abairt a bh’ air mo theangaidh — nach b’ e siud an dearg dhearbhadh a bha a’ cunntadh?

Carson a dh’fheumainn dearbhadh seachad air fianais om bheul fhèin? Uill, ge b’e cho fìor Ghàidhealach ʼs a bha mo chainnt, bha cuideigin ann daonnan ullamh gus ceist a chur anns na gnàth-fhaclan is ràdhan is abairtean is atharrachaidhean-cainnte beairteach a bh’ agam anns nach bu chòir teagamh sam bith a bhith aige. Theireadh neach: “Cò bhuaithe a fhuair thu siud?” ʼs e a’ coimhead orm le mala dhubh air a togail agus sùil chaogte amharasach. “O Sheonaidh Beag an Rubha!” a bu mhiann leam freagairt, ach cha do leig mi bìg orm.

Cha do leig mi bìg orm, ach nach ionann tost is aideachadh? Mar sin, dh’innseadh neach eile dhomh — ʼs e air a dhol ro dhàna air sgàth mo shàmhchair —  le guth àrd ʼs gus am biodh fios aig a h-uile duine mun cuairt oirnn “NACH CUALA E SIUD A-RIAMH” agus mi a’ feuchainn ri còmhradh a chumail ris anns a’ Ghàidhlig. Thugadh e mo dhìol dhomh gun mo làmhan a chur mu amhaich agus a thachdadh anns an spot leis an rùite a bh’ orm nach do chreid e na faclan fìnealta a bha a’ taomadh às mo bheul.

Co-dhiù, bha na h-uibhir de dhraghan eile a’ slacadaich mum chlaigeann aig an àm ud a thuilleadh air cò aig an robh a’ Ghàidhlig a bu deise. Bha mi a’ fàs aosta. Seachad air 35 bliadhna a dh’aois. Mar leadaidh a’ Bhaile Mhòir, theann mi ri bhith beachdachadh air ciamar a chumainn bacadh air an aois mhosach gun dreach. Dh’fheumainn a dhol air ais a dh’ Iapan. B’e sin an aon fhuasgladh. Le bhith ag òl tea uaine gach latha, agus a’ gabhail tofu ʼs feamainn a h-uile weekend, cha b’ fhada gus am faighinn an-dè air ais an-diugh. Uill, dh’obraich e. Seo mis’ a-nis, agus mi air fàs nas caoile leis an dinneadh ʼs an dìtheadh a bhios mi a’ fulang gach latha air trèanaichean na maidne am meadhan Tokyo.

Bliadhna Mhath Ùr!

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach