Reversadh | Lèirmheas de Euro Truck Simulator 2

Tha Dàna a’ cur fàilte air sgrìobhadair ùr comasach, Iain MacDiarmaid, às an Eilean Sgitheanach. Is fhiach seo leughadh.

Reversadh

Tha Emmerdale air a-rithist, tha mi sgìth, tha mi feumach air beagan fois. Chan eil an t-eadar-lìon aig taigh mo mhàthair luath gu leòr leigeil leam RuPaul’s Drag Race fhaicinn. Feuchaidh mi ri geam a chluich. ’S fhada bhon uairsin. Tha e fliuch, fiadhaich, dorcha a-muigh, is mar iomadh Gàidheal eile thar mìosan a’ gheamhraidh, ‘s e còsagach a tha mi a’ sireadh. Euro Truck Simulator an dòigh as fheàrr fhaighinn, is cinnteach. Thòisich mi a’ luchdachadh-a-nuas. Chan eil an t-eadar-lìon luath gu leòr ’son sin a bharrachd. Mar sin, san t-seann seòmar-cadail a bh’ agam às dèidh dha mo bhràthair an taigh fhàgail (upgrade gu double bed), tha mi fon phlangaid, làmh anns an adhar, a’ cleachdadh a fòn ’son 4g agus mobile hotspot, a’ dèanamh fiughar ri Volvo F16. Postair ùr do VisitScotland, ’s dòcha. 

‘S math gu bheil unlimited data agam, tha mo ghàirdean goirt mus landaig e. 

Tha e a’ fosgladh ann an garaids, ann an saoghal eile làn roghainnean. Cus dhiubh. Ainm, aodann, companaidh, suaicheantas, làraidh. Stad mi ùidh a ghabhail ann an làraidhean nuair a fhuair m’ athair F12. Tha cuimhne ’am air an F7. Tro bhliadhnaichean an F7, b’ e F12 riamh an t-amas. Bha mo bhràthair le fathannan an-còmhnaidh gun robh Skye Transport a’ faighinn làraidh ùr. Blondie an turas seo, ’s e Dad a bhios ann an ath-thuras. Bha seòrsa de shiostam ann – cò a b’ fheumaiche, cò a b’ airidhe, cò a b’ fhaide a bh’ air a bhith ann, agus cò a bu bhàidheile ri na bossaichean. Ach seo mise, ann an garaids, mo thaghadh fhèin agam air làraidh. Volvo F16, a-mach air an rathad mhòr leam. 

Uill, chan eil e cho buileach sìmplidh sin. Thug e leth uair a thìde dhomh mo shlighe a lorg às an yard. Ach, cho luath sa tha mi air rathaidean mòra Ghlaschu tha mi comhfhurtail sa chathair. Chan fhada gus a bheil mi aig mo cheann uidhe, reversadh. Bha fhios agam riamh gun robh m’athair math air làraidhean a dhraibheadh. Bhiodh daoine ag innse dhomh. Fiù ‘s nuair a bha mi òg, aig oir na pàirce aig geama iomain, “Chan eil duine nas fheàrr na d’athair air rathaidean an Eilein.” Tha a bhith math air d’obair, gu bith dè th’ ann, cudromach. Sin a dh’ionnsaich mi. Agus air cùl cuibhle F16, ‘s e rathaidean cumhang agus reversadh slait-tomhais do chomasan. 

Dh’fhailich orm a’ chiad uair. Jack Knife. Tha dealbh nam inntinn muinntir nan oifis bruidhinn mum dheidhinn. “Sin an gille aig John McDiarmid. Obh obh.” Oidhirp eile. An turas seo, ’s e mo sheanair ri mo thaobh. Tionndadh cearr, feuchainn ri ceartachadh, trèilear a’ dol bhuaithe, is tòiseachadh a-rithist. Nuair a bha mi a’ feuchainn ris an tractar a chur a-steach dhan bhathach a-rithist, b’ e a b’ fhoighdiniche. Cha robh èigheachd sam bith a’ dol. Dìreach comhairle is tuigse is oidhirp mo chuideachadh. Chan eil trod a dhìth nuair a tha ginealach eadaraibh. Rinn esan trod gu leòr ri m’athair, is chum m’athair an traidisean sin a’ dol. 

An treasamh oidhirp is tha e agam. Chaidh mo theleportadh air ais dhan yard. Bheil thu deiseil feuchainn air Obar Dheathain? ’S mi tha. Ach tha e anmoch is tha mi sgìth is tha riaghailtean mu na h-uairean as urrainn do dhaoine a bhith a’ draibheadh làraidh ann ’son adhbhar. Leabaidh leam. 

’Son là neo dhà, cha deach mi faisg air. Tha mi trang. Agus ’son an fhirinn innse, cha robh ùidh agam riamh ann a bhith a’ draibheadh làraidhean agus chan eil ùidh sam bith agam ann a bhith a’ cluich gheamaichean coimpiutair. Ach thill mi thuige. Tha mi aig an taigh, tha naoi bliadhna bho chaochail m’athair, is tha rudeigineach nas motha gam tharraing dhan gheam seo. 

Chan eil an sat nav fiù ’s a’ bruidhinn riut. ’S dòcha gu bheil, ach chan eil fhios agamsa ciamar a chuireas mi air e. Tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh Carlisle agus tha loidhne mòr dearg is mo thuigse fhèin air cruinn-eòlas, ag innse dhomh g’ eil mi air an t-slighe chearr. Tha teachdaireachd ag innse dhomh g’ eil mi mar tha air deireadh is gu bheil mi a’ call airgid. Tha ùine gus am faigh mi air tionndadh. 

Nuair a bha sinn òg, bhiodh sinn a’ faighinn air spins. ’S mise as òige. Ross as sìne. Bhiodh Ross neo Lorna sa chathair. Bhiodh agam ri bhith air an einnsean sa mheadhan. Cha robh e riamh comhfhurtail ach cha robh sin gu diofar. Bha m’athair eadar-dhealaichte sa làraidh. B’ e seo a shaoghal-san. Bha daoine eòlach air. Seo na bha e riamh son a dhèanamh. Bha e toilichte sa làraidh, rud, dh’fheumainn a ràdh, nach robh e san taigh. Bha e cuideachd sòbarra sa làraidh,’s dòcha gur e sin a bu choireach. Ach bha na làithean sin mìorbhaileach. Chunnaic sinn taobh eile dheth. Taobh nach fhaca sinn a-rithist gus an do sguir e òl, agus nuair a bha leanabh aig Lorna. Ogha, is le sin, gliocas seanair. Gaol, ach ceum air falbh, a tha a’ ciallachadh nach eil do chomasan reversadh na thomhais air d’ fheum. 

Tha draibheadh motorway furasta. Ach ’s e an A9 seach an M74 a tha a dhìth orm. Chan eil sgeul agam air an indicator – dè an diofar, tha mi ann am F16, gluaisidh daoine eile às mo rathad. Slip road is junction is dùbhlan eile – ciamar a tha mi a’ faicinn na tha a’ tighinn? Mun àm a tha mi air lorg fhaighinn air sin, tha mi seachad air an junction, coimhead air an ceiling trim, agus chan urrainn dhomh an còrr a dhèanamh. Brag! Chan e brag buileach a th’ ann. Tha mi air a’ chliathach de làraidh eile a reubadh. Tha mi glacte. ‘S e reverseadh, a-rithist, a tha a dhìth. 

Ist Dad. Tha fhios ’am. Beep, beep, beep, beep. Vauxhall Vectra fo na cuibhlichean. Beep, beep, beep, beep. Brag eile. First low, tha mi a’ dol a dhèanamh air an fheur. Jam air mo chùlaibh, tha mi a’ tòiseachadh ri sreap. Tha mi a’ dèanamh glè mhath. Bidh sgeulachd èibhinn agam dhaibh nuair a tha an tancar dheth is mi a’ gabhail cupa ti ann an Obar Dheathain. Leathach slighe suas, tha cuibhlichean a’ tionndadh ach tha an t-adhartas air stad. Rabhadh – “Ground soft and wet. Try and locate the diff lock” Tha fhios ’am dè th’ ann an diff lock. Tha fhios ’am glan caite bheil e. Ach chan eil sgot ’am ciamar a tha mi a’ faighinn thuige. 

Escape. Putan aig oir a’ kheyboard a bh’ air m’aire fad an t-siubhail. Tha mi ga bhruthadh. Tha an desktop agam, a tha làn bhideothan is bideagan sgrìobhaidh a tha mi air a dhèanamh, a’ tilleadh. Tha mi a’ faireachdainn nas rèidhe sa spot. 

Cha chanainn gun do chòrd an geam rium idir. Ach bha fhios agam nach còrdadh mus do chluich mi e. Chan e sin a thug orm a cheannach. Chan e draibhear làraidh a th’ annam. Ach, a dh’aindeoin sin, tha miann annam fhathast dearbhadh gun urrainn dhomh reversadh dòigheil. ’S dòcha gun gabh mi spin eile, là breagha air choireigin. Neo gun glèidh mi an geam ’son an là nuair a bhios clann agam fhein.

  • Iain MacDiarmaid

Tha Iain MacDiarmaid na ghairnealair is na chraoladair ag obair air a cheann fhèin mar Telt Media – lean air aig @teltmedia air Instagram

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach